Main content
Sorry, this episode is not currently available

Blàr Waterloo le Pàdruig Moireasdan

Mar a thàinig am fonn Blàr Waterloo a shaoghal ciùil na Gàidhlig, is sgeulachd an fhuinn. How the tune Battle of Waterloo found its way into Gaelic music, and the story of the song.

Cò às a thàinig na fuinn air a bheil sinn eòlach? Ann an sreath ùr, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ còmhradh ri luchd-ciùil mu na fuinn a tha a’ còrdadh riutha, agus aig a bheil sgeulachdan is tùsan inntinneach is annasach. Anns a’ chiad phrògram, tha Coinneach a’ bruidhinn ri Pàdruig Moireasdan à Griomasaigh an Uibhist a’ Tuath mun fhonn 'Blàr Waterloo.

Tha am fonn seo ri chluinntinn ann an iomadach àite air a’ Ghàidhealtachd – ach gu sònraichte mar fhonn dannsa, an cois na Gay Gordons aig iomadach cèilidh. Ach mar a tha Pàdruig a’ mìneachadh – ‘s ann a chluinneas daoine eile e air feadh an t-saoghail fo ainmean eile. Eadar Bonaparte Crossing the Rhine, Mick Maguire, agus gu leòr eile.

Cluinnidh sinn mar a tha tùs Èireannach aig mòran de chruthan an fhuinn. Cluinnear òrain, caismeachdan, ruidhlichean agus waltzes air an aon fhonn, agus e ri chluinntinn eadar Ameireaga agus Sasainn. Agus le mòran dha na h-ainmean a th’ air ceangailte ri Napoleon, a’ toirt dhuinn beachd gun do nochd e san 19mh linn an toiseach, mìnichidh Pàdruig a bheachdan fhèin air soirbheas agus sgeulachd an fhuinn inntinnich seo.

30 minutes

Last on

Sun 9 Jan 2022 13:00

Broadcasts

  • Mon 3 Jan 2022 12:00
  • Mon 3 Jan 2022 22:00
  • Sun 9 Jan 2022 13:00