Agnes Mitchell, an Eaglais Abstolach
Seirbheis Ghà idhlig còmhla ri Agnes Mitchell bhon Eaglais Abstolach. Gaelic service with Agnes Mitchell from the Apostolic Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Leanabh an Àigh air a sheinn le Joanne Mhoireach
Ciùin an Oidhch’ air a sheinn le Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu
Bha Buachaillean an Dùthaich Shear air a sheinn le Julie Fowlis
Ann am Baile Rìoghail Dhaibhidh air a sheinn le Darren MacIllEathain.
Leughadh: Lùcas 2: 8-20
Rugadh Agnes Mitchell ann an Leòdhas far an robh a h-athair, an t-Urr Iain Fearghasdan, na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba ann an Nis. Ghluais an teaghlach an uair sin gu Port Rìgh nuair a chaidh a h-athair os cionn coitheanal Eaglais na h-Alba ann an sin. Nuair a bha Agnes deiseil anns an sgoil chaidh i gu Colaiste a’ Bhìobaill aig a Faith Mission ann an Dùn Èideann, far an d’fhuair i ceum ann an Diadhaireachd. Phòs i Daibhidh Mitchell, Canèidianach a bh' anns a' Cholaiste còmhla rithe.
Ghluais i a Chanada far an robh Agnes a' sàs ann an obair soisgeulach cuide ri Youth For Christ ann an Vancouver agus bha Daibhidh an duine aice na mhinistear anns an Eaglais Congregational ann an Canada bho 2002-2015. Thill iad air ais a dh’Alba far a bheil Daibhidh na mhinistear san Eaglais Abstolach ann an Cathar-Challdainn agus tha Agnes a’ toirt taic dha anns a' choitheanal. Tha ceathrar chloinne aca agus tha Agnes fhèin gan oideachadh aig an taigh.
Tha Agnes air seirbheisean Gà idhlig a chlà radh air-loidhne airson Coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu agus cuideachd airson ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gaidheal.
Last on
More episodes
Previous
Agnes Mitchell
Broadcasts
- Sun 19 Dec 2021 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Dec 2021 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal