Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Criosaidh @ 70

Bha òrain Hearach am pailteas aig ceilidh san Òb a' comharrachadh Criosaidh Nic a' Phiocair aig 70. A special Harris ceilidh celebrating singer Chrissie MacVicar's 70th birthday.

Rugadh Criosaidh Nic a' Phiocair (Chuimeanach) ann an Ceann Tùlabhaig san Òb ann an 1954. Chaidh i gu Bun-sgoil an Òib agus an uair sin do Sgoil Sir E. Scott air an Tairbeart. Bha Criosaidh a' seinn bho bha i na nighinn bhig, aig na mòdan ionadail ann an Steòrnabhagh agus na consairtean ainmeil a bhiodh ann an Sgoil an Òib aig àm na Nollaige.

Fhuair i a guth seinn bho dà thaobh an teaghlaich, agus ged nach eil a' seinn air àrd-ùrlar ach i fhèin, tha guth math aig a piuthar Lisa ‘s tha a bràithrean Coinneach agus Aonghas aithnichte airson a bhith a’ cur a-mach na loidhne, mar a bha an athair romhpa.

Choisinn Criosaidh am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta anns an Òban, ann an 1978. Bha i cuideachd na ball de Chòisir Ghàidhlig Inbhir Nis airson fichead bliadhna agus bidh i fhathast a' seinn aig cèilidhean is cuirmean bho àm gu àm.

Abair gun tàinig buidheann dhòigheil cruinn còmhla ri Criosaidh airson an ceann-bliadhna sònraichte seo a chomharrachadh aig Feis Blàs na bliadhna seo - a nighean Jenna Chuimeanach agus an t-ogha aice Kirsty Bella, Iain ‘Costello’ MacÌomhair, Amy NicAoidh, Darren MacIllEathain agus Graham MacIllInnein.

Release date:

2 hours

On radio

Christmas Day 2024 19:00

Broadcasts

  • Christmas Day 2024 19:00
  • Tue 31 Dec 2024 19:00