15/06/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 102
Duration: 04:58
Litir 102: Ainmean-脿ite ann am Be脿rnaraigh
Ciamar a chaidh dhuibh leis a鈥 cheist a chuir mi oirbh an t-seachdain 鈥檚 a chaidh 鈥 b鈥 e sin G脿idhlig a chur air I am going to climb the mountain. Tha mi an d貌chas nach tuirt sibh, 鈥渢ha mi a鈥 dol a dh矛readh na beinne鈥! Bha mi an d貌chas gu robh sibh a鈥 dol a chleachdadh facal eile airson climb 鈥 sreap neo streap. 鈥橲 e an duilgheadas a th鈥 ann gu bheil feadhainn a鈥 cleachdadh an fhacail mar nach eil 鈥榯鈥 eadar an 鈥榮鈥 agus an 鈥榬鈥, agus tha feadhainn eile ga chleachdadh mar gu bheil. Mar sin, cluinnidh sibh an d脿 chuid: Tha mi a鈥 dol a shreap na beinne agus tha mi a鈥 dol a streap na beinne.
Tha mi nam bhall de Chomunn G脿idhlig Inbhir Nis, mar a tha m貌ran aig a bheil 霉idh ann an dualchas nan Gaidheal, cuid mhath aca nach eil a鈥 fuireach faisg idir air a鈥 bhaile. Gach darnacha bliadhna, bidh an Comunn a鈥 foillseachadh nam p脿ipearan a chaidh a l矛bhrigeadh aig coinneamhan. Anns na leabhraichean seo, ris an canar na 鈥淭ransactions鈥, tha st貌ras air leth pr矛seil a tha a鈥 dol air ais c貌rr math is ceud bliadhna.
Bha mi a鈥 leughadh na h-iris as 霉ire o chionn ghoirid agus ch貌rd aon ph脿ipear rium gu s貌nraichte. B鈥 e sin fear air gn脿thsan-cainnte is abairtean 脿 Eilean Bhe脿rnaraigh. Chan eil mi cinnteach a-nise an e Be脿rnaraigh na Hearadh neo Be脿rnaraigh Uibhist a bu ch貌ir dhomh r脿dh ris an eilean. Chan eil mi airson n脿imhdean a dh猫anamh dhomh fh矛n ann!
Chaidh am p脿ipear a sgr矛obhadh le D貌mhnall MacIlp agus tha e l脿n abairtean is ghn脿thsan-cainnt inntinneach. Ch貌rd aon abairt rium gu s貌nraichte. Chan eil mi-fh矛n uabhasach measail air a鈥 chuid mh貌ir de che貌l na Beurla, gu h-脿raidh an se貌rsa de dh鈥櫭瞨ain Bheurla a chluinnear air R猫idio a h-Aon is a leithid, agus feumaidh gu bheil mi-fh矛n agus D貌mhnall a鈥 tarraing air an aon r脿mh. 鈥淏u cheart cho math leam a bhith a鈥 sgoltadh bhiorach,鈥 tha e ag r脿dh ri bhith ag 猫isteachd ri a leithid de che貌l! Bu cheart cho math leam a bhith a鈥 sgoltadh bhiorach.
Tha mi a鈥 mothachadh gu bheil m貌ran de na gn脿thsan-cainnt aig na Be脿rnaraich ceangailte ris a鈥 mhuir, agus chan eil sin na iongnadh air eilean beag. Agus, uill, feumaidh mi r脿dh gun do rinn mi g脿ire nuair a leugh mi an t-altachadh a bh鈥 aige. Bidh sibh e貌lach, tha mi 鈥檔 d霉il, air an iasg ris an canar l猫abag 鈥 flounder ann am Beurla. Nise, chan eil mi cinnteach co-dhiubh bha l猫abag air a鈥 bh貌rd a bha seo gus nach robh, ach seo mar a chaidh an t-altachadh.
鈥淭aing dhut-sa, a Dh猫 ghr脿smhoir bheannaichte, gun do dhealbh thu sinn air d鈥 iomhaigh fh猫in, 鈥檚 nach ann air iomhaigh na l猫abaig aig a bheil a d脿 sh霉il air an aona pheirceall.鈥 O, uill, chan eil c脿il a dh鈥檉ios agam d猫 chanadh c脿ch aig a鈥 bh貌rd nan cluinneadh iad altachadh mar sin! Cha chreid mi gum bithinn misneachail gu le貌r airson a ghabhail ann an 脿ite sam bith, fi霉 鈥檚 ann am Be脿rnaraigh fh猫in!
Uaireannan, tha duilgheadas aig luchd-ionnsachaidh ann a bhith a鈥 lorg facal airson 鈥渟queeze鈥. Uill, seo e ann an abairt 脿 Be脿rnaraigh: F脿isg a鈥 phoit-teatha 鈥 squeeze the teapot. 鈥橲 e an gn矛omhair 鈥 f脿sgadh. Is, mura h-eil teatha air fh脿gail anns a鈥 phoit, bithear ag r脿dh, 鈥渁ir an tr脿ghadh a rugadh tu鈥. Uill, chan ann air an tr脿ghadh a rugadh mise, agus ch貌rdadh cupa teatha s貌nraichte math rium an-dr脿sta. Ach bidh mi c貌mhla ribh a-rithist an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghr脿mair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.