![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
13/04/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 93
Duration: 05:03
Litir 93: A' cunntadh sa Gh脿idhlig
Saoil de cho fada 鈥檚 a mhaireas an siostam-cunntaidh ann an G脿idhlig a tha fhathast st猫idhichte air ficheadan, seach deichean? Cha do r脿inig e deireadh an rathaid fhathast ach chanainn gum bi sinn deiseil airson faighinn cuidhteas e taobh a-staigh trichead bliadhna, neo deich bliadhna fichead.
Dhomh fh矛n, tha rudeigin snog mu dheidhinn a bhith a鈥 cunntadh ann am ficheadan. Tha e nas n脿darraiche dhomh ann an G脿idhlig, ged a tha e n脿darrach dhomh cunntadh ann an deichean ann am Beurla. Uaireannan, tha an seann siostam a cheart cho sgiobalta ris an t-siostam deicheach. Smaoinichibh tiotan air an 脿ireamh 鈥渙ne hundred and seventy five鈥, mar a chanadh iad ann am Beurla. Anns an t-siostam 霉r ann an G脿idhlig, chanamaid 鈥渃eud, seachdad 鈥檚 a c貌ig鈥; anns an t-seann siostam, chanamaid 鈥渙chd fichead 鈥榮 a c貌ig-deug鈥.
Cha mh貌r nach eil a h-uile c脿nan anns an Roinn E貌rpa air gluasad air falbh bho fhicheadan, is a dh鈥檌onnsaigh deichean. Agus chan fhada gus an lean a鈥 Gh脿idhlig orra. 鈥橲 e siostam nan deichean a thathar a鈥 teagasg anns na sgoiltean G脿idhlig.
Chanadh na Frangaich, 鈥檚 d貌cha, gu bheil iad fh猫in air beagan de dhualchas nam ficheadan a ghl猫idheadh, leis gur e 鈥渜uatre-vingts鈥 a th鈥 aca air ceithir fichead, neo ochdad. Gu 矛re, tha sin f矛or, agus chan eil facal aca airson naodhad, neo ceithir fichead 鈥檚 a deich, ach 鈥渜uatre-vingt-dix鈥. Agus chan eil facal 脿raidh aca airson seachdad nas motha. Canaidh iad 鈥渟oixante-dix鈥.
Ach chan eil sin co-ionann air feadh nan d霉thchannan a bhruidhneas Frangais. Anns a鈥 Bheilg agus an Eilbheis, mar eisimpleir, canaidh iad 鈥渟eptante鈥 airson seachdad, 鈥渉uitante鈥 airson ochdad agus 鈥渘onante鈥 airson naodhad.
Tha e annasach an 霉ine a thugadh ann a bhith a鈥 st猫idheachadh siostam nan deichean ann an tomhas is airgead ann an diofar r矛oghachan. Ann an seachd ceud deug, ceithir fichead 鈥檚 a deich, neo seachd ceud deug is naodhad (1790), mhol T貌mas Jefferson siostam-tomhais 霉r do na St脿itean Aonaichte, st猫idhichte air deichean. D脿 bhliadhna as d猫idh sin, rinn na h-Aimeireaganaich a鈥 chiad airgead air an t-saoghal a bha gu tur deicheach. Ach, a dh鈥檃indeoin sin, c貌rr is d脿 cheud bliadhna as d猫idh don doilear nochdadh, tha m貌ran rudan fhathast ann am Aimeireaga nach eil st猫idhichte air deichean.
Ann am Breatainn, bhathar a鈥 comharrachadh, air a鈥 mh矛os 鈥檚 a chaidh, mar a bha deich bliadhna fichead, neo trichead bliadhna, air a dhol seachad bho dh鈥檃tharraich an t-airgead don t-siostam a th鈥 againn a-nise. Ach, a dh鈥檃indeoin gu bheil sinn a鈥 p脿igheadh airson peatral ann an airgead deicheach, is a dh鈥檃indeoin gu bheil sin a鈥 ceannach peatral ann an tomhasan deicheach 鈥 litearan seach galanan 鈥 tha sinn fhathast a鈥 siubhal astar air na rathaidean ann am m矛ltean, seach ciolomeatairean. D猫 cho ciallach 鈥檚 a tha sin?!
Bho 脿m gu 脿m, bidh mi fhathast a鈥 cluinntinn daoine ann an Alba ag r脿dh, 鈥淏鈥 fhe脿rr leam puinnd is galanan. Bha c貌ir aca an seann siostam-tomhais a ghl猫idheadh. Cha tuig mi an siostam 霉r gu br脿th.鈥 Uill, chan eil mi-fh矛n cho cinnteach mu dheidhinn sin. Agus, mar dhearbhadh air a sin, seo agaibh ceist:
D猫 an cuideam, ann am puinnd, a th鈥 air galan de dh鈥檜isge? Mmm, cuiridh mi geall nach eil fios agaibh. Ach d猫 an cuideam, ann an ciolograman, a th鈥 air litear de dh鈥檜isge? Tha aonan, agus tha mi cinnteach gu robh fios agaibh air a sin. Tha sin fh猫in a鈥 sealltainn cho fada 鈥檚 a tha sinn air gluasad air falbh on t-seann siostam-tomhais mar-th脿. Aig a鈥 cheann thall, aithreachas ann neo 脿s, falbhaidh na ficheadan air an dearbh rathad a ghabh am punnd is an galan.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.