![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0gt1kg5.jpg)
Iain Eardsaidh Mac a' Mhaoilein
Seirbheis deireadh bliadhna còmhla ri Iain Eardsaidh Mac a' Mhaoilein. John Archie MacMillan with our last religious service of 2021.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
A’ seinn 'Cò Threòir' bha Mà iri NicAonghais.
Tha Amy NicAmhlaigh a’ seinn ‘Tha Sinne Dhia a’ Seinn do Chliù’
A’ seinn ‘Dèan Dhòmhsa Tuigse’ tha Donaidh M MacLeòid
Anna Nic na Ceà rdaich, Pòl MacCaluim agus Kirsteen Menzies a’ seinn ‘A Thighearna Dhia’
Leughaidhean:
2 Corintianaich 12: 7-10
Mata 25: 42-46
Rugadh agus thogadh Iain Eà irdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus ann an Dalabrog. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spà inn airson sia bliadhna. Thà inig e a-mach na shagart anns an Òg mhìos, 1971. Bha e na shagart ann an Dùn Omhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeidh.
Dh'fhà g e dreuchd na sagartachd agus chaidh e a dh'obair mar Oifigear Leigheis-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd là n-ùine a leigeil seachad.
Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Banrigh cuide ri bhean, MÃ iri, agus tha dithis chloinne aca Harriet agus Mata.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, 's toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-à raid dhan Eadailt, far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach.
Air a shlighe a dh'obair, bidh e ag èisteachd ri clà raidhean den chà nan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailtis ionnsachadh - gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spà innteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith dèanamh seo. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf agus a' dèanamh tòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghà idhlig.
Bidh Iain Eà irdsidh os cionn nan seirbheisean Gà idhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann uair gach sia gu ochd seachdainean.
Last on
Broadcasts
- Boxing Day 2021 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Boxing Day 2021 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal