Còmhla ris an Urr Iain Moireasdan, Eaglais Shaor an Òbain
Seirbheis còmhla ris an Urramach Iain Moireasdan (nach maireann) Eaglais Shaor an Òbain. Gaelic service conducted by Oban Free Church Minister, the late Rev Iain Morrison
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 27: 11, 13-14 air fonn Stornoway agus ‘s e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 61: 1-3 air fonn Walsall agus ‘s e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn ann an Ionad na Seann Daoine ann an Steòrnabhagh.
Salm 96: 8-9 air fonn Evan agus ‘s e Iain MacRath a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cheann a’ Loch.
Leughadh: Eòin Eòin 14. 1-24
Ceann-teagaisg Eòin 14: 1
Rugadh Iain Moireasdan ann an Dùn Èideann, 's bha athair às na Hearadh agus a mhà thair à Leòdhas ach chaidh a thogail ann an Steòrnabhagh. Chaidh e gu Sgoil MhicNeacail agus b' ann nuair a bha e an sin a thà inig atharrachadh na bheatha aig aois sia deug nuair a bha dùsgadh spioradail ann ann an1978.
Chaidh Iain gu Oilthigh Heriot Watt ann an Dùn Èideann agus Colaiste Mhoireibh agus thug e a-mach dreuchd neach-teagasg ann an matamataig agus coimpiutaireachd. Bha e a’ teagasg airson deich bliadhna fichead leis a' chiad obair aige ann an Acadamaidh Pheairt agus thill e air ais a Leòdhas a phòsadh ann an 1986. Fhuair e obair ann an Sgoil MhicNeacail far an robh e gu 2012. Chur e seachad dà bhliadhna aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar agus ann an 2014 chaidh e gu Seamanaraidh Diadhachd Dhùn Èideann agus cheumnaich e ann an 2017. Bha Iain an toiseach na neach-taic ann an coitheanal Eaglais Shaor Ros Cuithne agus an uairsin aig toiseach 2022 chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor an Òbain.
Bha triùir a theaghlach aige, dithis ghillean agus nighean.
Chaochail an t-Urramach Iain Moireasdan sa Chèitein am-bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Sun 30 Apr 2023 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Apr 2023 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Aug 2023 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Aug 2023 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Jul 2024 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 14 Jul 2024 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal