Eaglais Mhaighstir Ailein
An eaglais, a h-eachdraidh agus am pà irt mhòr a th' aice ann am beatha muinntir an eilein. Eriskay people reminisce on 100 years of their church, built by Fr Allan MacDonald.
Anns a’ phrògram seo cluinnidh sinn mun phà irt chudromach a th’ aig an eaglais ann am beatha muinntir Èirisgeidh thar na ceud bliadhna a chaidh seachad. Tha iomradh air a thoirt air far a bheil an eaglais stèidhichte aig mullach a' Rudha Bhà in agus na seallaidhean breà gha a chithear bho gach taobh dhith. Tha cruth an togalaich fhèin gu math annasach agus tha iomadh sgeulachd co-cheangailte ri na ballaichean a-muigh agus mar a tha i air a sgeideachadh air an taobh a-staigh.
Tha cuimhneachain pearsanta a’ nochdadh bho mhuinntir an eilein agus am pà irt a bh’ aca fhèin san eaglais nan òige agus mar inbhich. Tha cuid de na sagairt a bha a' frithealadh na paraiste rin cluintinn len cuid sgeulachdan agus len cuimhneachain.
Last on
Broadcast
- Sun 20 Aug 2023 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal