05/03/2007
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 94
Duration: 03:48
An Litir Bheag 94
An toigh leibh luchan? Is toigh leam fhìn iad. Bha tè gheal aig mo nighinn mar pheata. Tha seanfhaclan gu leòr againn ann an Gà idhlig co-cheangailte ri luchan. Mar eisimpleir, is bean-taighe an luchag na taigh fhèin – the little mouse is mistress in her own house. Is bean-taighe an luchag na taigh fhèin.
Tha claisneachd mhath aig luchan. Uill, tha cluasan mòra aca, nach eil? Canaidh daoine – an rud a bhios sà mhach, cha chluinn na luchan e. What is silent the mice won’t hear. An rud a bhios sà mhach, cha chluinn na luchan e.
Bidh luchan a’ nochdadh ann an samhlaidhean, no similes, cuideachd. Mar eisimpleir, cho umhal ri luch fo spòg a’ chait. As humble as a mouse beneath the cat’s paw. Cho umhal ri luch fo spòg a’ chait.
Seo agaibh a-nise rann do chloinn anns a bheil luch – agus cat. Bidh an cat a’ sealg:
Thuirt an luch bheag, ’s i san toll,
Dè am fonn a th’ air a’ chat ghlas?
Fonn math is deagh shaod
Gum faodadh tusa tighinn a-mach.
Is mòr m’ eagal ron dubhan chrom
A th’ agad ann am bonn do chas,
Mharbh thu mo phiuthar an-dè
’S fhuair mi fhìn air èiginn à s
Canaidh mi an rann a-rithist. Tuigidh sibh gu bheil an luch bheag agus an cat glas a’ bruidhinn ri chèile. Mharbh an cat piuthar na lucha an-dè. Cha mhòr nach do mharbh e an luch fhèin cuideachd.
Thuirt an luch bheag, ’s i san toll,
Dè am fonn a th’ air a’ chat ghlas?
Fonn math is deagh shaod
Gum faodadh tusa tighinn a-mach.
Is mòr m’ eagal ron dubhan chrom
A th’ agad ann am bonn do chas,
Mharbh thu mo phiuthar an-dè
’S fhuair mi fhìn air èiginn à s
Uill, bha freagairt aig a’ chat. Seo na thuirt an cat:
Cha mhis’ a bha sin ach cat Iain Ruaidh
A b’ à bhaist a bhith a’ ruagadh chearc,
Ghoid i an cà is’ a bha sa chliabh
’S dh’ith i ’n t-iasg a bha sa phreas.
Seo e a-rithist.
Cha mhis’ a bha sin ach cat Iain Ruaidh
A b’ à bhaist a bhith a’ ruagadh chearc,
Ghoid i an cà is’ a bha sa chliabh
’S dh’ith i ’n t-iasg a bha sa phreas.
Mar sin leibh an-drà sta.
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.