Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Ruairidh Iain Caimbeul

Seirbheis còmhla ris an Urr Ruairidh Iain Caimbeul bhon Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by Rev Roddy John Campbell, retired Tolsta Free Church minister .

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 27: 13-14 air fonn Torwood agus ‘s e Iain Mac a’ Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 63: 2-3 air fonn New London agus ‘s e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a’ Bhac.
Salm 23: 5-6 air fonn Stornoway agus ‘s e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgiathanach.

Leughadh: Lùcas 15: 1-10
Ceann-teagaisg: Lùcas 15: 8-10

Rugadh is thogadh Mgr Caimbeul ann am baile Lìonail ann an Nis. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na iar-mhanaidsear airson còig bliadhna deug air aon de bhùithtean a' Cho-op ann a Steòrnabhagh. Thill e air ais dhan sgìre aige fhèin às dèidh sin, far an robh e ag obair aig Comann Eachdraidh Nis airson trì bliadhna. Rinn e ceum tron Oilthigh Fhosgailte agus às dèidh sin chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1996. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath ann an 1999 agus leig e dheth a dhreuchdann an 2021. Tha Mgr Caimbeul air tilleadh a dh’fhuireach ann an Nis.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 14 May 2023 09:00
  • Sun 14 May 2023 15:00