le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Rugadh agus thogadh cèiliche na seachdain, Jarek Kwiechien, neo Mgr Earraig, ann am baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigeach ann an ceann a tuath na Pòlainn, à ite mar a chanas e fhèin, a tha gu math coltach ris a' Ghà idhealtachd. Thug e a-mach a bhith na shagairt sa Pholainn, 's rinn e seachd bliadhna as An Ròimh far an tug e a-mach ceum PhD ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thill e dhan Phòlainn deich bliadhna air ais, thòisich e air obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairt. Innsidh e mar a thurchair dha a thighinn a dh'Alba 's e an-diugh na Shagairt anns An Òban.
Tha Patsi NicChoinnich air ais le iris den t-sreath aice mu leabhraichean-latha agus sinn a' comharrachadh gu bheil ceud bliadhna an-ath-bhliadhna bho sgrìobh Anne Frank na briathran mu dheireadh san leabhar-latha aice fhèin. Eadar seo agus an uair sin, bidh Patsi, gach mìos, a' dèanamh a taghadh fhèin de leabhar a tha stèidhichte air leabhar-latha. An-diugh tha i a' toirt sùil air Ian Hunter (Mott The Hoople) Diary of a Rock and Roll Star.
Agus gheibh sinn eachdraidh ghoirid fear de na laoidhean Nollaige air a bheil sinn eòlach. Gan toirt thugainn, à tasglann ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal, tha an Dr Urramach Ruairidh MacLeòid. An-diugh, Away in a Manger.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 20 Dec 2023 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 20 Dec 2023 22:25´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal