Main content
Sorry, this episode is not currently available

Maighdeanan na h-Àirigh le Ingrid NicEanraig

Mar a thàinig am fonn a th' againn air an òran Maighdeanan na h-Àirigh dhan Ghàidhlig. How the melody we today associate with the song Maighdeanan na h-Àirigh entered Gaelic music.

Cò às a thàinig na fuinn air a bheil sinn eòlach? Ann an sreath ùr, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ còmhradh ri luchd-ciùil mu na fuinn a tha a’ còrdadh riutha, agus aig a bheil sgeulachdan is tùsan inntinneach is annasach. Anns a' phrògram sa, tha e a' bruidhinn ris an tè-ciùil Ingrid NicEanraig mu fhonn an òrain Maighdeanan na h-Àirigh.

Tha an t-òran agus am fonn an-diugh air am faicinn Gàidhealach dha-rìribh. Agus mar a tha Ingrid a' mìneachadh, tha òran leis an aon ainm agus an aon seòrsa sgeulachd dùthchasach dhuinn, is e air a chlàradh aig an Urr. Uilleam MacMhathain am measg iomadach neach eile, is e ann an sgrìobhadh san 19mh linn.

Ach mar a chluinneas sinn, chan eil am fonn a th' againn an-diugh cho sìmplidh ri sin le chuid eachdraidh. Chaidh facail agus fonn an òrain atharrachadh le Marjorie NicUalraig-Friseal, bean-uasal a bha gu math tric a' cur a cruth fhèin air òrain a chruinnicheadh i. Agus chan ann bhon dualchas Gàidhealach, neo bho h-inntinn fhèin a thàinig am fonn, ach bho thaobh-thall na' chuain, ann an Ameireaga.

30 minutes

Last on

Sun 16 Jan 2022 13:00

Broadcasts

  • Mon 10 Jan 2022 12:00
  • Mon 10 Jan 2022 22:00
  • Sun 16 Jan 2022 13:00