Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh
Seirbheis Didòmhnaich Slat Phailm còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon Eaglais Bhaisteach. Palm Sunday Service conducted by Rev Suzie Roberts from the Baptist Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Mà iri Mhoireasdan a’ seinn Hosanna don t-Slà naighear
O Nach Domhainn Grà dh Grà smhòr Iosa, air a sheinn le Muriel Urchardan.
Mol do Dhia le Buidheachas is Sòlas, air a sheinn le Mà iri Anna NicUalraig, Joy Dunlop, Eòghainn MacEanruig agus Fearghas Rothach.
Nas Dlùithe Dhut Fèin, a Dhè, air a sheinn le Seumas Greumach agus Rory MacMhathain
agus Cia Domhain Grà dh an Athar Dhuinn le Donnie Murdo MacLeòid, Mà iri Anna NicUalraig agus Brùs MacGriogair
Leughadh: Eòin 12: 1-19
Thà inig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach sna 90an nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gà idhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thà inig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh faisg air dà fhichead bliadhna, agus tha i ag rà dh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice a' fuireach ann an Lunnainn fhad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus bha i fhèin is Mìcheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far an robh i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. An-uiridh ghluais Siùsaidh, Mìcheal agus mà thair Siùsaidh a dh'Alba.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 2 Apr 2023 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Apr 2023 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal