Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1200
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1200. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 17 Jul 2022
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 896
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1200
Duration: 05:00
Litir 1200: Gaelic in Your Gob
Bidh sibh eòlach air an fhacal boogie, a tha car cumanta ann am Beurla nan Stà itean Aonaichte. Tha e a’ ciallachadh grunn rudan, a’ gabhail a-steach danns, agus tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gun tà inig e a-nall don Bheurla bho chà nan Afraganach. Ach a bheil ceangal ann ris an fhacal Ghà idhlig bogadh?
Tha mi a’ cur na ceist oir tha an sgoilear Gà idhlig Mìcheal Newton ga togail anns an leabhar aige Gaelic in Your Gob a nochd ann an clò an-uiridh. Tha Mìcheal còir air tòrr a dhèanamh airson na Gà idhlig agus seo leabhar beag tarraingeach a tha là n neamhnaidean. Agus – math dh’fhaodte – ʼs e an gnothach aig bunait a’ chà irdeis eadar boogie agus bogadh – feise.Â
Dè tha faclair Dwelly ag rà dh mun fhacal bogadh? Uill, tha e a’ ciallachadh ‘softening, mollifying, steeping, dipping, moistening, state of sticking fast in the mire, wagging, bobbing, softness, tenderness, mellowness, floating.’ Airson ‘the dog is wagging its tail’ canaidh sinn ‘tha an cù a’ bogadh earbaill’.Ìý
ʼS dòcha gun robh Eideard Dwelly ro ‘mhodhail’ airson ciall eile dhen fhacal a chur anns an fhaclair aige. Ach tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gun robh bà ird anns an t-seachdamh is ochdamh linn deug a’ cleachdadh ‘bogadh’ mar thruaill-chainnt airson feise. Tuigidh sibh mar a dh’fhaodadh sin a bhith. Tha an t-ùghdar a’ toirt eisimpleirean de a leithid anns an leabhar aige. Tha e dhen bheachd gur dòcha gu bheil am facal Gà idhlig bogadh am measg na chuir ri boogie anns na Stà itean Aonaichte.
Tha cha mhòr leth-cheud facal Gà idhlig a thug buaidh air a’ Bheurla anns an leabhar. Bheir sinn sùil air eisimpleir no dhà . Bidh sibh eòlach air an fhacal ²ú±ð²¹²Ô-²õì³Ù³ó±ð no ²ú±ð²¹²Ô-²õ³óì³Ù³ó±ð ann an Gà idhlig. Fairy woman. Leis gur e ‘banshee’ a chanas daoine ann am Beurla, tha beachd ann gun tà inig am facal bho Ghà idhlig na h-Èireann far an canar ‘ban’ airson bean.
Ge-tà , tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gun tà inig am facal a-steach an toiseach bho Ghà idhlig na h-Alba. Tha e a’ nochdadh ann an clò ann an seachd ceud deug, seachad ʼs a h-aon (1771) mar ‘Benshi or the Fairies wife’ ann an Alba. ʼS ann às dèidh sin a thug an dreach Èireannach buaidh air an fhacal ann am Beurla.
Ann an Gà idhlig, canaidh sinn ³¾Ã ±ô dubh airson blackmail. Tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gur dòcha gun do dh’èirich am facal Beurla bhon Ghà idhlig, ged a thà inig ³¾Ã ±ô a-steach don Ghà idhlig an toiseach bhon t-seann Bheurla. B’ e ³¾Ã ±ô dubh sùim airgid a bhiodh tuathanach a’ pà igheadh don uachdaran no ceann-cinnidh mu choinneamh gach mart aige. Bha sin mar à rachas an aghaidh feadhainn eile a bhith a’ togail creach – a’ goid na sprèidhe. Bhiodh an t-uachdaran a’ faighinn nam beathaichean air ais no a’ lorg feadhainn eile nan à ite. B’ e sin am ³¾Ã ±ô dubh no blackmail.
Agus dè mu dheidhinn peata? A pet, tame animal. Peata. Tha am facal a’ nochdadh ann an Gà idhlig cho fada air ais ris an ochdamh linn ann an là mh-sgrìobhainn Èireannach. Agus cò chanas am facal anns an sgeul ach Cù Chulainn fhèin!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: ceangal: link, tie; math dh’fhaodte: perhaps; ro mhodhail: too polite; truaill-chainnt: slang; ge-tà : however; peata: a pet, tame animal; là mh-sgrìobhainn Èireannach: an Irish manuscript.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Beurla nan Stà itean Aonaichte: US English; grunn rudan, a’ gabhail a-steach danns: a few things, taking in dance; gun tà inig e a-nall don Bheurla bho chà nan Afraganach: that it came over into English from an African language; tha an sgoilear X ga togail: the scholar X raises it; a nochd ann an clò an-uiridh: which appeared in print last year; leabhar beag tarraingeach a tha là n neamhnaidean: a small attractive book that is full of gems [pearls]; ʼs e an gnothach aig bunait a’ chà irdeis eadar X agus Y – feise: the matter that is the basis of the relationship between X and Y is sexual intercourse; bà ird anns an t-seachdamh is ochdamh linn deug: poets in the seventeenth and eighteenth centuries; tuigidh sibh mar a dh’fhaodadh sin a bhith: you’ll understand how that might be; cha mhòr leth-cheud facal: almost fifty words; a thug buaidh air a’ Bheurla: which influenced the English language; bheir sinn sùil air eisimpleir no dhà : we’ll have a look at an example or two; b’ e ³¾Ã ±ô dubh sùim airgid a bhiodh tuathanach a’ pà igheadh don uachdaran no ceann-cinnidh: blackmail was a sum of money that a farmer would pay to the landlord or clan chief; mar à rachas an aghaidh feadhainn eile a bhith a’ togail creach: as insurance against others lifting cattle; a’ goid na sprèidhe: stealing the livestock/cattle; bhiodh an t-uachdaran a’ faighinn nam beathaichean air ais no a’ lorg feadhainn eile nan à ite: the landlord would get the beasts back or would find replacements; cho fada air ais ris an ochdamh linn: as far back as the eighth century; cò chanas am facal anns an sgeul ach Cù Chulainn fhèin: who says the word in the story but Cuchullin himself.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: mu choinneamh gach mart aige: corresponding to each of his cows. Mu choinneamh means ‘opposite, facing’ but can be used idiomatically in this way to mean ‘meeting’ or ‘corresponding to’. Dwelly’s dictionary gives the example tha airgead agam mu choinneamh a’ mhà il ‘I have money to meet the rent’. This ³¾Ã ±ô, by the way, is the same word that appears in the text in ³¾Ã ±ô dubh ‘blackmail’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: tha an cù a’ bogadh earbaill: the dog is wagging its tail.
Broadcast
- Sun 17 Jul 2022 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.