Main content
This programme is not currently available

Johnny agus na Barraich

Cuimhneachain air an neach-reic Johnny, Abdul Karim, 's a theaghlach a' tadhal am Barraigh. Fond memories of Johnny, Abdul Karim, the late travelling salesman who visited Barra.

Ann an 2022, chuir Shari Rashid à Glaschu teachdaireachd air làrach facebook Eilean Bharraigh agus Bhatarsaigh a’ leigeil fìos gun robh i fhèin, a h-athair, a màthair ‘s a peathraichean gu bhith a’ tadhal air an eilean. Abair gun do ghlac seo aire muinntir an eilein agus cha bheag na sgeulachadan is an còmhradh a thog e am measg nam Barraich nuair a sgaoil an naidheachd gun robh teaghlach a’ cheannaiche-siubhail Abdul Karim, neo Johnny mar a bh’ aig muinntir Bharraigh air, a’ tighinn.

Thàinig Abdul Karim, neo Johnny, a Bharraigh an tòiseach anns na seachdadan na cheannaiche-siubhail le chuid bhagaichean agus baidhsagal. Airson còrr is fichead bliadhna, shiubhail e iomadh mìle timcheall Barraigh is Bhatarsaigh, a’ tadhal air cha mhòr a h-uile dachaigh sna diofar bhailtean a’ creic aodach is eile agus, aig an aon àm, a’ togail càirdeas is earbsa eadar e fhèin is muinntir an eilein.

B’ ann an Glaschu a bha dachaigh Abdul Karim às dèidh dha gluasad à Pagastàn ach mas do sguir e a thighinn a Bharraigh, agus leis cho faisg ‘s a dh’fhàs e air na daoine ‘s air an eilean, cha mhòr nach e Barrach a bh’ ann.

Cluinnidh sinn mun turas a ghabh teaghlach Johnny a Bharraigh agus na cuimhneachain bhlàth a th' aig muinntir an eilein air fhathast.

30 minutes

Last on

New Year's Day 2024 10:00

Broadcasts

  • Mon 27 Feb 2023 15:30
  • Wed 1 Mar 2023 20:00
  • Sun 5 Mar 2023 10:00
  • New Year's Day 2024 10:00