![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0jrqrr1.jpg)
Sister Peanaidh
Slighe Peanaidh NicAonghais à Baghasdail gu Chigwell gus a bhith na bean-chrà bhaidh, 25 bliadhna air ais. Sister Penny's vocational journey From Boisdale to Chigwell 25 years ago.
Tha coig bliadhna fichead air a' mhìos seo bhon a ghabh Peanaidh NicAonghais à Baghasdail an Uibhist a Deas na ciad bòidean aice airson a bhith na bean-chrà bhaidh còmhla ri òrdan Mnathan Crà bhaidh a’ Chridhe Uile Naomh.
Ged a thà inig a' smuain thuice nuair a bha i sna ficheadan, bha Peanaidh còrr air dà fhichead bliadhna nuair a cho-dhùin i gum b' e sin gu cinnteach an t-slighe a bha i airson a leantainn na beatha. Dh’fhalbh Peanaidh à Uibhist ann an 1996 gu ruige Chigwell far an robh an t-òrdan seo stèidhichte agus ged a bha i teagmhach aig amannan sa chiad bhliadhna agus an cianalas cuideachd ga bualadh, lean i oirre agus ghabh i a ciad bòidean ann an 1999. Bha aice rin ath-nuadhachadh a h-uile bliadhna gus an do ghabh i an fheadhainn mu dheireadh ann an 2003 sa sgìre aice fhèin. B’ e sin a' chiad turas a ghabh bean-chrà bhaidh à Uibhist na bòidean crìochnachaidh aice na paraiste fhèin.
Tha Peanaidh an-diugh stèidhichte ann am Poll a’ Ghrùthain agus a’ cur seachad tòrr ùine a' siubhal air feadh na dùthcha an sàs ann an obair miseanaraidh. Chaidh am prògram seo a chlà radh ann an 2003 nuair a ghabh Peanaidh na bòidean crìochnachaidh aice.
Last on
Broadcasts
- Mon 16 Sep 2024 15:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 18 Sep 2024 20:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Sep 2024 10:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal