28/02/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 191
Duration: 05:04
Litir 191: Marsaili nan 脪ran
Rugadh Marsaili Cheanadach-Fhriseal, Marsaili nan 脪ran, ann an ochd-deug, caogad 鈥檚 a seachd (1857), mar Mharsaili Cheanadach, nighean don t-seinneadair ainmeil, Daibhidh Ceanadach. Bhuineadh sinnsearan nan Ceanadach do Ghaidhealtachd Siorrachd Pheairt, ach ghluais iad gu baile Pheairt far an do thogadh Daibhidh. Nuair a bha c貌ignear cloinne aig Daibhidh agus an d脿rna bean aige, Ealasaid Fhriseal, ghluais an teaghlach a Dh霉n Eideann, far an do chuir Daibhidh an gn矛omh an d貌chas a bh鈥 air a bhith aige bho bha e 貌g 鈥 a bhith-be貌 a dh猫anamh le bhith a鈥 seinn agus a鈥 teagasg seinn.
Airson tr矛 bliadhna, fhad 鈥檚 a bha Marsaili na p脿iste, bha iad a鈥 fuireach ann an Lunnainn, far an do choisinn Daibhidh cli霉 dha fh猫in mar sheinneadair. Cha robh G脿idhlig aige, ach bha e measail air 貌rain Albannach anns a鈥 Bheurla, agus chuir e roimhe dhol air adhart le bhith a鈥 seinn, gu proifeasanta, 貌rain Albannach a-mh脿in. Bha e ag amas air 霉ine mh貌r a chur seachad thall thairis, am measg sliochd nan Albannach, agus a鈥 seinn dhaibh.
Fhad 鈥檚 a bha a p脿rantan ann am Aimeireagaidh a Tuath 鈥 airson m矛osan 鈥 dh鈥檉huirich Marsaili agus tri霉ir pheathraichean aice c貌mhla ri an seanmhair ann am Peairt. An uair sin, chaidh iad a Dh霉n Eideann far an do dh鈥檌onnsaich Marsaili ce貌l, an toiseach air a鈥 phi脿na. Dh鈥檉h脿s i sgileil gu le貌r airson am pi脿na a chluich fhad 鈥檚 a bhiodh a h-athair a鈥 seinn, agus chaidh iad air chuairt c貌mhla gu ruige Sealtainn, Arcaibh, Gallaibh, Inbhir Pheofharain agus Inbhir Nis.
Nuair a bha iad ann an Siorrachd Rois, chaidh iad gu seirbheis eaglais a bh鈥 air a cumail a-muigh ann an slag gu tuath air Inbhir Pheofharain. Bha na ceudan anns a鈥 choitheanal, agus bha an t-seirbheis ann an G脿idhlig. Cha robh Marsaili ach tr矛 bliadhna deug a dh鈥檃ois. Rachadh c貌rr is trithead bliadhna seachad mus t貌iseachadh i air an obair aice leis na Gaidheil, ach c貌 aige tha fios nach tug an l脿 sin buaidh air choreigin oirre.
Ann an ochd-deug, seachdad 鈥檚 a dh脿 (1872), chaidh an teaghlach air chuairt a dh鈥橝str脿ilia agus New Zealand 鈥 cuairt mh貌r a mhair tr矛 bliadhna. Agus cha robh e uile gu l猫ir tlachdmhor. Chaidh iad ann am b脿ta-si霉il agus nuair a bha iad ann an uisgeachan tropaigeach th脿inig ci霉ineas air a鈥 mhuir.
An uair sin, chaidh iad gu deas, gu crios nan siantan siara 鈥 a tha barrachd air ceathrad ceum fo chrios meadhan na cruinne. Bha i cho fiadhaich ann a sin 鈥檚 gu robh cuid dhen luchd-siubhail dhen bheachd nach ruigeadh iad Astr脿ilia idir. Gu dearbh, dh鈥檃idich seann bhoireannach 脿 Alba gun do chuir i fo-aodach 霉r oirre gus am biodh i glan nuair a ruigeadh i n猫amh!
Uile gu l猫ir bha iad tr矛 m矛osan aig muir gun a dhol air t矛r, mus do r脿inig iad Melbourne. Cha robh Marsaili is a teaghlach d矛omhain fhad 鈥檚 a bha iad a鈥 se貌ladh, ge-ta. A h-uile l脿 chumadh iad ris a鈥 che貌l aca, oir bha iad air pi脿na beag a thoirt leotha air b貌rd.
Ann am Melbourne fhuair iad f脿ilte mh貌r bho na h-Albannaich is eile a chaidh a dh鈥櫭╥steachd riutha. Ach taobh a-muigh nam bailtean m貌ra, cha robh c霉isean furasta do luchd-siubhail, mar a ch矛 sinn anns an Litir an ath-sheachdain. Chan e d矛reach gu robh droch rathaidean ann ach gu robh droch dhaoine ann cuideachd. Fhad 鈥檚 a bha iad ann am Melbourne chaidh iad a Phr矛osan Phentonville far am fac鈥 iad fear ainmeil air a chumail ann an ceids, mar a sgr矛obh Marsaili, 鈥渃oltach ri ainmhidh fiadhaich鈥. C貌 bh鈥 ann? C貌, ach Ned Cealaidh!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.