Boireannaich sna Feachdan
Sùil air obair bhoireannach sna feachdan armaichte bho à m a' Chiad Chogaidh. Le Jo NicMhèin. A history of women's roles in the armed forces from the First World War onwards. With Jo MacMinn.
Tha sinn eòlach an-diugh air a bhith a' faicinn ìomhaighean bhoireannach ann am feachdan armaichte Bhreatainn – air sanasan airson na h-obrach air an telebhisean, ann an deilbh bho leithid Cogadh Afganastan gu sreathan drà ma leithid Our Girl.
‘S tha inbhe bhoireannach air atharrachadh thar na linntean, mar a tha na feachdan fhèin. Bho à m Cogadh a’ Chrimea san naodhamh linn deug, chaidh aithne a thoirt do à ite bhoireannach ann an obair banaltramachd, le leithid Florence Nightingale a’ cosnadh cliù dhaibh, agus ga dhèanamh soilleir gu robh comasan sònraichte aig boireannaich taic a thoirt do dh’fhir a bha a' sabaid.
Leudaich sin leis a’ Chiad Chogadh Mhòr agus thug e atharrachadh agus leasachadh air beatha bhoireannach ‘s thug e cuideachd dùbhlain dhaibh ann an dòighean nach fhacas a-riamh roimhe, a' stiùireadh gluasadan leasachaidh agus co-ionnanachd ann an dùthchannan air feadh an t-saoghail.
A seo tha sinn a' faighinn dealbh air na gluasdan sin tron Chiad Chogadh, an Dà rna Cogadh agus suas chun a' là an-diugh tro shùil iadsan a bha thall 's a chunnaic .
Tha am prògram air a lìbhrigeadh le Jo NicMhèin. Chaidh a rannsachadh agus a riochdadh le Calum Iain Bartlett.
Last on
Broadcast
- Sun 12 Nov 2023 11:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal