Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1201
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1201. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 24 Jul 2022
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 897
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1201
Duration: 05:00
Litir 1201: Am Madadh-allaidh mu dheireadh an Suaineart
Dh’fhà g Calum Iain MacGillEathain, an cruinniche beul-aithris, tòrr chlà ran iongantach againn. Nam measg, tha cunntas dhen mhadadh-allaidh mu dheireadh ann an sgìre Shuaineirt, faisg air Sròn an t-Sìthein. Chruinnich Calum agus Francis Collinson an sgeul bho fhear a bhuineadh do Shròn an t-Sìthein, Dòmhnall Mac a’ Phearsain, Dòmhnall Donn, ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a ceithir (1954).
Cha robh Dòmhnall cinnteach dè cho fada air ais agus a thachair bàs a’ mhadaidh-allaidh, ach bha e ga thomhas aig ceithir no còig ceud bliadhna.
Bha daoine anns an sgìre sin dhen bheachd gun robh iad air a h-uile madadh-allaidh a mharbhadh ach aonan. Latha a bha seo, bha boireannach à Àird Ghobhar a’ toirt eallach clòimhe air a druim don mhuileann-chà rdaidh faisg air Sròn an t-Sìthein. B’ e meadhan a’ gheamhraidh a bh’ ann agus thug am boireannach fad an latha coiseachd tro Ghleann nan Gobhar. Bha i leatha fhèin. Bha e air fàs dorch. Chaidh am boireannach a mharbhadh an sin leis a’ mhadadh-allaidh.
Nuair nach do nochd i aig a’ mhuileann-chà rdaidh, chaidh feadhainn a-mach a choimhead air a son. Lorg iad a corp. Bha fhios aca gur e am madadh-allaidh a thug bàs dhi. Thug iad a corp gu bothan-à irigh faisg air là imh. Rinn iad caithris na h-oidhche air a corp. Faisg air briseadh an latha chuala iad fuaim agus chunnaic iad am madadh. Bha e a’ feuchainn ri faighinn a-steach don bhothan!
Leum na daoine suas agus ghabh iad pìosan fiodha leth-loisgte bhon teine. Theich am madadh-allaidh romhpa.Â
Dh’fhalbh feadhainn le corp a’ bhoireannaich airson a thiodhlacadh. Ach »å³ó’f³ó³Ü¾±°ù¾±³¦³ó feadhainn eile shuas anns a’ ghleann airson am madadh a lorg. B’ e an ceannard aca Iain Dhruim an Torrain. Thuirt Dòmhnall Donn gur e ‘fiùran smearail’ a bh’ ann an Iain. Bha cù aige – mialchù gu math comasach – air an robh Torm mar ainm.
Chaidh Iain, Torm agus feadhainn eile is na coin aca a-mach a lorg a’ mhadaidh. Ach cha robh cùisean a’ dol gu math. Thuirt Iain gum biodh e na b’ fheà rr nam biodh iad a’ leigeil leis fhèin agus le Torm a lorg. Tha an sgeulaiche ag innse mun turas a ghabh iad thairis air glinn is beanntan a’ tòiseachadh aig Gleann Mhic Phà il. Tha e ag ainmeachadh tòrr ainmean-à ite agus tha feadhainn na chunntas nach nochd idir air mapaichean an latha an-diugh.
ʼS e Torm a lorg am madadh. Bha e aig beul uamha faisg air doire beithe ann an à ite gu math iomallach. Nise, ʼs ann aig Iain a bha a’ chiad ghunna-fùdair a thà inig riamh don à ird an iar. Loisg Iain urchair air a’ mhadadh. Bha e air a leòn ach cha robh e air a mharbhadh.
Chaidh Iain sìos far an robh am madadh. Seo na thuirt Dòmhnall Donn mu dheidhinn: ‘tharraing e a chorc-seilg à osan a’ chalpa [agus] chuir e crìoch dheireannach air a’ mhadadh-allaidh mu dheireadh a bha an Suaineart ... thog e am madadh air a dhruim ’s … chroch e air craobh e ... faisg air an à ite ris an abrar Àth na h-Èilde’.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Dòmhnall Mac a’ Phearsain: Donald MacPherson; Àird Ghobhar: Ardgour; Gleann nan Gobhar: Glen Gour; leatha fhèin: on her own; briseadh an latha: dawn; Iain Dhruim an Torrain: John of Drumnatorran; fiùran smearail: a hardy and handsome lad; mialchù: greyhound; coin: dogs; Àth na h-Èilde: Anaheilt.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Calum Iain MacGillEathain, an cruinniche beul-aithris: Calum Iain Maclean, the collector of folklore; cunntas dhen mhadadh-allaidh mu dheireadh ann an sgìre Shuaineirt, faisg air Sròn an t-Sìthein: an account of the last wolf in the Sunart area, near Strontian; gun robh iad air a h-uile madadh-allaidh a mharbhadh ach aonan: that they had killed all of the wolves except one; latha a bha seo: one day; a’ toirt eallach clòimhe air a druim don mhuileann-chà rdaidh: taking a load of wool on her back to the carding mill; meadhan a’ gheamhraidh: the middle of winter; chaidh am boireannach a mharbhadh: the woman was killed; a thug bàs dhi: that killed her; thug iad a corp gu bothan-à irigh: they took her body to a shieling bothy; pìosan fiodha leth-loisgte bhon teine: half-burned pieces of wood from the fire; theich am madadh-allaidh romhpa: the wolf fled ahead of them; airson a thiodhlacadh: to bury it; tha feadhainn na chunntas nach nochd idir air mapaichean an latha an-diugh: some in his account do not appear on modern maps; a’ chiad ghunna-fùdair a thà inig riamh don à ird an iar: the first ever powder-gun that came to the west; loisg Iain urchair: John fired a shot; tharraing e a chorc-seilg à osan a’ chalpa: he drew his hunting knife from his calf-stocking; chroch e air craobh e: he hung it on a tree.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Ach »å³ó’f³ó³Ü¾±°ù¾±³¦³ó feadhainn eile shuas anns a’ ghleann: but some others stayed/remained up in the glen. The reason for the »å³ó’ being at the beginning of this verbal form is because the lenited ‘f’ is silent. So it is simply there to avoid starting the word with a silent letter combination. Note that, as it is a past tense form, it is slenderised (the final vowel is an ‘i’). The verbal noun form is fuireach so we would say chaidh mi a »å³ó’fhuireach ann an Glaschu ‘I went to live in Glasgow’. Again the »å³ó’ (without a following space) is there to separate the two adjacent vowel sounds of ‘a’ and ‘[´Ú³ó±Õ³Ü¾±°ù±ð²¹³¦³ó’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Rinn iad caithris na h-oidhche air a corp: they kept a night-watch on the body.
Broadcast
- Sun 24 Jul 2022 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.