Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1296
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1296. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 19 May 2024
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 992
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1296
Duration: 05:00
Litir 1296: 'Cathair' (2)
Bha mi a’ bruidhinn anns an Litir mu dheireadh mun fhacal cathair. Tha e a’ nochdadh an siud ’s an seo ann an ainmean-à ite air a’ Ghà idhealtachd. Uaireannan, tha e a’ seasamh airson ‘chair’ no ‘seat’. Ann an meadhan Earra-Ghà idheal, mar eisimpleir, tha Cathair Dhonncha Dhuibh. Tha e tuath air an Fhùirneis. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais ag rà dh gur e ‘rude seat’ a th’ ann. Bha i air a cruthachadh le cìobair air an robh Donncha Dubh mar ainm.
Ann an Gleann Tromaidh ann am Bà ideanach, tha clach ri taobh na h-aibhne air an robh Cathair Fhearghais – Fergus’s chair. A rèir choltais, dh’atharraich an t-ainm gu Clach Fhearghais oir tha e a’ nochdadh mar sin air an dà rna mapa sia-òirlich aig an t-Suirbhidh Òrdanais. Chan eil fhios a’m dè chanas muinntir an à ite rithe an-diugh.
Tha am facal ²õì³Ù³ó±ð²¹²Ô cumanta air feadh na Gà idhealtachd. Tha e aithnichte mar à ite far am biodh sìthichean a’ fuireach. Ach, air taobh an iar Siorrachd Rois, nochdaidh am facal cathair airson an dearbh rud. Ma bheir sibh sùil air mapa de sgìre Gheà rrloch, chì sibh Portaigil no Port Henderson. Deas air a’ bhaile, tha Carr Dhubh ann. Tha an sà r-eòlaiche, Uilleam MacBhà tair, ag innse dhuinn gur e sin A’ Chathair Dhubh ‘the black fairy knoll’.
Cuideachd ann an Ros an Iar, faisg air An Leathad, tha loch ann air a bheil Loch na Cathrach Duibhe. Tha MacBhà tair a’ dearbhadh gu bheil sin a’ ciallachadh ‘the loch of the black fairy knoll’ – ged nach eil a’ Chathair Dhubh fhèin comharraichte air na mapaichean.
Tha am facal cathair, mar as trice, boireanta, ach bidh e a’ nochdadh an siud ’s an seo mar gu bheil e fireanta. Tha eisimpleir ann an Ros an Ear, faisg air Baile Dhubhthaich, far a bheil Cnoc an Dubh Chathair. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘the hill of the black chair’.Ìý
Ma tha sibh a’ coimhead airson an fhacail cathair air mapaichean na Gà idhealtachd, nach dèan sibh cinnteach nach eil strà c air a’ chiad ‘a’. Ma tha strà c ann, tha facal eadar-dhealaichte agaibh. ’S e sin ³¦Ã ³Ù³ó²¹°ù, le ‘-ar’ aig an deireadh. Tha e a’ ciallachadh ‘boggy place’. Bidh e a’ nochdadh anns an tuiseal ghinideach le ‘-air’ aig an deireadh – mar eisimpleir anns an ainm-à ite Druim a’ Chà thair ann an Gleann Moireasdain. Tha sin a’ ciallachadh ‘the ridge by the boggy ground’.Ìý
Ach air ais gu cathair. Seo mar a nochdas e ann an caochladh shuidheachaidhean: cathair-shneadhan ‘anthill’; cathair-ghà irdeanach ‘armchair’; cathair-bhreitheanais ‘tribunal, judgement seat’; cathair-chuibhle ‘wheelchair’ agus cathair-iomchair ‘sedan chair’ – gu litreachail ‘carrying seat’.Ìý
Mu dheireadh, ’s e ‘A’ Chathair’ a chanas sinn ri reul-bhad ann an iarmailt an leth-chruinne mu thuath. Ann am Beurla, ’s e Cassiopeia a th’ air. Bha Cassiopeia na banrigh a chaidh a-mach air Poseidon, dia na mara. Chaidh a cur don iarmailt mar pheanas agus bhiodh i a’ dol timcheall a’ phòla mu thuath, a’ greimeachadh gu teann air an rìgh-chathair aice. ’S e cumadh a cathrach a chì na Gà idheil fhathast anns a’ bhad rionnagan air an oidhche.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: meadhan Earra-Ghà idheal: Mid-Argyll; Gleann Tromaidh: Glen Tromie; Bà ideanach: Badenoch; An Leathad: Laide; Uilleam MacBhà tair: William J Watson; mar as trice: usually; boireanta: feminine; tuiseal ghinideach: genitive case.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: tuath air an Fhùirneis: north of Furnace (Loch Fyne); bha i air a cruthachadh le cìobair air an robh X mar ainm: it was created by a shepherd called X; aithnichte mar à ite far am biodh sìthichean a’ fuireach: recognised as a place where ‘fairies’ would be living; air taobh an iar Siorrachd Rois, nochdaidh am facal X airson an dearbh rud: in Wester Ross, the word X appears for the very same thing; tha MacBhà tair a’ dearbhadh gu bheil sin a’ ciallachadh: Watson confirms that that means; ged nach eil X fhèin comharraichte air na mapaichean: although X itself is not marked on the maps; bidh e a’ nochdadh an siud ’s an seo mar gu bheil e fireanta: it appears here and there as if it were masculine; tha eisimpleir ann an Ros an Ear, faisg air Baile Dhubhthaich: there is an example in Easter Ross, near Tain; tha facal eadar-dhealaichte agaibh: you have a different word; a chanas sinn ri reul-bhad ann an iarmailt an leth-chruinne mu thuath: that we call a constellation in the firmament of the northern hemisphere; bha Cassiopeia na banrigh a chaidh a-mach air Poseidon, dia na mara: Cassiopeia was a queen who fell out with Poseidon, the god of the sea; bhiodh i a’ dol timcheall a’ phòla mu thuath, a’ greimeachadh gu teann air an rìgh-chathair aice: she would go around the north pole, keeping a tight grip on her throne; ’s e cumadh a cathrach a chì na Gà idheil fhathast anns a’ bhad rionnagan air an oidhche: it’s the form of her chair that the Gaels see in the group of stars at night.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Seo mar a nochdas e ann an caochladh shuidheachaidhean: here’s how it appears in a variety of situations. Notice that the noun commanded by caochladh is in the genitive plural case (without the article). Here are some other examples: tha caochladh dhathan air na geansaidhean ‘the jumpers have a variety of colours’; cluinnear caochladh bheachdan air a’ ghnothach ‘a variety of opinions will be heard on the matter’; faodar sin a rà dh ann an caochladh dhòighean ‘that can be said in a variety of ways’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: nach dèan sibh cinnteach nach eil strà c air a’ chiad ‘a’: won’t you make certain that there is no accent on the first ‘a’.
Broadcast
- Sun 19 May 2024 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.