
17/11/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 385
Duration: 05:45
Litir 385: Halifax
Bha feadhainn 脿 Barraigh ann an Alba Nuadh ann an Canada o chionn ghoirid. Nuair a bha iad thall, ch霉m iad seirbheis cuimhneachaidh don fheadhainn a chaill am beatha ann an spreadhadh m貌r Halifax ann an naoi ceud deug is seachd-deug (1917). Am measg nam marbh bha c貌ignear Bharrach a bh鈥 air b貌rd soitheach ann an cala Halifax.
Bha mi air cluinntinn mu dheidhinn spreadhadh m貌r Halifax, ceart gu le貌r, ach mus do th貌isich mi air a鈥 ch霉is a rannsachadh, cha robh fios agam idir gun robh e cho m貌r. Thathar ag r脿dh gum b鈥 e an spreadhadh a bu mhotha a rinn mac an duine riamh, mus do chruthaich e bomaichean ni霉clasach.
Ann an naoi ceud deug is seachd-deug (1917), bha an Cogadh M貌r a鈥 dol agus bha port Halifax trang. Bha e l脿n soithichean cogaidh agus longan a bheireadh bathar thar a鈥 chuain. 鈥橲 ann 脿 Halifax a dh鈥檉halbhadh m貌ran de na longan a Bhreatainn. Bha soitheach nam Barrach a鈥 dol a thoirt gr脿n is eich a Bhreatainn.
Bha madainn ghrianach ann air an t-siathamh latha dhen D霉bhlachd. Ach mus tigeadh dorchadas na h-oidhche bhiodh c貌rr is m矛le gu leth duine marbh. Bhiodh na ceudan eile a鈥 faighinn b脿s mus biodh an gnothach seachad.
Chuir an soitheach Frangach, am Mont Blanc, seachad an oidhche taobh a-muigh a鈥 phuirt. Bha i ro anmoch airson faighinn a-steach tro na l矛n a bha a鈥 d矛on a鈥 phuirt an aghaidh bh脿taichean-aiginn Gearmailteach. Bha am Mont Blanc l脿n stuth-spreadhaidh 鈥 searbhag picric, TNT, cotan-gunna is benzol. 鈥橲 e luchd cunnartach a bh鈥 ann.
Bha soitheach eile a鈥 f脿gail a鈥 phuirt air a鈥 mhadainn sin. B鈥 ise t猫 脿 Nirribhidh, an Imo. Bha i air an t-slighe a New York airson bathar a chur air b貌rd a dh猫anadh cobhair air muinntir na Beilge. Bhuail an d脿 shoitheach na ch猫ile. Th貌isich teine air b貌rd a鈥 Mhont Blanc. Theich an criutha, agus iad a鈥 smaoineachadh gum biodh i a鈥 spreadhadh cha mh貌r sa bhad. Dh鈥檉halbh iad ann am b脿taichean gu ruige Dartmouth, baile air taobh thall a鈥 chaolais bho Halifax.
Gu m矛-fhortanach, ge-t脿, cha do dh鈥檉h脿g iad an soitheach air acair. Bha i a鈥 falbh leis an t-sruth. Agus stad i ri taobh a鈥 chidhe ann an Halifax. Cha robh fios aig a鈥 phoball gun robh an suidheachadh cho cunnartach, agus th脿inig na m矛ltean dhiubh a-mach airson an gnothach fhaicinn. Goirid ro ch貌ig mionaidean an d猫idh naoi spreadh an stuth air b貌rd a鈥 Mhont Blanc.
Bha an spreadhadh cho m貌r 鈥檚 gun do sgrios e taighean, eaglaisean, sgoiltean is factaraidhean. Chaidh clann a mharbhadh air an rathad gu sgoil. Chaidh, agus na ceudan a bha a鈥 coimhead a鈥 ghnothaich. Bha m貌ran a鈥 coimhead bho air c霉l uinneagan, agus chaill feadhainn dhiubh sin am fradharc. Bha tuinn ann coltach ri tsunami a rinn milleadh m貌r. Agus chaidh soitheach, leis a鈥 ch貌ignear Bharrach air b貌rd, a chur fodha.
Chaidh feadhainn a ghlasadh ann an togalaichean a thuit gu l脿r air am muin. Chaochail cuid dhiubh sin leis an fhuachd air an oidhche sin oir 鈥檚 e an geamhradh a bh鈥 ann. Thug an sgrios buaidh mh貌r air a鈥 choimhearsnachd.
Agus, leis gu robh an spreadhadh cho millteach, thug an sgioba Ameireaganach a bha a鈥 cruthachadh boma ni霉clasach anns an D脿rna Cogadh s霉il air na thachair. Bha iad a鈥 tomhas d猫 cho m貌r 鈥檚 a bhiodh na bomaichean a dh猫anadh sgrios air Hiroshima is Nagasaki.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.