Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1246
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1246. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 4 Jun 2023
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 942
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1246
Duration: 05:00
Litir 1246: An Neach-iùil Stròmach
Ann an Litir seachd ceud ʼs a dhà (702), rinn mi iomradh air Eilean Stròma, far costa Ghallaibh. Chan eil duine a’ fuireach ann an-diugh. Nuair a bha sluagh ann, bha na daoine fìor chomasach mar mharaichean. Bha cuid de na Stròmaich ainmeil mar luchd-iùil a bheireadh daoine tro na caoil timcheall an eilein. Bidh na sruthan mara timcheall Stròma a’ ruigsinn astar de dh’aon mhìle-mhara dheug san uair. Tha sgeirean gu leòr ann. ʼS e à ite cunnartach a th’ ann.Â
Agus dh’fhaodadh e a bhith sà rachail do mharaichean. Ri linn nam bà taichean seòlaidh, nuair nach robh a’ ghaoth ann, bhiodh soithichean glacte eadar Stròma agus tìr-mòr, a’ dol air ais agus air adhart leis an tìde-mhara, gun chomas briseadh a-mach à s an t-sruth.Â
Ged a tha na h-Eileanan an Iar pìos air falbh bho Stròma, bha ceanglaichean mara ann eadar an dà à ite. Tha mi airson innse dhuibh mu thachartas annasach as t-fhoghar ochd ceud deug, naochad ʼs a h-aon (1891).Â
Bha an Cupid, soitheach às an Danmhairg le còignear air bòrd, a’ dèanamh air Steòrnabhagh. Nuair a rà inig iad uisgeachan Stròma chuir iad bratach an-à irde a bha a’ sealltainn gun robh iad a’ sireadh neach-iùil. Chaidh bà ta a-mach bho Stròma. Dh’aontaich fear de na Stròmaich, David Banks, a bhith air fhastadh mar neach-iùil. Bhiodh e a’ dol air a’ Chupid gu ruige Steòrnabhagh.
Chaidh cùisean gu math gus an do rà inig iad am Parbh, no mar a chanas muinntir Leòdhais, an Carbh. Sin a’ Ghà idhlig air Cape Wrath. Dh’èirich stoirm agus bha an Cupid air a h-iomain a dh’ionnsaigh Shealtainn. Rinn an criutha oidhirp dhol an aghaidh a’ ghaillinn ach dh’fhà ilnich orra.Â
Bha na siùil air an reubadh às a chèile. Chaidh sgrios a dhèanamh air an t-soitheach. Chaill iad ball dhen chriutha thairis air a’ chliathaich, agus cha mhòr nach do chaill iad dithis eile. Bha iad ann an cunnart a dhol fodha.
Bha iad ann an èiginn airson grunn sheachdainean. Chaidh iad seachad air na h-Eileanan Sealtainneach agus rà inig iad na h-Eileanan Fà rach. Bha an criutha a-nise claoidhte. Bha iad dhen bheachd nach robh dol-às aca. Bhiodh an Cupid air a briseadh às a chèile air a’ chladach fo na bearraidhean. Bhiodh iad uile air am bà thadh.
Ach chunnaic David Banks loch-mara beag le acarsaid ann. Chuir iad am pìos beag de sheòl a bh’ aca fhathast air a’ chrann, agus stiùir Banks an Cupid a-steach gu à ite sà bhailte.
Thug na Fà raich taic agus aodach ùr dhaibh. Choisich Banks gu ruige am prìomh bhaile, Tórshavn, thairis air na beanntan. Fhuair e dhachaigh air soitheach-smùide a bha a’ dèanamh air Lìte. Chuir e iongnadh air muinntir Stròma nuair a rà inig e an t-eilean. Bha daoine dhen bheachd gun deach a chall aig muir.
Chaidh mìosan seachad. Bha an Cupid air a cà radh. Mu dheireadh thall, rà inig i Steòrnabhagh. Bha an criutha dhen bheachd gun robh David Banks air am beatha a shà bhaladh, leis cho sgileil ʼs a bha e.
Tha eà rr-sgrìobhadh duilich agam don sgeul, ge-tà . Faisg air deireadh a’ Chogaidh Mhòir, bha David Banks agus dithis eile a’ tilleadh gu Stròma bho Inbhir Ùige. Bha iad air am bà thadh nuair a chaidh am bà ta aca fodha.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: sgeirean: skerries; soithichean: vessels; glacte: stuck, caught; An Danmhairg: Denmark; dh’aontaich: agreed; gu ruige ³§³Ù±ðò°ù²Ô²¹²ú³ó²¹²µ³ó: to Stornoway; èiginn: crisis, distress; claoidhte: exhausted; dol-à s: escape; bearraidhean: cliffs; eà rr-sgrìobhadh: post-script.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Eilean Stròma, far costa Ghallaibh: the Isle of Stroma, off the coast of Caithness; fìor chomasach mar mharaichean: exceptionally capable as mariners; ainmeil mar luchd-iùil a bheireadh daoine tro na caoil: famous as pilots who would take people through the firths; astar de dh’aon mhìle-mhara dheug san uair: a speed of eleven knots [nautical miles per hour]; dh’fhaodadh e a bhith sà rachail do mharaichean: it could be wearisome for mariners; air ais agus air adhart leis an tìde-mhara: back and forth with the tide; chuir iad bratach an-à irde: they hoisted a sail; a’ sealltainn gun robh iad a’ sireadh neach-iùil: showing that they were seeking a pilot; air fhastadh mar neach-iùil: hired as a pilot; dh’èirich stoirm agus bha an Cupid air a h-iomain a dh’ionnsaigh Shealtainn: a storm arose and the Cupid was driven towards Shetland; rinn an criutha oidhirp dhol an aghaidh a’ ghaillinn ach dh’fhà ilnich orra: the crew attempted to go against the storm but they failed; bha na siùil air an reubadh às a chèile: the sails were ripped to shreds; chaill iad ball dhen chriutha thairis air a’ chliathaich: they lost a crew member over the side; ann an cunnart a dhol fodha: in danger of sinking; seachad air na h-Eileanan Sealtainneach: past the Shetland Islands; rà inig iad na h-Eileanan Fà rach: they reached the Faroe Islands; bhiodh iad uile air am bà thadh: they would all be drowned; loch-mara le acarsaid ann: a fjord with an anchorage; fhuair e dhachaigh air soitheach-smùide a bha a’ dèanamh air Lìte: he got home on a steamship that was making for Leith; gun deach a chall aig muir: that he was [had been] lost at sea; deireadh a’ Chogaidh Mhòir: the end of the Great War.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: cha mhòr nach do chaill iad dithis eile: they almost lost two others. Cha mhòr nach means ‘almost’ and cha mhòr gu(n) means ‘hardly, barely’. Cha mhòr nach eil mi deiseil ‘I’m almost ready’. Cha mhòr gun robh iad beò ‘they were barely alive’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a’ dèanamh air ³§³Ù±ðò°ù²Ô²¹²ú³ó²¹²µ³ó: making for Stornoway.
Broadcast
- Sun 4 Jun 2023 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.