07/08/2006
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 65
Duration: 03:53
An Litir Bheag 65
Bha mi ann an Uibhist a Deas o chionn ghoirid. Dh’innis mi sin dhuibh anns an Litir mu dheireadh. Chaidh mi gu Taigh-tasgaidh Chill Donnain. Tha iomadach rud inntinneach anns an taigh-thasgaidh. Am measg nan rudan inntinneach sin tha clach ainmeil. ’S e an t-ainm a th’ oirre Clach Chlann ’ic Ailein. The Clanranald Stone ann am Beurla. Clach Chlann ’ic Ailein. Tha suaicheantais Chlann ’ic Ailein snaighte air a’ chloich. Tha birlinn oirre. Tha caisteal oirre. Agus tha leòmhann oirre.
Bha i air a dèanamh anns an t-siathamh linn deug. Bha i air a dèanamh airson Iain Muideartach, ceann-cinnidh Chlann ’ic Ailein. Bha i an toiseach ann am balla ann an caibeal anns an Tobha Mhòr. Tha an Tobha Mor pìos beag sìos an rathad bho Chill Donnain.
Bha an Tobha Mòr cudromach ann an eachdraidh na h-Eaglaise anns na h-eileanan. Chaochail Iain Muideartach ann an còig ceud deug, seachdad ’s a ceithir (1574). Bha e air a thiodhlacadh anns an Tobha Mhòr.
Thuit an caibeal às a chèile anns an fhicheadamh linn. Chaidh a’ chlach a thoirt a-mach às a’ bhalla. Chaidh a cur am broinn na tobhta. Ach ghoid cuideigin i. Bha sin ann an naoi ceud deug is naochad (1990). Chaidh a lorg ann an Lunnainn. Fhuair Comunn Eachdraidh Uibhist a Deas air ais i às dèidh còig bliadhna.
Bha Iain Muideartach an sàs ann am batail ainmeil air a bheil Blà r na Lèine. Nise, dè a’ Bheurla a th’ air sin? Field of the Shirt, nach e? Blà r na Lèine. Ach mar as trice, bidh daoine ag rà dh Field of the Shirts. Ach nach e Blà r nan Lèintean a bhiodh ann an Field of the Shirts? A bheil an t-ainm ceart? Uill, chì sinn anns an ath Litir.
Ann an còig ceud deug is ceathrad (1540) chaidh Iain Muideartach is Rìgh na h-Alba, Seumas V, a-mach air a chèile. Bha Iain anns a’ phrìosan. Cha robh ceannard aig a chinneadh. Thug na Frisealaich – Clann ’ic Shimidh – taic do charaid aig Iain – Raghnall – mar cheann-cinnidh. ’S e ban-Fhrisealach a bh’ ann am mà thair Raghnaill. Ach bha cuid am measg Clann ’ic Iain an aghaidh Raghnaill. Agus thà inig an dà thaobh gu sabaid. Bha sin aig Blà r na Lèine ann an còig ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1544).
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.