27/11/2007
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 81
Duration: 04:17
An Litir Bheag 81
Bha feadhainn à Barraigh ann an Alba Nuadh ann an Canada o chionn ghoirid. Chùm iad seirbheis cuimhneachaidh do dhaoine a chaill am beatha ann an spreadhadh mòr Halifax. Bha sin ann an naoi ceud deug is seachd-deug (1917). Am measg nam marbh bha còignear à Barraigh. Bha iad air bòrd soitheach. Bha i ann an cala Halifax.
Tha cuid ag rà dh gun robh an spreadhadh na bu mhotha na gin eile mus robh bomaichean niùclasach ann. Thachair e ann an naoi ceud deug is seachd-deug (1917) air an t-siathamh latha dhen Dùbhlachd. Bha an Cogadh Mòr a’ dol. Bha port Halifax trang. Bha e là n soithichean. Bha mòran longan a’ dol a Bhreatainn.
Air an latha sin chaidh còrr is mìle is còig ceud duine a mharbhadh. Chaochail na ceudan eile às dèidh na tubaist.
Bha an soitheach Frangach, am Mont Blanc, taobh a-muigh a’ phuirt. Bha i là n stuth-spreadhaidh. Rudan mar TNT. Bha soitheach eile a’ fà gail a’ phuirt. B’ ise tè à Nirribhidh, an Imo. Bha i air an t-slighe a New York. Bhuail an dà shoitheach na chèile. Thòisich teine air bòrd a’ Mhont Blanc. Theich an criutha ann am bà taichean beaga.
Dh’fhalbh am Mont Blanc leis an t-sruth. Stad i ri taobh a’ chidhe ann an Halifax. Cha robh fios aig a’ phoball gun robh an suidheachadh cunnartach. Chaidh na mìltean a-mach airson an gnothach fhaicinn. Aig còig mionaidean an dèidh naoi spreadh an stuth air a’ Mhont Blanc.
Chaidh soitheach nam Barrach fodha. Sgrios an spreadhadh taighean, eaglaisean, sgoiltean is factaraidhean. Chaidh clann a mharbhadh air an rathad gu sgoil. Chaidh na ceudan a mharbhadh a bha a’ coimhead an t-soithich. Bha mòran air cùl uinneagan. Chaill cuid na sùilean aca. Bha tuinn ann coltach ri tsunami. Rinn na tuinn milleadh mòr anns a’ bhaile.
Thuit togalaichean. Chaidh daoine a ghlasadh annta. Bha cuid beò ach chaochail iad leis an fhuachd.
Thug sgioba Ameireaganach sùil air spreadhadh Halifax nuair a bha iad a’ dèanamh boma niùclasach. Bha sin anns an Dà rna Cogadh. Bha iad a’ tomhas cho mòr ’s a bha na bomaichean gu bhith a bha iad a’ dol a leigeil air Hiroshima is Nagasaki.
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.