Main content
Sorry, this episode is not currently available

C貌mhla ri Fearghas MacBheathain

Seirbheis Gh脿idhlig c貌mhla ri Fearghas MacBheathain. Gaelic Service conduced by Fergus MacBain.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 86: 15-16 air fonn Evan agus 's e an t-Urr Seumas D貌mhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglais Le貌dhais agus na Hearadh.
Salm 66: 10-11 air fonn Kilmarnock agus 's e D貌mhnall Ailig D貌mhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Phabil ann an Uibhist a Tuath.
Salm 32: 1-2 air fonn Martyrdom agus 's e Tormod MacIllIosa a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille-Mhoire san Eilean Sgiathanach.

Leughadh: 2 Samuel 12: 1-13
Ceann-teagaisg: Salm 51: 10

'S ann do Chnoc an Torran ann an Uibhist a Tuath a bhuineas Fearghas MacBheathain. Fhuair e oideachadh ann am Bun- agus 脌rd-sgoil Phaibil an Uibhist a Tuath. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil chur e 霉ine seachad ag obair mar phosta. Ann an 1990 thill e air ais dhan sgoil, agus an turas seo bha e a' frithealadh Sgoil Lionacleit airson d脿 bhliadhna. Bha seo mar ph脿irt den obair ullachaidh a bh' aige ri dh猫anamh agus e a' dol a-staigh airson a bhith na mhinistear. Chur e seachad 霉ine ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart na oileanach agus chr矛ochnaich e an obair ullachaidh aige ann an Obar Dheathain. Chaidh a ph貌sadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Cille-Mhoire agus Paibil an Uibhist a Tuath. 脌s d猫idh sin ghluais e gu coitheanal a' Chnuic anns an Rubha ann an Le貌dhas. Tha Fearghas agus a bhean Ella 's an dithis chloinne aca air ais ann an Uibhist a Tuath agus, ged nach eil e a' leantainn dreuchd ministeir, bidh e fhathast bho 脿m gu 脿m a' searmonachadh anns an sg矛re aige fh猫in. Tha e an-diugh a' s脿s ann an obair chroitearachd agus ann an obair chl猫ireachd. Nuair a gheibh e 霉ine dha fh猫in is toigh leis a bhith ag obair air a' chroit, anns a' gh脿rradh agus a' gabhail beagan fois a' leughadh.

30 minutes

Last on

Sun 26 Feb 2023 21:00

Broadcasts

  • Sun 26 Feb 2023 09:00
  • Sun 26 Feb 2023 21:00