Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Mgr Iain P MacFhionghuin

Seirbheis còmhla ri Mgr Iain P MacFhionghuin, Eaglais Reul na Mara, Bàgh a' Chaisteil, Barraigh. Gaelic service with Fr John P MacKinnon, Our Lady Star of the Sea, Castlebay.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Barr a’ seinn A Thighearna Dhia/ A Thighearna Seall Dhomh do Dhoighean agus Seinnibh don Tighearna .
Anna Nic na Ceàrdaich a’ seinn Dhìt Pileat Gu Bàs Thu
Sgoilearn Sgoil Lionacleit a’ seinn Tha sinn seasamh aig an t-Soisgeul
Còisir Eaglais Naomh Peadair a’ seinn An Crann Ceusaidh

Leughaidhean:
A’ chiad leughadh: Isaiah 50: 4-7
An dàrna leughadh: Philipianaich 2: 6-11
Soisgeul: Mata 21: 1-11

Rugadh Mgr Iain Pòl ann an Dalabrog an Uibhist a Deas agus chaidh a thogail san sgìre sin gus an robh e ochd deug. Chaidh oideachadh ann am Bun-Sgoil Dhalabroig agus ann an Sgoil Lionacleit.

Bha ùidh riamh aige ann an obair na sagartachd agus bhiodh e a' cur seachad tòrr ùine a' sàs ann an gnothaichean na h-eaglaise na òige. Aig ochd deug rinn e co-dhùnadh gur e seo an t-slighe a bha e airson a leantainn agus chaidh e do Cholaiste Rìoghail na Sagartachd ann an Salamanca sa Spàinn airson trèanadh. Bha Mgr Iain Pòl seachd bliadhna sa Spàinn mus tàinig e a-mach na shagart air an 24 den Ògmhios 1999, agus ghabh e a bhòidean san eaglais far an deach a thogail, Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog.

Bha Mgr Iain Pòl stèidhichte aig Eaglais Naomh Moire ann am Beinn a' Bhaoghla airson a' chiad seachd mìosan agus chaidh an uairsin a ghluasad gu Eaglais Naomh Mun ann an Dùn Omhain na shagart-cuideachaidh. Às dèidh dà bhliadhna chaidh a chuir na shagart paraiste air Eaglais Naomh Moire agus Calum Cille ann an Ceann a' Ghiùthsaich agus cuideachd a' frithealadh paraistean an Aghaidh Mhòir agus Bhail' Ùr nan Granndach. Chur e seachad ùine cuideachd na shagart paraiste ann am Bail' a' Chaolais mus deach a ghluasad a Bhàgh a' Chaisteil. Tha Mgr Iain Pòl an-diugh a' coimhead às dèidh na paraistean air fad a th' aig an eaglais ann am Barraigh.

Bhiodh sibh air eòlas a chuir air Mgr MacFhionghuin, cuide ri sagairt eile bho sgìr'-easbaig Earra Ghaidheil 's nan Eilean, anns an t-sreath phrògraman, An Island Parish, a bha air ´óÏó´«Ã½2 grunn bhliadhnaichean air ais.

Nuair a gheibh Mgr Iain Pol ùine dha fhèin, is toigh leis a bhith a' cluich golf, a' leughadh, ag èisteachd ri ceòl, agus a' coimhead ball-coise. Tha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh, dualchas, biadh agus fìon na Spàinne.

30 minutes

Broadcast

  • Sun 2 Apr 2023 21:00