Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1262
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1262. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 24 Sep 2023
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 958
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1262
Duration: 04:59
Litir 1262: An Dreathan-donn (2)
Bha mi ag innse sgeul mun Dreathan-donn. Bha an tuathanach air a lurgainn fhèin a bhriseadh. Cha b’ urrainn dha èirigh.
Thà inig balaich ²¹-²ú³óà ²Ô ga lorg. Thug iad am bodach ²¹²Ô-à ¾±°ù»å±ð don taigh air cuibhrig. Chuir iad air an leabaidh e. Bha an leabaidh ri taobh na h-uinneig.
Thà inig an dreathan-donn ²¹²Ô-à ¾±°ù»å±ð on chladach. Bha an crodh agus an tarbh ag ithe anns a’ phà irc. Chaidh an dreathan chun an tairbh. ‘Chan eil mòran agad ri ithe, a bhròinein,’ thuirt e ris. ‘Agus gu leòr aig do mhaighstir anns an t-sabhal.’
‘Tha sin ceart,’ dh’aontaich an tarbh, ‘ach chan fhaigh mi thuige.’
‘Nach cuir thu do dhà adharc fon doras,’ ars an dreathan-donn, ‘agus an doras a thogail far nam banntaichean.’
‘Cha chreid mi nach e sin a nì mi,’ thuirt an tarbh. Agus anns an dòigh sin, dh’fhosgail e doras an t-sabhail. Chaidh an tarbh agus an crodh a-steach agus dh’ith iad a h-uile dad a bh’ ann – snèipean, coirce, feur – gus an do sgà in iad. Bha iad marbh.Â
Mu dheireadh thall, thà inig an dreathan-donn a-steach. Bha galla ann, agus cuileanan aice. ‘Ò, a bhròineag,’ thuirt e ris a’ ghalla, ‘tha an t-acras ort.’
‘Tha, tha an t-acras orm,’ dh’aontaich a’ ghalla.
‘Uill,’ ars esan, ‘ma nì thu aon rud dhòmhsa, bheir mi dhut biadh gu leòr.’
‘Dè nì mi dhut?’ ars a’ ghalla.
‘Ma mharbhas tus’ am madadh a mharbh a’ chaorag,’ thuirt e, ‘bheir mi dhut feòil gu leòr.’ Dh’iarr an dreathan-donn air a’ ghalla fuireach aig doras saobhaidh a’ mhadaidh-ruaidh. Chuireadh esan am madadh a-mach air car meallta, agus bhiodh a’ ghalla ga mharbhadh.
Chaidh an dreathan-donn don t-saobhaidh. ‘Och och,’ thuirt e ris a’ mhadadh-ruadh, ‘nach eil thu cianail ann a sin? Tha biadh gu leòr a-muigh an seo.’
‘Cuiridh mi geall gu bheil,’ ars am madadh.
‘Tha fhios a’m gu bheil,’ fhreagair an dreathan-donn.
‘Ma tha,’ ars am madadh-ruadh, ‘thig mi a-mach agus gheibh mi mo chuid dheth.’ Thà inig am madadh a-mach às an t-saobhaidh agus mharbh a’ ghalla e.
‘Uill, uill,’ thuirt an dreathan-donn ris a’ ghalla, ‘ma thèid thu ²¹-²ú³óà ²Ô don chladach, chì thu each an sin a chaidh a mharbhadh an-diugh. Gheibh thu do leòr de bhiadh.’
‘Tha mi a’ creidsinn gum faigh,’ thuirt a’ ghalla. Chaidh i ²¹-²ú³óà ²Ô gu far an robh an t-each marbh agus fhuair i feòil gu leòr.
Bha a-nis an dreathan-donn ann agus an oidhche sin, ʼs e oidhche cur-cathaidh a bh’ ann. Thachair gun robh uinneag a’ bhodaich fosgailte. Nuair a bha an dreathan-donn faisg, shèid a’ ghaoth a-steach e. Rug am bodach air. ‘Aha!’ thuirt e, ‘cha chreid mi nach d’ fhuair mi a-nis thu!’
‘Leig às mi,’ thuirt an dreathan-donn. ‘Tha meall òir agam fo mo sgiath dhut. Ma dh’fhosglas tu do là mh, bheir mi dhut e.’
Rinn e sin agus chac an dreathan-donn air a là imh. Leum an t-eun a-null dhan dreasair. Dh’èirich am bodach agus thog e cromag. Leum an dreathan-donn a-null don sgeilp agus don mhantelpiece. Bha am bodach a’ briseadh a h-uile dad a bh’ ann leis a’ chromaig. Chan eil fhios agams’ nach eil iad mar sin fhathast – an seann tuathanach agus an dreathan-donn!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: dreadhan-donn: wren; cuibhrig: bedcover; snèipean: turnips; coirce: oats; feur: hay; saobhaidh: animal (fox) den; oidhche cur-cathaidh: a night of snowing and blizzarding; dreasair: dresser; cromag: shepherd’s crook.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha an tuathanach air a lurgainn fhèin a bhriseadh: the farmer had broken his own shank; cha b’ urrainn dha èirigh: he couldn’t get up; bha an leabaidh ri taobh na h-uinneig: the bed was next to the window; bha an crodh agus an tarbh ag ithe anns a’ phà irc: the cows and the bull were eating in the field; chan eil mòran agad ri ithe, a bhròinein: you don’t have much to eat, you poor (masculine) thing; agus gu leòr aig do mhaighstir anns an t-sabhal: and your master has plenty in the barn; ach chan fhaigh mi thuige: but I can’t get to it; nach cuir thu do dhà adharc fon doras: won’t you put your two horns under the doors; agus an doras a thogail far nam banntaichean: to lift the door from the hinges; cha chreid mi nach e sin a nì mi: I reckon that’s what I’ll do; gus an do sgà in iad: until they split open; bha galla ann, agus cuileanan aice: there was a bitch with puppies; ò, a bhròineag, tha an t-acras ort: oh, poor (feminine) thing, you are hungry; ma mharbhas tus’ am madadh a mharbh a’ chaorag: if you kill the fox that killed the wee sheep; chuireadh esan am madadh a-mach air car meallta: he would put out the fox with a trick; nach eil thu cianail ann a sin?: aren’t you in a bad way there?; cuiridh mi geall gu bheil: I bet there is; chì thu each an sin a chaidh a mharbhadh an-diugh: you will there see a horse that was killed today; shèid a’ ghaoth a-steach e: the wind blew him in; leig às mi: release me!; tha meall òir agam fo mo sgiath dhut: I have a lump of gold for you under my wing; chac an dreathan-donn air a là imh: the wren defecated on his hand.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Thà inig balaich ²¹-²ú³óà ²Ô ga lorg. Thug iad am bodach ²¹²Ô-à ¾±°ù»å±ð don taigh: lads came down to find him. They took the old man up to the house. The use of ²¹-²ú³óà ²Ô for ²õì´Ç²õ and ²¹²Ô-à ¾±°ù»å±ð for suas is a feature of the Gaelic of Sutherland and Ross-shire.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Gheibh thu do leòr de bhiadh: you’ll get your sufficiency of food.
Broadcast
- Sun 24 Sep 2023 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.