Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1168
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1168. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 8 Dec 2021
22:30
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 864
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1168
Duration: 05:00
Litir 1168: Fearchar Lighiche (5)
Tha mi air a bhith ag innse dhuibh mu Fhearchar Lighiche. An robh e às Ìle, mar a tha an Seann Chunntas Staitistigeach a’ cumail a-mach no à faisg air Inbhir Nis mar a tha cuid de sgoilearan ag rà dh? ʼS dòcha gur e dìreach gun robh fios aig daoine gum buineadh na Peutanaich – no Clann ʼic Bheatha – do dh’Ìle bho thùs as coireach gun tuirt iad gur ann às Ìle a bha Fearchar fhèin.
°ä´Ç-»å³ó¾±Ã¹, tha mi airson crìoch a chur air na cunntasan agam mu Fhearchar le bhith a’ toirt sùil air a’ bheul-aithris a chruinnich Mà iri Beith am measg muinntir Dùthaich MhicAoidh anns an fhicheadamh linn.
Bha muinntir an à ite a’ gabhail ris gur e Peutanach a bh’ ann am Fearchar. Cha do mhair ainm a’ chinnidh sin ro fhada anns a’ cheann a tuath, ge-tà . Bha sin air dà adhbhar. Ghabh cuid de shliochd Fhearchair an cinneadh Mac Aoidh orra fhèin. Agus dh’fhalbh feadhainn dhiubh gu ruige Taobh Sear Rois far an robh iad nan lighichean do na Rothaich leis an robh Oighreachd Foghlais.
Bha na seanchaidhean air Taobh Mhealanais ag rà dh gun do chuir Fearchar air dòigh sgoil mheidigeach a fhuair a maoineachadh bhon sporan aig Rìgh Albannach. Bha an sgoil ag oideachadh lannsairean a bhiodh mar phà irt de dh’Arm na h-Alba.Â
Bha fear de na bodaich a thug fios do Mhà iri dhen bheachd gun robh Fearchar na shà r-eòlaiche air tinneasan nan sùl agus gun robh Raibeart II a’ fulang le a leithid. Bha e dhen bheachd gun robh an sgoil gu siar air Ach’ an Inbhir aig beul Allt Srath Mhealanais. Chan eil sgeul oirre an-diugh.
Faisg air sin, deas air Dail na Frìthe, bha là rach far an robh na h-oileanaich a’ fuireach. Agus cuideachd faisg air Allt Mhealanais, bha tobhta ann mu choinneimh dùn ris an canar an Dùn Buidhe. Bha sin aithnichte mar ‘Là rach Taigh Fhearchair’. Tuigidh sibh gun robh daoine dhen bheachd gun robh Fearchar Lighiche a’ fuireach an sin. Chan eil dad air fhà gail dhen tobhta an-diugh. Chaidh gà rradh agus bà thach a thogail leis na clachan.
A bheil ainmean-à ite ann an Dùthaich MhicAoidh a tha co-cheangailte ri Fearchar Lighiche? Uill, tha sà ilean beag sear air Armadal air a bheil ‘Port Fhearchair’. Chan urrainn dhomh a rà dh cò am Fearchar a tha ainmichte ann, agus chan eil an t-Suirbhidh Òrdanais a’ toirt fiosrachadh dhuinn air.
Ge-tà , tha Mà iri Beith ag innse dhuinn gu bheil sgeir faisg air Ach’ an Inbhir, Taobh Mhealanais, air a bheil ‘Fearchar’s Rock’. Chan fhaigh duine ga h-ionnsaigh ach ann am bà ta. Tha mi an dùil gur e Sgeir Fhearchair a chanadh na Gà idheil rithe. Carson sgeir seach creag? Oir b’ e sin, a rèir beul-aithris, à ite far am biodh Fearchar a’ cruinneachadh cairgein a bhiodh e a’ cur gu feum ann an leigheasan. Bha sin anns a’ cheathramh linn deug. Eadhon an-diugh, bidh daoine fhathast a’ dèanamh slaman de chairgein dhaibhsan a tha a’ fulang le droch stamag.
Sin agaibh deireadh an t-sreatha Litrichean mu Fhearchar Lighiche. Tha mi a’ faireachdainn car dlùth ris an duine. Tha e againn ann am beul-aithris agus co-dhiù aon ainm-à ite. Agus tha e a’ cur nar cuimhne mar a tha seann dìleab de dh’eòlas meidigeach aig na Gà idheil. Uair no uaireigin bheir sinn sùil a bharrachd air a’ chuspair sin.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: lighiche: physician, healer; Ìle: Islay; Peutanaich no Clann ʼic Bheatha: Beatons; Rìgh Raibeart II: King Robert II; Dail na Frìthe: Dalnafree; sà ilean: small sea-inlet; An t-Suirbhidh Òrdanais: The Ordnance Survey.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: mar a tha an Seann Chunntas Staitistigeach a’ cumail a-mach: as the Old Statistical Account maintains; gun robh fios aig daoine gum buineadh X do dh’Ìle bho thùs as coireach gun tuirt iad gur ann às Ìle a bha Fearchar fhèin: that people knew that X belonged originally to Islay was responsible for them saying that Fearchar himself was from Islay; cha do mhair ainm a’ chinnidh sin ro fhada: that surname did not last too long; ghabh cuid de shliochd Fhearchair an cinneadh Mac Aoidh orra fhèin: some of Fearchar’s descendants took the name Mackay; gu ruige Taobh Sear Rois: to Easter Ross; far an robh iad nan lighichean do na Rothaich leis an robh Oighreachd Foghlais: where they were physicians to the Munros who owned the Fowlis Estate; sgoil mheidigeach a fhuair a maoineachadh bhon sporan aig Rìgh Albannach: a medical school that obtained its funding from the coffers of a Scottish King; ag oideachadh lannsairean: teaching surgeons; gun robh X na shà r-eòlaiche air tinneasan nan sùl: that X was an expert on eye diseases; gu siar air Ach’ an Inbhir aig beul Allt Srath Mhealanais: to the west of Achininver at the mouth of Strath Melness Burn; bha tobhta ann mu choinneimh dùn ris an canar an Dùn Buidhe: there was a ruin opposite a broch called Dùn Buidhe; chaidh gà rradh agus bà thach a thogail leis na clachan: a stone wall and byre were built with the stones; à ite far am biodh X a’ cruinneachadh cairgein: a place where X would be gathering carragheen [seaweed]; dhaibhsan a tha a’ fulang le droch stamag: for those who are suffering a bad stomach; tha mi a’ faireachdainn car dlùth ris an duine: I feel quite close to the man.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: tha mi airson crìoch a chur air na cunntasan agam: I want to conclude my accounts. Note that in formal usage of the language (and informally in most dialects) in a structure like this, the verbal noun is lenited and in inverse position, after the noun it is commanding i.e. ³¦°ùì´Ç³¦³ó. We say tha mi a’ cur crìoch air X ‘I am finishing X’, with cur in front of ³¦°ùì´Ç³¦³ó, but tha mi airson crìoch a chur air X. Dialectally, you might hear tha mi airson cur crìoch air X but it is still less common than the inversed form.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Uair no uaireigin: [at] some time or other.
Broadcasts
- Sun 5 Dec 2021 14:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 8 Dec 2021 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.