Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1247
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1247. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 11 Jun 2023
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 943
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1247
Duration: 05:00
Litir 1247: Eilean nan Ròn (1)
Bho à m gu à m bidh mi a’ ruith chùrsaichean anns am bi sinn a’ toirt sùil air mapaichean na Gà idhealtachd. Bidh na h-oileanaich a’ faighinn tuigse air briathrachas na Gà idhlig agus air structar ainmean-à ite. Faisg air deireadh a’ chùrsa, airson dearbhadh mar a tha an t-eòlas ac’ air fà s, bidh mi ag iarraidh air na h-oileanaich eilean mac-meanmnach a chruthachadh. Bidh iad a’ cur ainmean-à ite Gà idhlig air.Â
Bidh mi cuideachd ag iarraidh orra ainm a chruthachadh airson an eilein fhèin. Tha e iongantach cho tric ʼs a bhios iad a’ gabhail ‘Eilean nan Ròn’ air. ʼS dòcha nach bu chòir dha sin a bhith na iongnadh. Tha ròin gu math cumanta timcheall eileanan, co-dhiù eileanan mara.
ʼS dòcha gu bheil e a cheart cho iongantach cho gann ʼs a tha a leithid de dh’ainm ann an dha-rìribh. Tha Loch nan Ròn ann, Àird nan Ròn, Rubha nan Ròn, Sgeir nan Ròn is mar sin air adhart. Ach ʼs aithne dhomh dìreach dà eilean air a bheil ‘Eilean nan Ròn’ mar ainm. Tha fear dhiubh beag bìodach. Tha e faisg air Eilean Orasa, là imh ri Colbhasa, ann an Earra-Ghà idheal.
Tha am fear eile ann am fìor cheann a tuath na h-Alba, ann an Dùthaich MhicAoidh. Tha e aig beul Caolas Thunga. Bha sluagh uaireigin a’ fuireach ann. Anns na tritheadan dhen linn a dh’fhalbh, bha sia croitean ann, agus sgoil. Air a’ chiad mhapa sia-òirlich aig an t-Suirbhidh Ã’rdanais, tha sia togalaichean deug le mullaichean orra.Â
Ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a h-aon (1881), bha seachdad ʼs a trì daoine a’ fuireach ann. Ach, mar a thachair ann am mòran eileanan iomallach eile, dh’fhalbh na daoine anns na tritheadan. Dh’fhà g iad Eilean nan Ròn ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a h-ochd (1938). A rèir aon aithris, bha naoinear air an liosta de dhaoine a dh’fhalbh an uair sin. Bhuineadh iad uile do Chloinn ʼic Aoidh.Â
Tha fear de na h-eileanaich, Dòmhnall MacAoidh, a’ bruidhinn mun eilean air Tobar an Dualchais. Nuair a bha e òg, trà th san fhicheadamh linn, bha ochdad duine a’ fuireach ann. Bha iasgach an sgadain gu math mòr. Bhiodh na fir òga a’ dol fad air falbh airson an sgadain. Anns a’ gheamhradh bhiodh iad ri iasgach a’ ghiomaich anns an sgìre aca fhèin.
Bha Dòmhnall dhen bheachd gun robh sluagh a’ fuireach anns an eilean ro na fuadaichean. Bha na mnathan aca à diofar à iteachan air a’ chosta mu thuath. Bha feadhainn dhiubh à Arcaibh. Dh’ionnsaich iadsan Gà idhlig oir ʼs e Gà idhlig a bh’ aig na h-eileanaich mar chanan coimhearsnachd. Ge-tà , bha foghlam na sgoile, no a’ chuid a bu mhotha dheth, ann am Beurla. Ged a bha Dòmhnall fhèin comasach air Gà idhlig a leughadh, cha do dh’ionnsaich e sin anns an sgoil.
Tha meadhan an eilein, far an robh am baile, rudeigin torrach. Bhathar a’ fàs eòrna is coirce is peasair ann. Bha, agus buntà ta is cà l. Bha Dòmhnall MacAoidh dhen bheachd, ged a rachadh tu air feadh an t-saoghail, nach fhaigheadh tu cà l na b’ fheà rr na bh’ aca ann an Eilean nan Ròn.
Bha cuimhne aig Dòmhnall air sealg nan ròn nuair a bha e òg. Ach cha b’ ann airson feòil a bha na h-eileanaich gan sealg. Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dheidhinn sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: oileanaich: students; beag bìodach: very small; Eilean Orasa: Oronsay; là imh ri: close to; Colbhasa: Colonsay; Earra-Ghà idheal: Argyll; Dùthaich MhicAoidh: The Mackay Country; fuadaichean: clearances; Arcaibh: Orkney; torrach: fertile.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bho à m gu à m bidh mi a’ ruith chùrsaichean: from time to time I run courses; tuigse air briathrachas na Gà idhlig agus air structar ainmean-à ite: an understanding of Gaelic vocabulary and the structure of place-names; airson dearbhadh mar a tha an t-eòlas ac’ air fà s: to demonstrate how their knowledge has increased; bidh mi ag iarraidh air na h-oileanach eilean mac-meanmnach a chruthachadh: I ask the students to create an imaginary island; tha e iongantach cho tric ʼs a bhios iad a’ gabhail ‘Eilean nan Ròn’ air: it’s amazing how often they call it ‘the island of the seals’; cumanta timcheall air cladaichean eileanan, co-dhiù eileanan mara: common on island shores, at least maritime islands; ʼs dòcha gu bheil e a cheart cho iongantach: perhaps it’s just as surprising; cho gann ʼs a tha a leithid de dh’ainm ann an dha-rìribh: how uncommon such names are in reality; ʼs aithne dhomh: I know [of]; beul Caolas Thunga: the mouth of the Kyle of Tongue; na tritheadan dhen linn a dh’fhalbh: the 1930s; bhuineadh iad uile do Chloinn ʼic Aoidh: they were all Mackays; iasgach an sgadain: the herring fishing; iasgach a’ ghiomaich: the lobster fishing; bhathar a’ fàs eòrna is coirce is peasair ann. Bha, agus buntà ta is cà l: barley, oats and peas were grown there. As were potatoes and cabbage; cha b’ ann airson feòil a bha na h-eileanaich gan sealg: it wasn’t for meat that the islanders were hunting them.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: sia togalaichean deug: sixteen buildings. This is the traditional way of counting objects in the teens. There is a tendency today for school-based learners to learn to count the teens first and then add in nouns so you might hear ‘sia-deug togalaichean’. This is still frowned upon by many native speakers who would place the noun before ‘d±ð³Ü²µâ€™. You might, however hear ‘sia-deug de thogalaichean’. Here are some other examples: ceithir leabhraichean deug ‘fourteen books’; ochd cluicheadairean deug ‘eighteen players’; trì taighean deug ‘thirteen houses’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ʼS dòcha nach bu chòir dha sin a bhith na iongnadh: perhaps that shouldn’t be a surprise.
Broadcast
- Sun 11 Jun 2023 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.