Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1301
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1301. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 23 Jun 2024
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 997
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1301
Duration: 05:00
Litir 1301: An Clò Mòr (3)
Bha sinn a’ toirt sùil air seann chunntas mun chlò mhòr. Chaidh a sgrìobhadh le Ruairidh Caimbeul à Mionaird air cladach Loch Fìne o chionn faisg air ceud bliadhna. An t-seachdain sa chaidh thug sinn sùil air mar a bhiodh na seann Ghà idheil a’ dathadh na clòimhe dubh agus gorm. An-diugh, tha mi a’ dol a thoirt sùil air na dathan eile.
Airson donn, bha na daoine a’ cleachdadh crotal, duileasg agus duilleag-bhà ite. Crotal – ’s e sin seòrsa de lichen a tha a’ fàs air creagan. Duileasg – ’s e sin feamainn – dulse ann am Beurla. Bidh daoine ga ithe cuideachd. Agus duilleag-bhà ite – ’s e sin water-lily.
Ged a bhathar a’ faighinn donn bho sheòrsaichean de chrotal, bha gnèithean eile de chrotal a’ dathadh clòimh crò-dhearg no crimson. B’ iad sin an crotal-geal no crab’s eye lichen agus corcar no cudbear lichen. Tha iad sin le chèile geal. Tha Faclair Dwelly ag rà dh seo mun chorcar: mossy white scurf adhering to large stones, from which the Gael makes a pleasing crimson dye. Tha e a’ mìneachadh gun robh an corcar air a thiormachadh ann an solas na grèine. Bha e an uair sin air a phronnadh agus air a bhogadh ann am maistir ann an soitheach nach leigeadh èadhar a-steach. Dè th’ ann am maistir? Dè ach stale urine! An dèidh trì seachdainean, bha e deiseil airson a bhith air a ghoil leis a’ chlòimh.
Airson dathadh uaine, a rèir Ruairidh Chaimbeul, bhathar a’ cleachdadh conas no conasg ‘whin’, rà mh-dhroigheann no European buckthorn, fraoch ‘heather’ agus bealaidh ‘broom’. Airson purpaidh, bhathar a’ cleachdadh feòras ‘spindle’, lus na feà rnaich ‘round-leaved sundew’ agus crotal-còinnich ‘cup lichen’.
Bhathar a’ faighinn dearg bho chrotal eile air an robh crotal-nan-creag, bho rù ‘Lady’s bedstraw’ agus bho leanartach no cairt-là ir (tormentil ann am Beurla). Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gun robh e mì-laghail freumhaichean an rù a bhuain. Bha daoine air cus dhen lus seo a bhuain far an robh e pailt roimhe, leithid air machair Bheinn a’ Bhaoghla. Bha na freumhaichean a’ cumail gainmheach na machrach na h-à ite. Às an aonais, bhiodh a’ ghaoth ga sguabadh air falbh.
Bha na seann daoine a’ faighinn buidhe bho thrì craobhan – a’ chraobh-ubhail ‘apple tree’, a’ chraobh-uinnsinn ‘ash tree’ agus a’ chraobh-leamhain ‘elm’. Bhiodh buidhe a’ tighinn cuideachd bho roid ‘bog myrtle’, raineach ‘bracken’ agus achlasan Chaluim Cille ‘slender St John’s wort’.Ìý
Airson orains, bha iad a’ cur feum air trì lusan dùthchasach – beà rnan-Brìde no dandelion, buaghallan-buidhe no ragwort agus preas nan smeur no bramble bush. Tha e inntinneach nach e am facal ‘orains’ a tha Ruairidh a’ cleachdadh. An à ite sin, tha e a’ cleachdadh seann fhacal airson orainsear – ò°ù-³Ü²ú³ó²¹±ô. Gu litreachail, tha e a’ ciallachadh ‘golden apple’. Ã’r-ubhal.Â
Chaidh mi don fhaclair as sine a th’ agam a-staigh airson faighinn a-mach dè th’ ann airson orange. ’S e sin am faclair le Armstrong a chaidh a dhèanamh ann an ochd ceud deug is còig air fhichead (1825). Tha trì faclan aig Armstrong airson orainsear – ’s e sin òraisd, ò°ù-³Ü²ú³ó²¹±ô agus òr-mheas. Saoilidh mi gu bheil e duilich gun do leig sinn seachad na h-ainmean sin.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: a’ mìneachadh: explaining; machair Bheinn a’ Bhaoghla: the Benbecula machair; gu litreachail: literally; Òr-ubhal: golden apple – an old name for an orange.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a’ toirt sùil air seann chunntas mun chlò mhòr: looking at an old account of traditional tweed; mar a bhiodh na seann Ghà idheil a’ dathadh na clòimhe dubh agus gorm le lusan dùthchasach: how the old Gaels would dye the wool black and blue with native plants; bidh daoine ga ithe cuideachd: people also eat it; ged a bhathar a’ faighinn donn bho sheòrsaichean de chrotal: although brown was obtained from types of lichen; bha gnèithean eile de chrotal a’ dathadh clòimh crò-dhearg: other species of lichen were dyeing wool crimson; gun robh an corcar air a thiormachadh ann an solas na grèine: the cudbear lichen was dried in sunlight; bha e an uair sin air a phronnadh: it was then pulverised; air a bhogadh ann am maistir ann an soitheach nach leigeadh èadhar a-steach: immersed in stale urine in an airtight vessel; airson a bhith air a ghoil leis a’ chlòimh: to be boiled with the wool; tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gun robh e mì-laghail freumhaichean an rù a bhuain: the author tells us that it was illegal to dig up the roots of Lady’s bedstraw; às an aonais, bhiodh a’ ghaoth ga sguabadh air falbh: without them, the wind would be sweeping it away; tha e a’ cleachdadh seann fhacal airson orainsear: he uses an old word for an orange; tha ‘òr’ anns a h-uile fear aca: there is ‘gold’ in every one of them; saoilidh mi gu bheil e duilich gun do leig sinn seachad na h-ainmean sin: I reckon it is a pity that we [have] abandoned those names.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha na freumhaichean a’ cumail gainmheach na machrach na h-à ite: the roots were keeping the sand of the machair in its place. Gainmheach ‘sand’ is a feminine noun (and singular) and thus we have the feminine construction na h-à ite ‘in her place’. If gainmheach were masculine I would have said na à ite ‘in his place’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha iad sin le chèile geal: they are both white.
Broadcast
- Sun 23 Jun 2024 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.