20/11/2007
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 80
Duration: 04:56
An Litir Bheag 80
An t-seachdain sa chaidh bha sinn ann am Baile Cheatharnach. Tha sin faisg air Loch Nis. ’S e Baile Cheatharnach (place of freebooters) an t-ainm a bh’ air anns an ochdamh linn deug. Bha mòran à Baile Cheatharnach a’ goid crodh.
Ach chan e crodh a-mhà in. Bha feadhainn a’ goid eich. Agus chan e crodh is eich a-mhà in. Nochd fear Alasdair Fearghasdan anns an taigh-chùirte ann an Inbhir Nis. Ghoid e muilt, uain agus clòimh. Bha sinn anns an Tolm, faisg air Inbhir Nis.
Dh’fhuiling muinntir an à ite eucoir cuideachd. Chaidh each a ghoid turas bho thuathanach. Chaidh bliadhna seachad. Cha chuala an tuathanach guth mun each. An uair sin, aig a’ Bhliadhn’ Ùir, nochd an t-each aig an doras. Bha e a’ giùlain botail de dh’uisge-beatha. Mar sin fhuair an tuathanach tiodhlac!
Tha am fiosrachadh seo a’ tighinn bho dhà leabhar. Is iad fear le Ailean B Lawson – A Country Called Stratherrick – agus leabhran a rinn uachdaran. B’ esan Niall Friseal-Tytler. Sgrìobh e an leabhran trà th anns an fhicheadamh linn. Fhuair e fiosrachadh bho Sheumas Gobha. Rugadh Seumas ann an ochd ceud deug ’s a trì (1803). Chaochail e ann an naoi ceud deug ’s a trì (1903). Bha cuimhne mhath aige fad a bheatha. Chruinnich am ministear ainmeil, an Dr Tòmas Sinton, mòran de na naidheachdan aige.
Bha athair Sheumais na threabhaiche ann am Baile an Lagain, faisg air Dùn Dearduil. Chaochail e nuair a bha Seumas ochd bliadhna a dh’aois. Às dèidh Blà r Chùil Lodair, bha seanair Sheumais am falach ann an uamh. Bha na saighdearan dearga a’ dèanamh sgrios aig an à m. Bha còig balaich dheug anns an uaimh. Chuala na daoine gun robh na saighdearan dearga a’ murt balaich. Bha sinn-seanmhair Sheumais na banntrach. Bha sia bà bainne aice. Mharbh na saighdearan an crodh aice air fad.
Nuair a bha Seumas na ghille, fhuair e obair aig a’ Choirneal Lester. Bha an Coirneal Lester a’ sealg ann an Srath Fharragaig. Bha oighreachd aige ann an Ceant. Bha Seumas ag obair ann. Ach thill e don Ghà idhealtachd agus cha do dh’fhalbh e a-rithist. Bha e a’ dèanamh uisge-beatha. Ach cha robh cead aige!
Bha triùir bhrà ithrean aige. Chaidh iad uile don arm. Bha obair annasach aig fear de na brà ithrean. Bha e na fhreiceadan aig uaigh Napoleon ann an St Helena.
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.