Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh

An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich 's Manachainn Rois. Service with Rev Alasdair MacAulay, minister of Tain and Fearn Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas :
Salm 40: 1-2 air fonn St David agus ‘s e Ailean Guinne a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor a’ Chaoil.
Salm 09: 9-10 air fonn Evan agus ‘s e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis.
Salm 103: 12-13 air fonn Free Church agus ‘s e Dòmhnall MacGillÌosa a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.

Leughadh: Gnìomharan nan Abstol 9: 1-16
Ceann-teagaisg: Gnìomharan nan Abstol 9: 5

Thàinig atharrachadh spioradail ann am beatha Alasdair nuair a bha e bliadhna thar fhiachead. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd, chuir e dà bhliadhna seachad ann an gnìomhachas na h-ola agus sia bliadhna deug na fhear-naidheachd aig a' BhBC ag obair ann an Inbhir Nis agus mu dheireadh ann an Steòrnabhagh.

Tha e pòsta aig Màiri, a bhuineas do sgìre Nis agus tha iad le chèile air an cumail trang leis an teaghlach, Cairistiona, Lùc, Emma, Kate agus na h-oghaichean aca Demi agus Theo. Bha Alasdair agus Màiri le chèile an sàs ann an obair am measg òigridh Nis airson grunn bhliadhnachan mus do ghluais an teaghlach a Dhùn Èideann fhad 's a bha Alasdair a' frithealadh Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Anns an Ògmhios 2012 fhuair e cead-searmonachaidh agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois san Lùnastal.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 5 Mar 2023 09:00
  • Sun 5 Mar 2023 15:00
  • Sun 16 Jul 2023 09:00
  • Sun 16 Jul 2023 15:00