Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1189
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1189. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 1 May 2022
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 885
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1189
Duration: 05:00
Litir 1189: Weem (1)
As t-fhoghar an-uiridh, bha mi ann an à ite ann an Siorrachd Pheairt ris an canar Weem ann am Beurla. ʼS dòcha nach eil e follaiseach sa mhionaid gur e ainm Gà idhlig a th’ ann. Ach, coltach ris a’ mhòr-chuid de dh’ainmean-à ite ann an seann Ghà idhealtachd Siorrachd Pheairt, tha tùs Gà idhlig aige. ʼS e sin am facal uamh no uamh, a’ ciallachadh ‘cave’.
Air a’ chiad shealladh, tha e doirbh fhaicinn gu bheil ceangal ann eadar uamh agus Weem. Ach ʼs e facal boireanta a th’ ann an uamh. Mar sin, bidh sinn ag rà dh anns an uaimh. Agus tha mi an dùil, ceudan bhliadhnaichean air ais, gun tuirt daoine ‘anns an uaim’. Tha am facal a-nise ²õè¾±³¾³ó¾±³¦³ó³Ù±ð aig an deireadh.
 Tha an t-Àrd-ollamh MacBhà tair ag innse dhuinn anns an leabhar mhòr aige The Celtic Place-Names of Scotland gun robh an ‘ua’ aig toiseach an fhacail air fhuaimneachadh mar ‘wa’. Tha e ag rà dh gun cuala e fhèin an dearbh rud ann an ceann a tuath Siorrachd Pheairt, mar eisimpleir ‘dunnie-wassal’ airson ‘duine uasal’. Mar sin, ʼs iongantach mura robh daoine ag rà dh anns an t-seann aimsir ‘sa uaim’ airson ‘in the cave’.
Bha mi airson faighinn a-mach dè a’ Ghà idhlig a th’ air Weem anns an latha an-diugh. Chaidh mi don leabhar aig an Ollamh Jacob King a tha là n ainmean-à ite a chaidh a chruinneachadh leis an Urramach Teà rlach MacDhonnchaidh. Tha esan ag innse dhuinn gur e a’ Ghà idhlig a th’ air an à ite Uaimh. Chan e ‘An Uaimh’, dìreach Uaimh. Agus carson a tha beachd MhicDhonnchaidh cho cudromach? Tha, a chionn ʼs gur e fìor sgoilear a bh’ ann – agus a chionn ʼs gun do thogadh e anns an sgìre sin, dìreach beagan mhìltean sìos Srath Tatha.
Air cùl Uaimh tha creag mhòr air a bheil Weem Rock ann am Beurla, Creag Uaimh ann an Gà idhlig. Faisg air là imh tha caisteal air a bheil Castle Menzies ann am Beurla. ʼS e a’ Ghà idhlig a th’ air sin Caisteal Uaimh.
Tha Creag Uaimh còmhdaichte le coille ris an canar Weem Wood. ʼS e à ite snog a th’ ann le ceum-coiseachd a’ ruith troimhe. Tha soidhne anns a’ choille a tha ag innse dhuinn gu bheil òran ann air a bheil Òran Chreag Uaimh. Seo na tha air an t-soidhne: Chaidh caileag a-staigh don uaimh an seo a’ sir’ laoigh. Chual’ a piuthar a guth a’ seinn:
Tha na naoi glasan iarainn
Eadar mise ʼs dol dhachaigh.
ʼS e fear a’ chleòc dheirg
A tha gam bhacadh.
Bha mi airson faighinn a-mach dè thachair anns an uaimh! Chaidh mi do na notaichean aig MacDhonnchaidh. Tha esan ag innse dhuinn gu bheil dà uaimh air Creag Uaimh. Feumaidh mi aideachadh nach fhaca mi an dà rna tè.
Tha an ceum-coiseachd a’ dol don chiad uaimh. Tha i gu h-à rd air creag ris an canar Creag an t-Seipeil ‘The Chapel Rock’. Chan eil an uamh mòr idir, ach tha tobar ri a taobh. Mar sin, bhiodh uisge ann do dhuine a bhiodh ag iarraidh fuireach anns an uaimh. Agus, a rèir beul-aithris, bha Naomh Cùithbeart a’ fuireach innte anns an t-seachdamh linn. Ach a’ chlann-nighean? Tuilleadh orrasan an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Siorrachd Pheairt: Perthshire; tùs: origin; boireanta: feminine; còmhdaichte: covered; soidhne: sign; ceum-coiseachd: walking path; Naomh Cùithbeart: Saint Cuthbert; a’ chlann-nighean: the girls; tuilleadh orrasan: more on them.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: As t-fhoghar an-uiridh: in the autumn last year; ʼs dòcha nach eil e follaiseach sa mhionaid: perhaps it’s not immediately obvious; air a’ chiad shealladh: at first sight; ceudan bhliadhnaichean air ais: hundreds of years ago; tha an t-Àrd-ollamh MacBhà tair ag innse dhuinn: Professor (W. J.) Watson tells us; ʼs iongantach mura robh daoine ag rà dh anns an t-seann aimsir: I reckon people were saying in olden times; a chaidh a chruinneachadh leis an Urramach Teà rlach MacDhonnchaidh: that were collected by the Rev Charles Robertson; a chionn ʼs gun do thogadh e anns an sgìre sin, dìreach beagan mhìltean sìos Srath Tatha: because he was raised in that area, just a few miles down Strathtay; à ite snog a th’ ann le ceum-coiseachd a’ ruith troimhe: a lovely place with a walking track running through it; chaidh caileag a-staigh don uaimh an seo a’ sir’ laoigh: a girl went into the cave here looking for a calf; chual’ a piuthar a guth a’ seinn: her sister heard her voice singing; naoi glasan iarainn: nine iron locks; ʼs e fear a’ chleòc dheirg a tha gam bhacadh: it’s the man of the red cloak that is stopping me; tha tobar ri a taobh: there is a well beside it.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bidh sinn ag rà dh anns an uaimh. We say in the cave. Because uamh is a feminine noun it becomes slenderised in the dative singular case (following an adjective) so we say anns an uaimh. This goes part of the way to explaining why it gave the anglicised (or Scots language) form weem. In some places uamh has become uaimh, showing the slenderisation also in the nominative case, and this is the situation with the place-name Weem near Aberfeldy which is Uaimh in Gaelic.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha am facal a-nise ²õè¾±³¾³ó¾±³¦³ó³Ù±ð aig an deireadh: the word is now lenited at the end. Sèimheachadh is the Gaelic for lenition as in the change of ‘m’ to ‘mh’.
Broadcast
- Sun 1 May 2022 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.