le Cathy NicDhòmhnaill
'S e Dòmhnall MacNèill a tha air aoigheachd aig Cathy NicDhòmhnaill an-diugh. Donald MacNeil is Cathy MacDonald's special guest today.
Bu chòir cuir às do dh'Oifis nan Dùtchchannan Cèin agus roinn ùr a chruthachadh - Roinn Chùisean Eadar-nà iseanta - às aonais uimhir de dheilbh bho à m nan colonaidhean. Sin a tha buidheann de dh'à rd-dhioplòmatan agus oifigearan, a bha aig aon à m ag obair san roinn, ag rà dh 's iad air leabhran beag a chur ri chèile far a bheil iad a’ moladh ath-leasachaidhean radaigeach de phoileasaidh air dùthchannan cèin. Tha iad a' gearan gu bheil Oifis nan Dùthchannan Cèin ' là n uaisleachd agus seann fhasanta' agus a’ strì airson mandat sam bith a choileanadh. Mìnichidh an tè-naidheachd, Anna Nicleòid, cò a tha air culaibh na molaidhean a tha seo? Agus carson an-drà sta?
Tha 150 bliadhna air a' mhìos seo bho chaidh fear a Beà rnaraigh, Leòdhais, a chur an grèim ann an Steòrnabhagh an dèidh do chuid de mhuinntir nan eilean caismeachd à Beà rnaraigh a Steòrnabhagh, 's iad a' togail fianais an aghaidh mì-cheartas a rinn oighreachdan Mhorsgail agus Sgealasgro, nuair a thug iad air falbh talamh-ionaltraidh a bh' aig na croitearan. Cluinnidh sinn an sgeulachd bho Ruairidh MacÌomhair a th' air a bhith a' rannsachadh na h-eachdraidh.
Rugadh cèiliche na seachdain s', Dòmhnall MacNèill, ann an Grianaig ged a tha a dhachaigh ann an Inbhir Nis an-diugh, far a bheil e ag obair na Àrd-Oifigear aig Comunn na Gà idhlig.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 10 Apr 2024 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 10 Apr 2024 22:25´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal