![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
19/12/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 233
Duration: 05:07
Litir 233: Cupa na Camanachd
Co bhuannaich Cupa na Camanachd o chionn ceud bliadhna, ann an naoi ceud deug is trì (1903)? Nise, bidh fios aig duine sam bith a tha a’ leantainn iomain an là an-diugh gur iad Ceann a’ Ghiuthsaich an fheadhainn as fheà rr. Bhuannaich iad an fharpais gu furasta am bliadhna, agus tha iad air anns a’ phrìomh à ite airson bliadhnaichean.
Ach cò bhuannaich Cupa na Camanachd o chionn ceud bliadhna? Uill …Ceann a’ Ghiuthsaich. Bha iad cumhachdach aig an à m sin cuideachd. Ach cha b’ ann gun strì no gun chonnspaid a rinn iad a’ chùis anns a’ bhliadhna sin.
Bha iad anns a’ chuairt dheireannaich airson an t-siathamh turas agus bha iad an aghaidh Inbhir Aora, sgioba eile le eachdraidh mhòr, a bha a’ nochdadh anns a’ chuairt dheireannaich airson an dà rna turas. Chaidh an co-dhùnadh a dhèanamh an geam a chumail ann am Peairt agus chaidh a chluich air an ochdamh là fichead dhen Mhà rt.
Bidh fios agaibh, ’s dòcha, gu bheil Comunn na Camanachd air aontachadh an seusan atharrachadh an ath-bhliadhna gus am bithear a’ cluich as t-samhradh seach anns a’ gheamhradh. Ach ann an naoi ceud deug is trì, bha an geam as mò ann faisg air deireadh a’ gheamhraidh agus bha a’ phà irc ann an droch staid. Bha an aimsir sgriosail. A dh’aindeoin sin, ge-tà , chaidh còig ceud duine à Bà ideanach gu ruige Peairt air trèana shònraichte.
Chaidh an geam air adhart agus chuir Aonghas MacCoinnich tadhal do Cheann a’ Ghiuthsaich. Bha iad air thoiseach air Inbhir Aora airson leth-uair a thìde dhen gheam, ach chuir fear MacEoghainn tadhal airson Inbhir Aora agus thà inig an fharpais gu crìch leis an dà sgioba co-ionann, 1-1.
Uill, dè bhathar a’ dol a dhèanamh? Bha dìle bhà thte ann ’s bha i mì-chà ilear do na cluicheadairean. A bharrachd air sin, cha robh cuairt dheireannach sam bith a-riamh air a dhol gu ùine a bharrachd. Bha coinneamh sgiobalta aig cuid de bhuill Comhairle Stiùiridh Chomunn na Camanachd agus cho-dhùin iad leantainn orra le ùine a bharrachd airson a’ chiad turas a riamh. Chluich na sgiobannan airson leth-uair a thìde, ach cha robh tadhal eile ann.
Ceithir là as dèidh sin, choinnich Comhairle a’ Chomuinn ann an suidheachadh nas cà ileire – ann an taigh-òsta ann an Inbhir Nis, le fear à Ceann a’ Ghiuthsaich, Eoghann Caimbeul, anns a’ chathair. Chuir muinntir na Comhairle romhpa an geam a chumail a-rithist air an aonamh là deug dhen Ghiblean ann an Inbhir Nis. Thagh iad Inbhir Nis airson dèanamh cinnteach gum biodh sluagh mòr an là thair is gun dèanadh iad gu leòr airgid à s.
Uill, bha sin math gu leòr do mhuinntir Cheann a’ Ghiuthsaich, oir chan eil am baile-san fad’ air falbh bho Inbhir Nis, ach cha robh sgioba Inbhir Aora ro thoilichte. Chuir iad fios gu Rùnaire Cheann a’ Ghiuthsaich, ag innse dha nach b’ urrainn dhaibh faighinn a dh’Inbhir Nis air an là sin airson a’ gheama. Ach thuirt iad anns an teileagram gum biodh iad deònach coinneachadh riutha ann an Glaschu air an dearbh là .
’S ann an uair sin a chaidh cùisean ceà rr. Thuirt muinntir Cheann a’ Ghiuthsaich gum biodh iadsan deònach dhol air ais a Pheairt no eadhon a dh’Inbhir Aora, ach tha e coltach gun do ghabh à rd-urrachan Chomunn na Camanachd san t-sròin e gun do dhiùlt muinntir Inbhir Aora siubhal a dh’Inbhir Nis. Thug iad an cupa do Cheann a’ Ghiuthsaich. Cha chuir e iongnadh sam bith oirbh nuair a dh’innseas mi dhuibh gu robh an caothach air muinntir Inbhir Aora. Dhiùlt iad eadhon pà irt a ghabhail ann am farpais Chupa na Camanachd air a’ bhliadhna às dèidh sin.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrà mair na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.