Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1191
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1191. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 15 May 2022
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 887
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1191
Duration: 05:00
Litir 1191: Weem (3)
Bha mi ag innse dhuibh mu Weem – no Uaimh – ann an Siorrachd Pheairt. Chan e sin an t-aon ainm-à ite ann an Alba le Weem, no rudeigin coltach, ann – a’ ciallachadh à ite far a bheil uamh no uamhan. Tha feadhainn eile ann agus tha mi airson sùil a thoirt orra.
Ann an Siorrachd Aonghais, tha grunn eisimpleirean againn de dh’à iteachan anns a bheil an eileamaid Weem. Aig ceann shuas Ghleann Chlà bhaidh, tha à ite air a bheil Hole of Weems. A rèir Leabhar nan Ainmean aig an t-Suirbidh Ã’rdanais, is e seo an t-ainm a th’ air uamh mhòr. Tha i mòr gu leòr airson fasgadh a thoirt do suas ri ochdnar.Â
Tha an Seann Chunntas Staitistigeach ag innse dhuinn mu Weems Hole faisg air Ceathramh Moire air Machair Aonghais. Tha an uamh sin gu math mòr agus fada. Chaidh cnà mhan daoine a lorg innte. Chaidh am facal weem a-steach don Bheurla – no Albais – anns an sgìre sin. Tha Leabhraichean nan Ainmean ag innse dhuinn mu ‘Cave or Weem’ ann an Siorrachd Aonghais, agus mu ‘Picts Houses or Weems’ ann an Siorrachd Obar Dheathain. Tha na faclairean Albais ag innse dhuinn gu bheil weem a’ ciallachadh ‘uamh, toll no slochd anns an talamh, souterrain agus seilear’.
Thuige seo, tha sinn air sùil a thoirt air à iteachan far a bheil am facal sgrìobhte mar W-E-E-M ann am Beurla. Tha aonan eile agam dhuibh, far a bheil weem aig deireadh an ainm. ʼS e sin Pittenweem ann am Fìobh. Ann an Gà idhlig an latha an-diugh, ʼs e sin Peit no Baile na h-Uamha. Tha e a’ ciallachadh ‘the farm of the cave’. Agus, gu dearbh, tha uamh ainmeil ann – Uamh Fhaolain no St Fillan’s Cave. Thathar ag rà dh gun do dh’fhuirich an naomh ainmeil sin innte.
Tha cuid de dh’à iteachan ann far a bheil ‘Weems’ air a litreachadh W-E-M-Y-S-S. Tha fear faisg air Farfair air Machair Aonghais. Ann am Fìobh, faisg air Cathair Chaladain, tha West Wemyss agus East Wemyss. Tha iad ri taobh a’ chladaich. Ann an East Wemyss tha tòrr uamhan ann.
Tha à iteachan eile le Wemyss ann, mar Wemyss Bay agus Wemyss Point ann an Siorrachd Àir, agus Port Wemyss ann an ÃŒle. Math dh’fhaodte gur e an teaghlach Wemyss a th’ air ainmeachadh annta. Tha Iain Mac an Tà illeir ag innse dhuinn gur e a’ Ghà idhlig a th’ air Port Wemyss ann an ÃŒle – Bun Othan, a’ ciallachadh ‘beul na h-aibhne’.Â
Eadhon ged a bhitheas na h-ainmean sin a’ tighinn bhon teaghlach, cà it an d’ fhuair an teaghlach fhèin an t-ainm? Sgrìobh Sir Raibeart Sibbald anns an leabhar aige The History of Fife and Kinross – ‘The Earl of Weems takes his surname ... from the caves in his ground upon the coast to the east of the house’. Sgrìobh Sibbald an t-ainm W-E-E-M-S. A-nise, bidh Iarla Wemyss ga litreachadh W-E-M-Y-S-S. Saoil a bheil fios aige gu bheil ainm a’ tighinn bho thùs bhon Ghà idhlig? Tapadh leibh airson a bhith còmhla rium a’ toirt sùil air à iteachan uamhach.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Siorrachd Pheairt: Perthshire; Siorrachd Aonghais: Angus; An Seann Chunntas Staitistigeach: The Old Statistical Account; Ceathramh Moire: Kirriemuir; Machair Aonghais: the flat lands of Angus; faclairean Albais: Scots dictionaries; Fìobh: Fife; Farfair: Forfar; Cathair Chaladain: Kirkcaldy; Siorrachd Àir: Ayrshire; Ìle: Islay.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ceann shuas Ghleann Chlà bhaidh: the top end of Glen Clova; a rèir Leabhar nan Ainmean aig an t-Suirbidh Òrdanais: according to the Ordnance Survey Name Book; mòr gu leòr airson fasgadh a thoirt do suas ri ochdnar: big enough to shelter eight people; ri taobh a’ chladaich: beside the shore; tha tòrr uamhan ann: there are many caves there; math dh’fhaodte gur e an teaghlach Wemyss a th’ air ainmeachadh annta: perhaps it is the Wemyss family that is named in them; tha Iain Mac an Tà illeir ag innse dhuinn gur e a’ Ghà idhlig a th’ air X: Iain Taylor tells us [in ‘Place-Names of Scotland’] that the Gaelic for X is; Bun Othan, a’ ciallachadh ‘beul na h-aibhne’: Bun Othan, meaning ‘river mouth’; eadhon ged a bhitheas na h-ainmean sin a’ tighinn bhon teaghlach, cà it an d’ fhuair an teaghlach fhèin an t-ainm?: even if these names come from the family, where did the family itself get its name?; saoil a bheil fios aige gu bheil ainm a’ tighinn bho thùs bhon Ghà idhlig?: I wonder if he knows that his name comes originally from Gaelic?; tapadh leibh airson a bhith còmhla rium a’ toirt sùil air à iteachan uamhach: thanks for being with me, looking at places connected to caves.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ³¦Ã²²õ: cave, crevice, recess. You might recall a controversy a couple of years ago when the Gaelic word ³¦Ã²²õ²¹³¦³ó was being put forward as an equivalent to the Danish hygge. I suppose somebody thought ³¦Ã²²õ²¹³¦³ó meant ‘cosy’ and perhaps it does in some places, but it is most commonly an adjectival form of ³¦Ã²²õ and it was pointed out that it means ‘cavelike, cavernous, abounding in hollows or recesses, spongy, porous’. At that point ³¦Ã²²õ²¹³¦³ó as a Gaelic ‘hygge’ quietly disappeared. We have a lot to be proud of in Gaelic but we don’t need to purloin, in a false way, aspects of other cultures. Let the Danes – a fine people – rejoice in their hygge. We, on the other hand, could do a lot more with ‘cè¾±±ô¾±»å³ó’...
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Thuige seo: up to now/to this point in time.
Broadcast
- Sun 15 May 2022 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.