Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Gheibh sinn mìneachadh air 'sleep apnoea' bho fheadhainn a bha a' fulang leis an tinneas. Sleep apnoea sufferers explain how the disease affected their lives.

Nì Dòmhnall Màrtainn lèirmheas air an leabhar, A Considerable Town: Stornoway’s Built Heritage, a chaidh a rannsachadh 's a chur ri chèile le triùir sgrìobhadairean – Catriona NicAoidh, Ian Wilson agus Jessie Mhoireach a tha le chèile an sàs ann an Comunn Eachdraidh Steòrnabhaigh: leabhar airson ar stocainn Nollaige a tha làn dheilbh agus sgeulachdan, ag innse mu bhaile Steòrnabhaigh tro eachdraidh agus ailtireachd thogalaichean sònraichte sa bhaile.

Gheibh sinn mìneachadh air dè a th' ann a 'sleep apnoea' bho Morag Duncan a tha a' fulang leis agus gheibh sinn comhairle bhon Dr Ailean Turner, a tha air faighinn thairis air an tinneas.

Tha na mìltean leabhraichean còcaireachd ùr agus leabhraichean bìdh a' tighinn a-mach gach bliadhna ‘s an iarrtas as motha orra ron Nollaig. Tha an còcaire Alasdair MacLeòid a' toirt sùil tro chuid dhiubh dhuinne. An-diugh, 's e At Christmas We Feast a sgrìobh Annie Gray a th' aige dhuinn.

Gach madainn an-dràsta, tha sinn a' cluinntinn eachdraidh ghoirid cuid de na laoidhean Nollaige air a bheil sinn cho eòlach. Gan toirt thugainn, à tasglann ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gàidheal, tha an Dr Urramach Ruairidh MacLeòid. An-diugh, O Little Town of Bethlehem.

57 minutes

Last on

Tue 19 Dec 2023 22:25

Broadcasts

  • Tue 19 Dec 2023 09:00
  • Tue 19 Dec 2023 22:25