Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1187
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1187. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 17 Apr 2022
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 883
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1187
Duration: 05:00
Litir 1187: Ùbhlan na h-Alba
Bha mi ag innse dhuibh mu Chlann ʼic Coinnich na Cùile ann an Siorrachd Rois, agus mu à iteachan ann an Tìr na Banrigh far a bheil Mackenzie anns an ainm. ʼS e fear de na lochan a bu bhrèagha san robh mi riamh a’ snà mh Lake McKenzie ann an Tìr na Banrigh. Tha a ghrunnd air a dhèanamh de ghainmheach bhà n agus tha an loch air a chuairteachadh le trà ighean à lainn. Tha e suidhichte ann an eilean mòr ris an canar Fraser Island.Ìý
Nise, chan eil fhios a’m cò am MacCoinnich a thug ainm don loch, ach saoilidh mi gu bheil an t-am ann beachdachadh air ainm dùthchasach a thoirt dha. ʼS e Boorangoora a chanas na tùsanaich ionadail ris.
Tha mi airson tilleadh don Chùil a-nise, agus don Ridire Seòras Stiùbhart MacCoinnich. Dh’inns mi dhuibh gun robh e na cheann-suidhe air Comann Tuathanais-ghà rraidh na h-Alba, the Caledonian Horticultural Society. Feumaidh gun robh ùidh shònraichte aige ann an ùbhlan.
Chruthaich MacCoinnich seòrsa ùr de dh’ubhal aig Taigh na Cùile agus ʼs e an t-ainm a th’ air ‘Coul Blush’. Thathar a’ smaoineachadh gur e an t-ubhal sònraichte as fhaide tuath a chaidh a chruthachadh ann an Alba.
Anns an naoidheamh linn deug bha Alba ainmeil airson a cuid ùbhlan. Tha a’ bhuidheann Scottish Apple Producers ag innse dhuinn gun deach còrr is ceathrad seòrsa de dh’ubhal a chruthachadh ann an Alba thairis air na linntean. B’ e an linn a b’ ainmeile airson sin meadhan an naoidheamh ceud deug.
An dèidh sin, thà inig na rathaidean-iarainn agus fionnarachadh fuadain. Leig sin le ùbhlan na bu shaoire faighinn a-steach. Thòisich tuathanaich air faighinn cuidhteas an cuid ubhal-ghoirtean, agus bà rr na bu phrothaidiche a chur. Chailleadh an t-uabhas de ar ubhal-ghoirtean aig an à m sin. Tha iad a’ tilleadh anns an latha an-diugh mean air mhean.
Cia mheud de na seann seòrsaichean Albannach a tha rin lorg fhathast? Chan eil fhios a’m, ach tha feadhainn a’ dol, leithid Beauty of Moray, Galloway Pippin agus James Grieve. Ach bu mhath leam crìoch a chur air gnothaichean an-diugh le iomradh air ubhal iongantach air a bheil an Treabhaiche Fuilteach no Bloody Ploughman.ÌýÂ
Tha an seòrsa seo annasach oir faodaidh an taobh a-staigh a bhith eadar pinc is dearg – coltach ri fuil, gu dearbh! Tha an craiceann dorch-dhearg. Thà inig e gu bith air Cars Ghobharaidh, sgìre a tha ainmeil airson mheasan, agus chaidh a chlà radh an toiseach ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a trì (1883).
Ach ciamar a fhuair e an t-ainm an Treabhaiche Fuilteach? Uill, seo an sgeul. Bha treabhaiche ann, agus bha e a’ goid ùbhlan bho Oighreachd Mhig-innis. Chunnaic geamair e agus loisg e a ghunna air. Thuit an treabhaiche marbh.Ìý
Nuair a chaidh a chorp a thoirt do a bhean, lorg i ùbhlan na phòcaidean agus thilg i air flagais iad. Dh’fhàs craobh às an fhlagais air an robh ùbhlan sònraichte, agus chaidh an seòrsa ùr ainmeachadh an dèidh an treabhaiche bhochd.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Clann ʼic Coinnich na Cùile: the Mackenzies of Coul; Tìr na Banrigh: Queensland; suidhichte: situated; pà rras: paradise; An Ridire Seòras Stiùbhart MacCoinnich: Sir George Steuart Mackenzie; rathaidean-iarainn: railways; fionnarachadh fuadain: artificial refrigeration; mean air mhean: little by little; Cars Ghobharaidh: The Carse of Gowrie; treabhaiche: ploughman; fuilteach: bloody; Oighreachd Mhig-innis: Megginch Estate; geamair: gamekeeper; flagais: compost heap.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: fear de na lochan a bu bhrèagha san robh riamh mi a’ snà mh: one of the most beautiful lakes in which I have ever swum; tha a ghrunnd air a dhèanamh de ghainmheach bhà n: its bottom is made of white sand; air a chuairteachadh le trà ighean à lainn: surrounded by beautiful beaches; a chanas na tùsanaich ionadail ris: which the local aboriginal people call it; feumaidh gun robh ùidh shònraichte aige ann an ùbhlan: it must be that he had a particular interest in apples; seòrsa ùr de dh’ubhal: a new variety of apple; gur e an t-ubhal sònraichte as fhaide tuath a chaidh a chruthachadh: that it is the most northerly apple that was created; b’ e an linn a b’ ainmeile airson sin meadhan an naoidheamh ceud deug: that the most famous time for that was the middle of the 19th century; leig sin le ùbhlan na bu shaoire faighinn a-steach: that allowed cheaper apples to be imported; bà rr na bu phrothaidiche: more profitable crop[s]; bu mhath leam crìoch a chur air gnothaichean an-diugh: I’d like to finish matters today; tha an craiceann dorch-dhearg: the skin is dark red; nuair a chaidh a chorp a thoirt do a bhean: when his body was given to his wife; lorg i ùbhlan na phòcaidean: she found apples in his pockets.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Thòisich tuathanaich air faighinn cuidhteas an cuid ubhal-ghoirtean: farmers began to get rid of their apple orchards. The expression faighinn cuidhteas ‘getting rid of’ is interesting because the verb in it ‘f²¹¾±²µ³ó¾±²Ô²Ô’ is never put in inverse position i.e. we never get ‘cuidhteas fhaighinn’. Also, even though faighinn is a verbal noun, the noun or noun phrase it commands is always in the nominative form e.g. bha an t-à m againn faighinn cuidhteas an sòfa ‘it was time for us to get rid of the sofa’. Sometimes it is used with the preposition de e.g. a bheil thu a’ faighinn cuidhteas dheth? ‘are you getting rid of it?’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gu bheil an t-am ann beachdachadh air ainm dùthchasach a thoirt dha: that it’s time to consider giving it an indigenous name.
Broadcast
- Sun 17 Apr 2022 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.