Còmhla ri Seonaidh Ailig MacGuaire
Seirbheis còmhla ri Seonaidh Ailig MacGuaire, èildear ann an Eaglais na h-Alba an Uibhist a Tuath. Gaelic service with John A MacQuarrie, elder, Church of Scotland, North Uist.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 57: 1 air fonn Matryrdom agus ‘s e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglais Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a’ Bhac .
Salm 40: 1-2 air fonn St David agus ‘s e Ailean Guinne a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Chaoil.
Salm 16: 10-11 air fonn Kilmarnock agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost
Leughadh: Eòin 11: 1-6 & 20-29
Ceann-teagaisg: Eòin 11: 28
Rugadh agus thogadh Seonaidh Ailig MacGuaire ann an Solas, Uibhist a Tuath. Fhuair e foghlam ann an Sgoil Dhùn Sgealair agus Sgoil Phaibeil ann an Uibhist agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Nuair a thòisich e air cosnadh, bha e ag obair aig Alginate Industries far an robh e an sàs ann an obair feamainn aig an à m sin. Chuir e seachad seachd bliadhna fichead ag obair eadar Roinn Taigheadas Chomhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall. Leig e dheth a dhreuchd aig HHP bho chionn còig bliadhna agus goirid an dèidh sin, phòs e agus ghluais e a dh' Inbhir Nis. 'S ann air croit a rugadh 's a thogadh e agus bidh e 'n Uibhist gu math tric ri obair fearainn còmhla ri bhrà thair. Thà inig atharrachadh na bheatha bho chionn còrr air deich bliadhna fichead agus thòisich e air beagan searmonachaidh a' dhèanamh mu fhichead bliadhna air ais. Tha Seonaidh Ailig na èildear ann an Eaglais Chille-Mhoire ann an Uibhist a Tuath.
Last on
Broadcasts
- Sun 23 Apr 2023 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 23 Apr 2023 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal