Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1167
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1167. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 1 Dec 2021
22:30
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 863
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1167
Duration: 05:00
Litir 1167: Fearchar Lighiche (4)
Anns na Litrichean mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu Fhearchar Lighiche. Thug mi iomradh cuideachd air na Peutanaich no Clann ʼic Bheatha a bha ainmeil mar lighichean Gà idhealach fad ceudan bhliadhnaichean. Tha sgeulachdan mu na Peutanaich ann am beul-aithris ach ʼs e fìor dhaoine a bha annta. Dè mu Fhearchar Lighiche, ge-tà ? An ann do bheul-aithris a-mhà in a bhuineadh esan?
Thug Mà iri Beith nach maireann sùil air an eachdraidh. Bha Mà iri cuideachd mion-eòlach air gnà thasan-leighis nan Gà idheal, agus sgrìobh i an leabhar sgoinneil ‘Healing Threads’. Fhuair i a-mach gun robh caractar dha-rìribh ann a bhiomaid ag aithneachadh mar Fhearchar Lighiche.
Tha cairt-rìoghail aig Rìgh Raibeart II, a chaidh fhoillseachadh ann an trì cheud deug, seachdad ʼs a naoi (1379). Tha i a’ toirt seachad fearann ann an Taobh Mhealanais agus Hòb ann an Dùthaich MhicAoidh dha ‘Ffercado medico nostro’.Ìý
Seachd bliadhna an dèidh sin, tha cairt eile a’ toirt seachad grunn eileanan eadar Rubha an Stòir ann an Asainte agus Armadal air a’ chosta mu thuath. Agus cò fhuair am fearann? Fhuair ‘our esteemed and faithful leech Fearchar’. Tha leech a’ ciallachadh ‘lighiche’.
Tha e soilleir gu bheil am Fearchar ann am beul-aithris stèidhichte air fear a bha beò anns a’ cheathramh linn deug. Agus bha e ann an seirbheis an Rìgh fad ùine oir fhuair e am fearann ‘for his service done and to be done to us’. Tha e a’ coimhead coltach gu bheil an Rìgh le cas ghoirt anns an sgeulachd a’ riochdachadh Rìgh Raibeart II.
Ann am beul-aithris, bha na h-eileanan a fhuair Fearchar eadar Rubha an Stòir ann an Asainte agus an Rubha Dearg ann an Arcaibh. Math dh’fhaodte gu bheil Arcaibh mearachdach, ge-tà , agus nach deach am fearann a fhuair Fearchar ann an dha-rìribh na b’ fhaide sear na Rubha an t-Srathaidh air a’ chosta mu thuath.
Tha Mà iri Beith ag innse dhuinn mu litir le Seumas Loch, bà illidh droch-chliùiteach aig Morair Chat anns an naoidheamh linn deug. Tha Loch ag aithris mun fhearann a thug Rìgh Raibeart gu ‘Farquhar his Physician’. Ann an còig ceud deug ʼs a h-aon-deug (1511) fhuair Clann ʼic Aoidh na seann oighreachdan bho fhear, Dòmhnall Mac Dhonnchaidh à Taobh Mhealanais. Bhathar ag aithris gun robh Dòmhnall am measg sliochd Fhearchair Lighiche.
Tha an Seann Chunntas Staitistigeach a’ cur ris an sgeul. Bha ‘Ferchard’ na lighiche ainmeil a bh’ air leigheas a thoirt do dh’fhear de rìghrean Stiùbhartach na h-Alba. Fhuair Fearchar sealbh air na h-eileanan beaga eadar Rubha an Stòir ann an Asainte agus Stròma faisg air Taigh ʼan Ghròt.Â
Tha an cunntas seo cuideachd ag innse dhuinn mar a fhuair Fearchar fearann air tìr-mòr. Bha e na lighiche do na h-uachdarain, Clann ʼic Aoidh Fà rr. Rinn iadsan suaip le Fearchar. Thug iad fearann dha air tìr-mòr, agus ghabh iad fhèin smachd air na h-eileanan.Â
A bheil cuimhne agaibh, anns an Litir mu dheireadh, gun robh mi a’ dèanamh coimeas eadar sgeulachd Fhearchair agus an nathair gheal agus Clann ʼic Bheatha – na Peutanaich, lighichean ainmeil ann an Ìle? Uill, tha an Seann Chunntas Staitistigeach ag innse dhuinn gum b’ e an cinneadh aig Fearchar – Peutan – agus gum buineadh e a dh’Ìle!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: lighiche: physician, healer; Peutanaich no Clann ʼic Bheatha: Beatons; cairt-rìoghail: royal charter; Rìgh Raibeart II: King Robert II; a’ riochdachadh: representing; Clann ʼic Aoidh Fà rr: the Mackays of Farr; suaip: swap.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: An ann do bheul-aithris a-mhà in a bhuineadh esan?: did he belong only to oral tradition; thug Mà iri Beith nach maireann sùil air an eachdraidh: the late Mary Beith looked at the history; mion-eòlach air gnà thasan-leighis nan Gà idheal: extremely knowledgable about the Gaels’ healing customs; gun robh caractar dha-rìribh ann a bhiomaid ag aithneachadh mar X: that there was a real character that we would recognise as X; fearann ann an Taobh Mhealanais agus Hòb ann an Dùthaich MhicAoidh: land in Melness and Hope in the Mackay Country (N Sutherland); grunn eileanan eadar Rubha an Stòir ann an Asainte agus Armadal air a’ chosta mu thuath: several islands between Stoer Point in Assynt and Armadale on the N coast; stèidhichte air fear a bha beò anns a’ cheathramh linn deug: based on a man who lived in the fourteenth century; math dh’fhaodte gu bheil Arcaibh mearachdach: perhaps Orkney is mistaken [a mistake]; am measg sliochd X: among the descendants of X; tha an Seann Chunntas Staitistigeach a’ cur ris an sgeul: the Old Statistical Account adds to the story; Stròma faisg air Taigh ʼan Ghròt: Stroma near John O’ Groats; ghabh iad fhèin smachd air na h-eileanan: they themselves took control of the islands; ag innse dhuinn gum b’ e an cinneadh aig Fearchar – Peutan – agus gum buineadh e a dh’Ìle: tells us that Fearchar’s clan name/surname was Beaton and that he hailed from Islay.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bà illidh droch-chliùiteach aig Morair Chat: the Duke of Sutherland’s factor of ill-repute. Many Gaels today would refer to the holder of this title as Diùc Chataibh but I have here used an older term that literally means ‘lord of cats’, reinforcing the ancient totemic connection between the people of Caithness and East Sutherland (collectively) and the wildcat. The cat reference also gives us Cataibh and Caithness.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: nach deach am fearann a fhuair Fearchar ann an dha-rìribh na b’ fhaide sear na Rubha an t-Srathaidh: that the land that Fearchar obtained did not in reality go further east than Strathy Point.
Broadcasts
- Sun 28 Nov 2021 14:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 1 Dec 2021 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.