Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1302
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1302. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 30 Jun 2024
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 998
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1302
Duration: 05:00
Litir 1302: An Clò Mòr (4)
Bha mi ag innse dhuibh mu sheann chunntas mun chlò mhòr. Chaidh a sgrìobhadh le Ruairidh Caimbeul à Mionaird. An dèidh an dathaidh, bha almadh ann – no mordanting. B’ e sin pròiseas anns am biodh na dathan air an ceangal gu daingeann ris a’ chlòimh. Airson sin, bhiodh na seann Ghà idheil gu tric a’ cleachdadh cairt-là ir ‘tormentil’ no copag ‘docken’. Chan e ‘copag’ a sgrìobh Ruairidh Caimbeul ach ‘copagach’.Â
An ath rud a bhiodh a’ tachairt, b’ e sin cìreadh agus cà rdadh. Seo mar a mhìnicheas an t-ùghdar mar a bha an cà rdadh a’ tachairt: ‘B’ i a’ chà rd dà bhòrd fhiodha, mu throigh air fhad agus ochd òirlich air leud, le fiaclan caola iarainn agus dlùth ri chèile air gach bòrd. Bha là mh chruinn fhiodha ceangailte ri gach tè gu feum na mnà cà rdaidh, agus bha na rolagan air an dealbhadh agus air an cumadh gu grinn le bhith a’ suathadh agus a’ sgrìobadh na clòimhe eadar an dà chà rd.’
Bha na rolagan an uair sin air an snìomh air cuibhle-shnìomh. Mar bu trice, ʼs iad boireannaich a bhiodh ris an obair sin. Bhiodh iad a’ dèanamh cheirslean – balls of yarn. Ceirslean.Â
An uair sin, bhiodh am fighe a’ dol air adhart. Bhiodh iad a’ cur snà th air an deilbh. Putting the yarn on a warping frame. Nuair a bha a’ bheart deiseil, bhiodh am breabadair a’ fighe a’ chlò. ʼS e obair mhòr a bh’ ann air fad.
Nuair a bha an clò dèante, cha robh aca ri dhèanamh ach an luadhadh. ʼS e gnothach cudromach a bha seo. Luadhadh a’ chlò. The waulking of the tweed. Bhiodh mòran an sà s ann. Mar bu trice, ʼs iad boireannaich a-mhà in a dhèanadh an luadhadh. B’ iad sin na ‘mnathan-luadhaidh’.Â
An latha ron luadhadh, bhiodh an clò air a bhogadh ann an cumlaig. ʼS e sin a’ Ghà idhlig air ‘a soap and soda mixture used in tweed making’. A’ chumlaig.
Air latha an luadhaidh, bhiodh an clò air fhà sgadh agus air a chur air a’ chlèith-luadhaidh. ʼS e sin a’ Ghà idhlig air waulking board – cliath-luadhaidh. Bhiodh na boireannaich a’ gabhail òrain fhad ʼs a bha iad ris an luadhadh. Bidh gu leòr de na h-òrain sin air an seinn fhathast.
ʼS e latha sona a bh’ ann. Seo na sgrìobh Ruairidh Caimbeul: ‘B’ e latha luadhaidh latha bu mhotha spòrs agus à bhachdais, b’ e siud latha na gà ireachdaich ... am faca no am faic sinn gu brà th nigheanan a bu chridheil’ ʼs a bu laghaiche na mnathan-luadhaidh. Chan fhac’ agus cha b’ urrainn sin a bhith.’
An dèidh an luadhaidh bha an clò air a chur air choinneil – wound around a large wooden stick. Air a chur air choinneil. Agus an uair sin bha e air a ghlanadh ann an loch no abhainn faisg air là imh.
Mus fhà g mi an t-alt seo, tha Ruairidh Caimbeul a’ toirt cunntas dhuinn de dh’ainmean nan corragan anns a’ Ghà idhlig aige fhèin. Bha mi a’ faighneachd de dhaoine aig cruinneachadh air a’ Chomraich am-bliadhna dè na h-ainmean Gà idhlig a bh’ aca fhèin air na corragan. Bha iad eadar-dhealaichte bhon fheadhainn aig Ruairidh Caimbeul. Ach bha ainmean eadar-dhealaichte aig gach duine às a’ Chomraich! Co-dhiù, seo iad aig Ruairidh còir – an òrdag, an sgealbag, an gunna-fada, nic an t-sagairt agus meur bheag an airgid.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: almadh: mordanting (aluming); cìreadh agus cà rdadh: combing and carding; là mh chruinn fhiodha: a round wooden handle; fighe: weaving.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: pròiseas anns am biodh na dathan air an ceangal gu daingeann ris a’ chlòimh: a process in which the colours would be fixed to the wool; seo mar a mhìnicheas an t-ùghdar mar a bha an cà rdadh a’ tachairt: here’s how the author explains how the carding took place; mu throigh air fhad agus ochd òirlich air leud: about a foot in length and eight inches in width; le fiaclan caola iarainn agus dlùth ri chèile: with narrow iron teeth which are closely packed; bha na rolagan air an dealbhadh agus air an cumadh gu grinn le bhith a’ suathadh agus a’ sgrìobadh na clòimhe eadar an dà chà rd: the rolags (rowans) were designed and shaped nicely by rubbing and scraping the wool between the two cards; air an snìomh air cuibhle-shnìomh: were spun on a spinning wheel; nuair a bha a’ bheart deiseil, bhiodh am breabadair a’ fighe a’ chlò: when the loom was ready, the weaver would weave the tweed; ʼs e boireannaich a-mhà in a dhèanadh an luadhadh: it is only women that would do the waulking; bhiodh na boireannaich a’ gabhail òrain fhad ʼs a bha iad ris an luadhadh: the women would sing songs while they were involved in the waulking; b’ e [an] latha luadhaidh latha bu mhotha spòrs agus à bhachdais, b’ e siud latha na gà ireachdaich: the waulking day was the day of greatest fun and hilarity, that was the day of laughter; am faca no am faic sinn gu brà th nigheanan a bu chridheil’ ʼs a bu laghaiche na mnathan-luadhaidh: did we ever or will we ever see girls that are heartier or nicer than waulking-women; an òrdag, an sgealbag, an gunna-fada, nic an t-sagairt agus meur bheag an airgid: the thumb, first finger, second finger, third finger and pinky.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: B’ i a’ chà rd dà bhòrd fhiodha: the card was two wooden boards. When a noun in the dual case is accompanied by an adjective, the adjective is lenited. Thus we would say dà chat mhòr ‘two big cats’ and dà chù bheag ‘two small dogs’. When the adjective is a noun in the genitive case, the lenition rule operates in the same way. Thus bòrd fiodha ‘wooden board’ becomes dà bhòrd fhiodha ‘two wooden boards’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: bhiodh an clò air fhà sgadh: the tweed would be squeezed/wrung out.
Broadcast
- Sun 30 Jun 2024 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.