Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1317
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1317. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 13 Oct 2024
13:55
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1013
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1317
Duration: 05:00
Litir 1317: Calum agus MÃ iri (2)
Bha mi ag innse sgeulachd mu dheidhinn gille agus nighean – brà thair is piuthar. Chaidh an gille – Calum – a chall aig muir. Bha a phiuthar – Mà iri – fo mhulad mu dheidhinn.Â
Feasgar a bha seo, bha Mà iri a’ gabhail cuairt air an trà igh. Chaidh i gu uamh. Bha i fhèin agus Calum air cluich anns an uaimh sin gu tric. Chunnaic Mà iri rud annasach. Bha lorgan-coise – no lorgan-pliuta – ann, a dh’fhà g ròn anns a’ ghainmhich. Bha an ròn air tighinn a-mach à s a’ mhuir, a’ dèanamh air na creagan air beulaibh na h-uamha. Ach an sin dh’atharraich na lorgan-pliuta gu lorgan-coise aig duine.Â
Bha e annasach. Agus bha na lorgan-coise eadar-dhealaichte air gach cois. Air a’ chois chlì bha còig òrdagan, mar a bhiodh dùil. Ach, air a’ chois dheis, cha robh ann ach ceithir.
Chaidh Mà iri a-steach don uaimh. Na shuidhe ann an oisean, bha a brà thair, Calum. Chuir iad an gà irdeanan timcheall a chèile. Bha Mà iri cho toilichte a brà thair fhaicinn. ‘Ò, a Chaluim,’ thuirt i, ‘thill thu!’
‘Thill,’ dh’aontaich Calum. ‘Ach cha bhi mi ann fada.’
‘Carson?’ thuirt Mà iri. ‘Carson nach do thill thu dhachaigh?’
‘Cha robh an roghainn agam,’ arsa Calum. ‘Nuair a chaidh an t-eathar againn bun-os-cionn, chaidh mo thilgeil dhan mhuir. Ach cha b’ urrainn dhomh snà mh. Thug ròn mi gu grunnd na mara. An sin, bha uamh mhòr là n de mhuinntir nan ròn. Agus buinidh mise dhaibh a-nise. Mar a bha mi a’ miannachadh o chionn fhada.’
Thug Mà iri sùil air là mhan Chaluim. Bha craiceann eadar a mheuran mar gur e spòg lacha a bh’ aige. No pliut ròin. An uair sin, thug i sùil air a chasan. Cha robh sgeul air òrdaig-mhòir air a chois dheis.
‘Ò, a Chaluim,’ arsa Mà iri, ‘dè thachair don òrdaig-mhòir agad?’
‘Hut,’ fhreagair Calum, ‘cha do chòrd e riut.’
‘Ge-tà ,’ arsa Mà iri, ‘carson a chaill thu i?’
‘Innsidh mi sin dhut,’ thuirt Calum. ‘Nuair a rinn muinntir nan ròn cobhair orm, bha iad ag iarraidh rudeigin bhuam. Cha robh dad agam ri thoirt dhaibh ach m’ òrdag-mhòr. Agus cha robh mi ga h-iarraidh, co-dhiù.
‘Obh, obh, a Chaluim,’ arsa Mà iri. ‘Bha mi dìreach a’ tarraing asad mun òrdaig-mhòir. Cha robh mi ag iarraidh gun cailleadh thu i.’
‘Cha robh e goirt nuair a chaill mi i,’ fhreagair Calum. ‘Agus chan eil mi ga h-ionndrainn.’
‘Thig dhachaigh, a Chaluim,’ thuirt a phiuthar. ‘Tha Mam is Dad air a bhith troimhe-chèile.’
‘Cha tig,’ ars a brà thair. ‘Agus tha mi ag iarraidh nach inns thu dhaibh gum faca tu mi.’ Dh’aontaich Mà iri nach canadh i guth ri a pà rantan. Dh’inns Calum dhi gum faodadh i fhèin tighinn a chèilidh air anns an uaimh uair sam bith.
Nuair a thill Mà iri dhachaigh, chunnaic a pà rantan gun robh i eadar-dhealaichte. Bha i cho sona ris an rìgh. Bha i toilichte cabadaich leotha. Ged nach robh sgeul air Calum, thug Mà iri toileachas dhaibh.
Cha robh fios aig duine gum biodh Mà iri a’ coinneachadh gu tric ri a brà thair anns an uaimh. Ach bha i a’ sgrìobhadh mu dheidhinn ann an leabhar beag dearg – mar a chluinneas sinn nuair a chuireas mi crìoch air an stòiridh an-ath-sheachdain.Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: uamh: cave; lorgan-pliuta: flipper tracks; thill: returned; troimhe-chèile: really upset.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a’ gabhail cuairt air an trà igh: taking a walk on the beach; bha i fhèin agus Calum air cluich anns an uaimh sin gu tric: she and Malcolm had played in that cave often; a dh’fhà g ròn anns a’ ghainmhich: which a seal left in the sand; a’ dèanamh air na creagan air beulaibh na h-uamha: making for the rocks in front of the cave; air a’ chois chlì bha còig òrdagan, mar a bhiodh dùil: on the left foot there were five toes, as would be expected; na shuidhe ann an oisean, bha a brà thair: sitting in the corner was her brother; chuir iad an gà irdeanan timcheall a chèile: they put their arms around each other; cha robh an roghainn agam: I didn’t have the choice; thug ròn mi gu grunnd na mara: a seal took me to the bottom of the sea; mar a bha mi a’ miannachadh o chionn fhada: as I was desiring a long time ago; bha craiceann eadar a mheuran mar gur e spòg lacha a bh’ aige: there was skin between his fingers as if he had a webbed foot; cha do chòrd e riut: you didn’t like it; bha iad ag iarraidh rudeigin bhuam: they were wanting something from me; bha mi dìreach a’ tarraing asad: I was just teasing you; cha robh mi ag iarraidh gun cailleadh thu i: I wasn’t wanting you to lose it; nach inns thu dhaibh gum faca tu mi: that you won’t tell them that you saw me; nach canadh i guth ri a pà rantan: that she would say nothing to her parents; bha i toilichte cabadaich leotha: she was pleased to chat with them; cha robh fios aig duine gum biodh Mà iri a’ coinneachadh gu tric ri a brà thair anns an uaimh: nobody knew that Mary would often meet with her brother in the cave.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: dè thachair don òrdaig-mhòir agad?: what happened to your big toe? °¿°ù»å²¹²µ-³¾³óò°ù is the Gaelic for ‘big toe’ and it is clearly a feminine noun. So, in the dative singular it is traditionally slenderised; hence we would say don òrdaig-mhòir, mun òrdaig-mhòir or air an òrdaig-mhòir.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: fo mhulad: devastated, in extreme sadness.
Broadcast
- Sun 13 Oct 2024 13:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.