![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0dtgb8m.jpg)
Murdani Mast
Cuairt tro òrain, tro bhà rdachd, tro bhaile agus tro bheatha Murdani Mast. The songs, poetry and life of the late Murdani Mast.
Tha mòran eòlach air comasan Mhurdani Mast, nach maireann, mar bhà ird, le òrain mar Òran na Beairt am measg iomadach òran eile. Mar sheòladair chunnaic e a' mhòr chuid dhen t-saoghal na òige ach b' ann a Marabhaig, air taobh deas nan Loch a Leòdhas, baile à raich, a chuir e seachad a' mhòr-chuid de bheatha agus b' e na h-eòlaichean aige ann a sin, agus na chunnaic e a' tachairt mu chuairt air, a ghluais e gu bà rdachd. Anns a' phrògram seo, a chlà r e bho chionn beagan bhliadhnaichean còmhla ri Ishbel NicIllFhinnein, chuir e cuairt air a bhaile, a bheatha agus a bhà rdachd agus sheinn e cuid de na h-òrain aige.
Tha am prògram mar chuimhneachan air ar deagh charaid ‘s ar co-obraiche aig ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal, Ishbel NicIllFhinnein a chaochail sa Mhà irt am-bliadhna. Ged nach robh Ishbel a’ craoladh sna bliadhnaichean mu dheireadh le a h-obair mar neach-deasachaidh, ‘s e craoladair air leth a bh’ innte, agus tuigse shònraichte aice air a' luchd-èisteachd 's air coimhearsnachd agus bha a coimhearsnachd fhèin ann am Marabhaig aig teis-meadhan a beatha.
Last on
Broadcasts
- Sat 31 Dec 2022 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 9 Apr 2024 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sat 13 Apr 2024 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Apr 2024 14:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Dec 2024 14:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal