Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1188
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1188. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 24 Apr 2022
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 884
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1188
Duration: 05:00
Litir 1188: Eòin na Droch Shìde
Ciamar a tha fios agaibh gu bheil uisge air an rathad – gum bi i fliuch an ceann ùine ghoirid? Tha fhios a’m ... bidh sibh a’ coimhead air ro-shealladh air an aimsir air a’ fòn-là imhe no coimpiutair agaibh! Ach ciamar a bhiodh ar sinnsearan a’ dèanamh an aon rud? Tha cuimhne agam air brà thair mo sheanmhar air a’ Chomraich – fear a bha na iasgair. Bhuineadh e don à ite agus bha e là n Gà idhlig. Bhiodh esan a’ coimhead air na sgòthan agus air an à irde à s an robh a’ ghaoth a’ tighinn. Mar a bu trice, bha an ro-shealladh aigesan ceart.Â
Gu tric, ge-tà , a rèir beul-aithris, bhiodh na seann Ghà idheil a’ coimhead air na h-eòin. Mar eisimpleir, ann an sgìre Gheà rrloch bhite ag rà dh 'Nuair a chì thu breac an t-sìl, chì thu ’n t-uisg’. ʼS e Breac an t-Sìl eun beag brèagha, dubh-is-geal – le earball fada – air a bheil pied wagtail ann am Beurla. Saoil am bi e a’ tighinn nas dlùithe ri taighean nuair a tha uisge air an rathad?
Tha am Breacan-baintighearna cà irdeach do bhreac an t-sìl. Tha e a’ giùlan an ainm grey wagtail ann am Beurla. Nam biodh e ri fhaicinn faisg air doras an taighe no am measg nan cearc, bhiodh daoine dhen bheachd gun leanadh droch shìde. Bhiodh a’ µþ³ó°ùù-²µ³ó±ð²¹±ô no wheatear cuideachd ag innse do dhaoine gun robh droch shìde anns an amharc. Nam biodh cuideigin a’ faicinn an eòin seo na sheasamh air clach, mar chiad shealladh dheth san latha, cha bhiodh stoirm fad-à s.Â
Bha beachd na bu mhiosa air eun beag eile – a tha car coltach ris a’ µþ³ó°ùù-²µ³ó±ð²¹±ô – ris an canar an Clacharan no stonechat. Ged as e deagh rud a bhiodh ann a leithid fhaicinn air sgèith, ʼs ann olc a bhitheadh e nam biodh an t-eun na sheasamh air clach. Tha abairt ann: Chunnaic mi clacharan air clach lom, ʼs dhʼaithnich mi nach dʼ rachadh a’ bhliadhna leam. Bhiodh barrachd na droch shìde a’ feitheamh ribh!
Chlà ir an sgoilear Cuimreach, Eideard Lhuyd (1660-1709), cleachdaidhean is beul-aithris nan Gà idheal Albannach anns an t-seachdamh linn deug. Am measg sin, bha gum biodh beachd aca air an aimsir le bhith a’ dèanamh coimeas, anns a’ mhadainn, eadar dà eun mhòr dhubh. Sin am fitheach agus an fheannag. Nam biodh am fitheach a’ gairm ron fheannaig sa mhadainn, bhiodh deagh latha ann. Nam biodh an fheannag a’ gairm an toiseach, bhiodh droch shìde ann.
Bha ar sinnsearan cuideachd dhen bheachd gun innseadh a’ Chomhachag nuair a bhiodh uisge mòr a’ tighinn. Chanadh iad Tha a’ chomhachag ri bròn, thig tuiltean oirnn. Agus tha daoine dhen bheachd, ma chluinneas iad an Lon-dubh a’ seinn gu h-à rd agus gu snasail, nach fhada gum bi an t-uisge ann.
An coimeas ri sin, bidh seinn a’ µþ³ó°ùù-»å³ó±ð¾±°ù²µ ag innse dhuinn co-dhiù ʼs e deagh aimsir no droch aimsir a tha romhainn. Nuair a bhios brù-dearg na shuidhe ann am preas no callaid, agus e a’ gairm le guth beag, bidh droch shìde ann. Ach air feasgar samhraidh, eadhon ged a bhios e sgòthach, bagairteach, bidh seinn sunndach an eòin ag innse dhuinn gum bi deagh latha ann air an là rna-mhà ireach.Â
Agus dè mu dheidhinn fear de na h-eòin as fheà rr leam – an Uiseag? Ma sheinneas uiseag air latha fliuch, chan fhada gum bi i na turadh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: sinnsearan: ancestors; cà irdeach: related; olc: bad; Cuimreach: Welsh; brù-dearg: robin; preas: bush; callaid: hedge.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: gum bi i fliuch an ceann ùine ghoirid: that it will be wet in a short time; a’ coimhead air ro-shealladh air an aimsir air a’ fòn-là imhe no coimpiutair agaibh: looking at the weather forecast on your mobile phone or computer; brà thair mo sheanmhar air a’ Chomraich: my grandmother’s brother in Applecross; bhuineadh e don à ite agus bha e là n Gà idhlig: he belonged to the place and he was full of Gaelic [i.e. fluent]; an à irde às an robh a’ ghaoth a’ tighinn: the direction the wind was coming from; ann an sgìre Gheà rrloch bhite ag rà dh: in the Gairloch area it would be said; nuair a chì thu breac an t-sìl, chì thu ’n t-uisg’: when you can see the pied wagtail, you’ll see rain; nam biodh e ri fhaicinn faisg air doras an taighe no am measg nan cearc: if it would be seen close to the house door or among the hens; nam biodh cuideigin a’ faicinn an eòin seo na sheasamh air clach: if somebody was seeing this bird standing on a stone; cha bhiodh stoirm fad-à s: a storm would not be far away; chunnaic mi clacharan air clach lom, ʼs dhʼaithnich mi nach dʼ rachadh a’ bhliadhna leam: I saw a stonechat on a bare stone, and I recognised the year would not go [well] with me; le bhith a’ dèanamh coimeas eadar dà eun mhòr dhubh: by comparing two large black birds; nam biodh am fitheach a’ gairm ron fheannaig: if the raven called before the hoodie crow; tha a’ chomhachag ri bròn, thig tuiltean oirnn: the barn owl is calling sadly, there will be floods; ma chluinneas iad an Lon-dubh a’ seinn gu h-à rd agus gu snasail: if they hear the blackbird singing strongly and sweetly; ag innse dhuinn co-dhiù ʼs e deagh aimsir no droch aimsir a tha romhainn: telling us whether [or not] it’s good weather or bad weather that is in prospect; eadhon ged a bhios e sgòthach, bagairteach: even though it is cloudy and threatening; gum bi deagh latha ann air an là rna-mhà ireach: that it would be a good day the next day; ma sheinneas uiseag air latha fliuch: if a skylark sings on a wet day.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: chan fhada gum bi i na turadh: it’s not long until there will be a break in the rain/a spell of dry weather. If weather to you is feminine (and the nouns ²õì»å±ð and aimsir are both feminine) you would use the feminine singular pronoun ‘i’ when discussing it. Thus, in this construction, turadh is not lenited [we are saying literally ‘in her dry spell’. However, if you are more comfortable making it masculine [saying tha e blà th rather than tha i blà th], you would say tha e na thuradh [lit. it’s in his dry spell’]. If you wish to avoid that choice, just say gus am bi turadh ann. Tha turadh ann an-drà sta ‘it’s dry at the moment’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gu bheil uisge air an rathad: that rain is on the way.
Broadcast
- Sun 24 Apr 2022 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.