Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1192
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1192. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 22 May 2022
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 888
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1192
Duration: 05:00
Litir 1192: 'Leum' ann an Ainmean-Ã ite (1)
Dh’inns mi dhuibh mu Leum MhicGriogair, MacGregor’s Leap, ann an Siorrachd Pheairt ann an Litir 626. Tha e air Abhainn Lìomhann faisg air Fartairchill. Bidh cuid a’ gabhail Leum a’ Chleasaiche air. Thathar ag rà dh gun do chaill cleasaiche – acrobat – a bheatha ann nuair a dh’fheuch e ri leum thairis. Dh’fhà ilnich air. Fhad ʼs as aithne dhomh, ʼs e an Griogarach a thug ainm don à ite an aon duine a bha soirbheachail riamh ann an bhith a’ leum tarsainn na h-aibhne an sin. Tha fhios gun robh a chuislean là n aidreanalain, agus daoine ga ruagadh.
Tha an rathad ri taobh na h-aibhne cumhang, agus chan eil e furasta à ite-pà ircidh a lorg faisg air an Leum. Ach, an turas mu dheireadh a bha mi ann an Siorrachd Pheairt, chaidh mi ann. Chan eil fhios a’m dè cho fada ʼs a bhiodh an leum bho chreag gu creag ach, gu dearbh fhèin, cha bhithinn fhìn ga fheuchainn!
Thug e orm beachdachadh air cho tric ʼs a bhios am facal ‘leum’ a’ nochdadh air mapaichean na Gà idhealtachd. Gu math tric, feumaidh mi aideachadh! Mar eisimpleir, air cladach sear Dhiùra, tha rubha air a bheil Leum Beathaig. Ann am Beurla, ʼs e sin ‘Sophia’s Leap’. Bha mi an dùil gur e Leum Beathag a bhiodh ann. Ach, anns an leabhran aige ‘Place Names of Jura’, tha Calum MacArtair ag innse dhuinn gun robh ‘Beathaig’, seach Beathag, gu math aithnichte mar ainm pearsanta aig aon à m.
Ann an Ros an Iar, deas air Ullapul, tha leum eile air a bheil ainm cuideigin. ʼS e sin Leum Ruairidh no ‘Rorie’s leap’. Tha Uilleam MacBhà tair ag innse dhuinn, anns an leabhar aige mu ainmean-à ite Siorrachd Rois, gu bheil e air abhainn faisg air eas.Â
Ann am Beinn a’ Bhaoghla, deas air Baile a’ Mhanaich, tha loch ann air a bheil Loch Leum Croisdaig air na mapaichean. Chan eil an t-ainm a’ ciallachadh dad dhomh. Ach saoilidh mi gur dòcha gu bheil e mearachdach. Air a’ chiad mhapa sia-òirlich aig an t-Suirbhidh Ã’rdanais, ʼs e Loch Leum Criosdaig a bh’ air an loch. Ach ʼs dòcha gur e °ä°ùì´Ç²õ»å²¹¾±²µ, le ‘i’ fada a bu chòir a bhith ann.Â
Seo na tha sgrìobhte ann an Leabhar nan Ainmean: ‘Meaning Christopher’s Leap Loch ... applied to a small loch ... to the north-west of Loch Eilean Iain. A marshy channel connects the two lochs’. Air an t-seann mhapa, ʼs e Leum Criosdaig no °ä°ùì´Ç²õ»å²¹¾±²µ a th’ air an amar a tha a’ ruith eadar an dà loch. Ma tha sibh à Beinn a’ Bhaoghla agus fios agaibh air an ainm, bu mhath leam ur beachd fhaighinn air.
Ann an Gleann Peathain ann an Loch Abar, tha Lochan Leum an t-Sagairt. Tha amharas agam gu bheil an t-ainm a’ dol air ais don linn nuair a bha an Creideamh Caitligeach ann an cunnart anns an sgìre sin, agus na sagartan ag obair ann an dìomhaireachd.
Uaireannan, ʼs e ainmhidh, seach duine a th’ air ainmeachadh ann. Ann an ceann a tuath Chinn Tìre, tha Abhainn Leum nam Meann ‘the river of the jump of the kid goats’. Abhainn Leum nam Meann. Nach eil an t-ainm sin a’ cruthachadh dealbh snog nur ceann?!Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Abhainn Lìomhann: River Lyon; Fartairchill: Fortingall; Uilleam MacBhà tair: William (J) Watson; Beinn a’ Bhaoghla: Benbecula; Baile a’ Mhanaich: Balivanich; Leabhar nan Ainmean: The Name Book; amar: channel; Gleann Peathain: Glen Pean.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Thathar ag rà dh gun do chaill X a bheatha ann nuair a dh’fheuch e ri leum thairis: it’s said that X lost his life there when he tried to jump over; ʼs e an Griogarach a thug ainm don à ite an aon duine a bha soirbheachail riamh ann an bhith a’ leum tarsainn na h-aibhne an sin: it’s the MacGregor who gave his name to the place that is the one person who was ever successful in leaping over the river there; tha fhios gun robh a chuislean là n aidreanalain, agus daoine ga ruagadh: of course, his blood vessels were full of adrenalin, with people chasing him; chan eil e furasta à ite-pà ircidh a lorg faisg: it’s not easy to find a parking place; cha bhithinn fhìn ga fheuchainn: I wouldn’t try it; thug e orm beachdachadh air: it made me think about it; cladach sear Dhiùra: the east coast of Jura; saoilidh mi gur dòcha gu bheil e mearachdach: I reckon it’s perhaps mistaken; air ais don linn nuair a bha an Creideamh Caitligeach ann an cunnart: back to the day when the Catholic religion was in danger; agus na sagartan ag obair ann an dìomhaireachd: with the priests working in secrecy?; uaireannan, ʼs e ainmhidh, seach duine a th’ air ainmeachadh ann: sometimes it’s an animal, rather than a person, that is named in it; ceann a tuath Chinn Tìre: the north of Kintyre; nach eil an t-ainm sin a’ cruthachadh dealbh snog nur ceann?!: doesn’t that name create a lovely image in your head.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Fhad ʼs as aithne dhomh: As far as I am aware. There are several ways of saying ‘as far as I am aware’ or ‘as far as I know’ e.g. Cho fad ʼs as aithne dhomh (sometimes the ‘C³ó´Ç’ is left off and the fad is lenited). Cho fad ʼs as fiosraich mi; cho fad ʼs as fiosrach leam; cho fad ʼs a tha fios agam; cho fad ʼs a thuigeas mi; Cho fad ʼs a chì mi.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Dh’fhà ilnich air: he failed.
Broadcast
- Sun 22 May 2022 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.