07/03/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 192
Duration: 05:19
Litir 192: Marsaili nan Ã’ran
Bha Daibhidh Ceanadach, athair Marsaili nan Òran, gu math ainmeil na là mar sheinneadair Albannach air feadh an t-saoghail, agus chuir e fhèin is a theaghlach seachad trì bliadhna ann an Astrà ilia is New Zealand, a’ siubhal bho à ite gu à ite is a’ nochdadh air an à rd-ùrlar anns gach fear aca.
Aig an à m sin, anns na seachdadan san naoidheamh linn deug, cha robh rathad math sam bith ann eadar Melbourne is Sydney, agus thug na Ceanadaich sia seachdainean air eich is ann an coidsichean, a’ dol tro choille is tarsainn aibhnichean airson Sydney a ruigsinn. Bha an turas garbh, ach chòrd e ri Marsaili. Is bha iad trang gu leòr nuair a rà inig iad Sydney, oir sheinn iad a h-uile h-oidhche airson deich seachdainean.
Chaidh iad an uair sin gu tuath, gu Tìr na Bà nrigh, is ochd mìosan deug as dèidh dhaibh Astrà ilia a ruigsinn, chaidh iad a Thasmania, far an do choinnich iad ri seann bhoireannach laghach a bha na nighinn don fhear-ciùil ainmeil Albannach, Nathaniel Gobha, agus na ban-ogha don fhìdhlear ainmeil, Niall Gobha. As dèidh sin, chuir iad seachad ùine ann an Adelaide is an uair sin New Zealand.
Chunnaic Marsaili rudan ann an New Zealand a chuir Alba na cuimhne. Bha an t-Eilean mu Dheas car coltach ris an t-seann dùthaich agus, ann am Wellington, dh’fhairich i gaoth là idir de a leithid nach do dh’fhairich i ach ann an eileanan na h-Alba. Agus chunnaic i rudeigin a chitheadh i tric is minig anns na bliadhnaichean roimhpe ann an Eilean Bharraigh – boireannach (ban-Mhaori a bh’ innte) a’ lionadh cliabh le coilleagan, no srùbain.
Sheòl iad a dh’Aimeireagaidh as t-samhradh, ochd-deug, seachdad ’s a còig (1875) agus airson a’ gheamhraidh bha iad ann an Canada, uaireannan a’ siubhal ann am fìor dhroch shìde ann an slaod a bh’ air a tharraing le eich. Is bha an teaghlach trang a-rithist, mar bu trice a’ seinn ann an sia bailtean eadar-dhealaichte gach seachdain is ann an dà eaglais Chlèireach a h-uile Sà baid. Nuair a thill Marsaili a Dhùn Eideann, bha i ochd bliadhna deug a dh’aois agus bha i air mòran dhen t-saoghal fhaicinn.
Anns na bliadhnaichean as dèidh sin, chaidh iad air chuairt a dh’Afraga a Deas, agus chuir cuid dhen teaghlach ùine seachad anns an Eadailt airson tuilleadh ionnsachadh mu cheòl. An uair sin, ann an ochd-deug, ochdad ’s a h-aon (1881) dh’fhuiling na Ceanadaich mulad mhòr nuair a chaidh fear de bhrà ithrean Marsaili agus dithis pheathraichean dhi còmhla gu amharclann ann an Nice, anns an Fhraing, airson opera. Bha spreadhadh uabhasach anns an togalach agus chaidh an triùir a mharbhadh.
Thachair mòran do Mhairsili anns na h-ochdadan is toiseach nan naoidheadan. Thill i a dh’Astrà ilia is New Zealand, chaochail a h-athair, phòs i – fear Ailig Friseal a bha na cho-ogha do a mà thair – fhuair i dithis chloinne, agus chaill i an duine aice le droch shlà inte. Bha i na banntrach aig aois trithead ’s a trì.
Chaidh còig bliadhna deug eile seachad mus do rinn Marsaili an ceangal ris na h-Eileanan Siar a bha a’ dol ga dèanamh cliùiteach. Thachair i ri fear-deilbh Albannach, Iain MacDhonnchaidh, a bha measail air a’ Ghà idhlig agus a mhol dhi dhol a dh’Eirisgeigh. Agus chaidh i ann ann an naoi-deug ’s a còig (1905), a’ gabhail carbad-iarainn gu ruige an t-Òban, agus bà t-aiseig a dh’ionnsaigh an eilein. Sgrìobh i bliadhnaichean as dèidh là imh gun do sheòl i a-steach do shaoghal a chumadh greim teann oirre airson a’ chòrr de a beatha. Bheir sinn sùil air mar a ghlac na h-eileanan, agus saoghal na Gaidheal, i an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrà mair na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.