Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1292
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1292. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 21 Apr 2024
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 988
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1292
Duration: 05:00
Litir 1292: M.E.M. Donaldson (1)
Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu Loch nan Dùbhrachan ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Sgrìobh M.E.M. Donaldson mu dheidhinn anns an leabhar aice ‘Wanderings in the Western Highlands and Islands’. Bha Donaldson na h-ùghdar agus bha i ainmeil airson dealbhan a thogail le camara.
Bha, agus tha, daoine eòlach oirre mar M.E.M. Donaldson, ged as e an t-ainm slà n a bh’ oirre – Mary Ethel Muir Donaldson. Chuir i seachad mòran tìde air Gà idhealtachd na h-Alba, ach rugadh i ann an ceann a deas Shasainn. Bha a h-athair na Albannach a bh’ air a bhith a’ fuireach ann an Astrà ilia. Bha an teaghlach an sà s ann an luingeas agus bha airgead gu leòr aca.Â
Rugadh M.E.M. – no ‘Mem’ mar a ghabh feadhainn oirre – ann an Surrey ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a sia (1876). Trà th anns an fhicheadamh linn, ghluais i gu tuath cuide ris a’ bhana-chompanach aice, an tè-ealain, Iseabail Bonus. Chòrd a’ Ghà idhealtachd riutha. Thog iad taigh ann an Àird nam Murchan agus thòisich Mem air dealbhan a thogail le camara.
Tha mi an dùil gu bheil sibh eòlach air dà dhealbh ainmeil a thog Mem Donaldson. Ann am fear dhiubh, tha croitear ann an Eilean Eige. Tha e na shuidhe le tairisgeir thairis air a ghlùinean. Tha piseag air a ghlùin dheis agus tha cù na chois air an taobh eile. ’S e an t-ainm a bh’ air an duine Lachlann MacAsgaill.Â
Tha an dealbh eile eadhon nas ainmeile, saoilidh mi. ’S e an t-ainm a th’ air ‘Girl with Firewood, Morar 1910’. Anns an dealbh tha nighean aois dusan bliadhna le ultach-droma de bhiorain-teine. Tha i air rathad oighreachd ri taobh loch ann am Mòrar. ’S e an t-ainm a bh’ air an nighinn Cairistìona NicMharais. Chaochail i anns na h-ochdadan agus bha còrr is fichead ogha aice.
Anns na dealbhan aice, bha Mem Donaldson ag innse dhuinn mun Ghà idhealtachd mar a bha i aig an à m ud. Agus gu sònraichte mu na Gà idheil a bhuineadh don dùthaich. Chleachd i na dealbhan aice anns na leabhraichean a sgrìobh i.
An-diugh, tha na dealbhan aice air an stòradh ann an dà à ite. Tha feadhainn ann an Taigh-tasgaidh Nà iseanta na h-Alba. Agus tha cruinneachadh mòr – còrr is mìle dealbh – ann an Taigh-tasgaidh Inbhir Nis. Ma tha ùidh agaibh anns na dealbhan aice, tha feadhainn ri am faicinn air là rach-lìn ‘Am Baile’.Â
Tha gu leòr de na dealbhan (a tha uile dubh-is-geal) a’ sealltainn seallaidhean agus bòidhchead na Gà idhealtachd. Ach tha dealbhan ann de dhaoine agus an taighean – taighean-tughaidh nam measg. Tha seann bhà taichean is seann chairtean ann, seann chladhan agus Caisteal Eilean Donain mus robh e air a chà radh. Is toigh leam na dealbhan a thog i de na clachairean a bha a’ togail an taigh aice. Tha i a’ sealltainn mar a bha iad a’ sgoltadh nan clach agus gan cà rnadh air a chèile airson na ballachan a thogail.Â
Anns an leabhar aice ‘Wanderings in the Western Highlands and Islands’, tha dealbh aig Mem Donaldson de neach-iùil nam beann a bha gu math ainmeil ri a linn. Bidh tuilleadh agam airsan agus air an leabhar sin anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Àird nam Murchan: Ardnamurchan; Eilean Eige: the Isle of Eigg; Lachlann MacAsgaill: Lachlan MacAskill; Mòrar: Morar; Cairistìona NicMharais: Christina MacVarish; Taigh-tasgaidh Nà iseanta na h-Alba: The National Museum of Scotland; là rach-lìn: website; taighean-tughaidh: thatched houses; neach-iùil nam beann: mountain guide.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha X na h-ùghdar; X was an author; bha i ainmeil airson dealbhan a thogail le camara: she was famous for her photography; ged as e an t-ainm slà n a bh’ oirre: although her full name was; bha an teaghlach an sàs ann an luingeas: the family was involved in shipping; mar a ghabh feadhainn oirre: as some people called her; cuide ris a’ bhana-chompanach aice, an tè-ealain, Iseabail Bonus: along with her companion, the artist, Isobel Bonus; chòrd a’ Ghà idhealtachd riutha: they enjoyed the Highlands; na shuidhe le tairisgeir thairis air a ghlùinean: sitting with a peat-cutting iron across his knees; tha piseag air a ghlùin dheis: there is a kitten on his right knee; tha cù na chois air an taobh eile: a dog is next to him on the other side; nighean aois dusan bliadhna le ultach-droma de bhiorain-teine: a girl of twelve years of age with a load of kindling on her back; Caisteal Eilean Donain mus robh e air a chà radh: Eilean Donan Castle before it was repaired; o fhad is farsaing: from far and wide; mar a bha iad a’ sgoltadh nan clach agus gan cà rnadh air a chèile: how they were splitting the stones and putting them on top of each other.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Tha piseag air a ghlùin dheis: there is a kitten on his right knee. Glùn is a feminine noun so in the dative singular, with the article, it traditionally slenderises. Thus we get air a’ ghlùin ‘on the knee’. The definite article is here replaced by the third person singular masculine possessive article so we get air a ghlùin ‘on his knee’ without the apostrophe. Air a glùin would be ‘on her knee’ (without the lenition). The adjective deas ‘right’ follows the noun in being lenited and slenderised – thus we get air a ghlùin dheis ‘on his right knee’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha an dealbh eile eadhon nas ainmeile, saoilidh mi: the other photograph is even more famous, I reckon.
Broadcast
- Sun 21 Apr 2024 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.