le Cathy NicDhòmhnaill
Cluinnidh Cathy NicDhòmhnaill mu fharpaìs ùr de chèol na pìoba a Ratharasaigh as t-fhoghar. A new piping competition is to be launched in Raasay this autumn. With Cathy MacDonald.
Cluinnidh sinn bho Chailein MacIllEathain mu fharpais ùr de cheòl na pìoba a tha am pìobaire ainmeil, Hamish Moore, a' cur air bhog ann an Ratharsaigh as t-fhoghar.
Bha a' chiad prògram de sreath ùr de ‘Race Across the World’ ri fhaicinn air ´óÏó´«Ã½1 a-raoir. Anns an t-sreath seo thathar air iarraidh air na sgiobaidhean siubhal eadar Iapan agus Indonìsia gun a bhith a' sgèith, à s aonais fòn-laimhe no cairt-creideis le dìreach an t-airgead a chosgadh faradh pleà na eadar an dà dhùthaich air a thoirt dhaibh. Ach dè cho fùrasta 's a tha e a bhith a' siubhal tro Àisia-an-Ear gun cus airgid a chosg? Innisidh Michelle Neacail agus Ricky Hannaway mu na turais a ghabh iadsan agus mun dùbhlan a th' ann a bhith a' siubhal ann an tìrean cèin gun cus cosgais.
An t-seachdain sa thathar air a bhith comharrachadh gu bheil leth-cheud bliadhna bho choisinn an còmhlan Abba farpais Eurovision leis an òran Waterloo. Mìnichidh dithis a tha gu math dèidheil air Abba, Wilma NicUalraig agus Pà draig MacCuidhein, dè a tha cho tarraingeach mun cheòl aig Abba a tha ag adhbharachadh gu bheil iad cho soirbheachail chun an là an-diugh?
Agus tha Aonghas Pà draig Caimbeul air air bhith a' ruileach tro Gaseat Steòrnabhaigh, a' dol air ais seasgad bliadhna agus air cuid de na sgeulachdan a nochd air an 11mh den Ghiblean 1964 a thaghadh dhuinn, leithid sgoilearan à Hamilton a' tadhal air Leòdhas, Rathad a' Phentland, iasgairean nan giomach ann am Beà rnaraigh na Hearadh agus lorg e cuideachd litir shnog bho sgoilearan òg anns an Dìg ann an sgìre Stafainn san Eilean Sgitheanach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 11 Apr 2024 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 11 Apr 2024 22:25´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal