Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 50: Miùghlaigh

Tha mòran a’ deanamh gàirdeachas gun do cheannaich Urras Nàiseanta na h-Alba Eilean Mhiùghlaigh o chionn ghoirid. Mura h-eil sibh ro eòlach air na h-eileanan a-muigh, tha Miùghlaigh gu deas air Barraigh. ‘S e Mingulay a th’ air ann am Beurla. ’S ann le buidheann de chroitearan a bha an t-eilean, agus eileanan eile faisg air, agus chaidh an reic air fad don Urras Nàiseanta.

Uill, tha sin glè mhath gu ìre. Chan eil teagamh nach dean an t-Urras obair mhath ann a bhith a’ glèidheadh nan eun-mara a tha pailt ann, agus ann a bhith a’ coimhead as dèidh àrainneachd nàdarrach an eilein. Agus ’s dòcha gun dean iad obair air na tobhtaichean cuideachd, mar a rinn iad ann an Hiort. Tuigidh sibh nach eil duine a’ fuireach ann am Miùghlaigh an-diugh. Dh’fhàg an fheadhainn mu dheireadh ann an naoi ceud deug ’s a dhà-dheug (1912).

Ach tha aon phàirt de dhìleab Mhiùghlaigh nach urrainn don Urras Nàiseanta a bheòthachadh as ùr: an cànan agus an cultar a bha na lùib. Anns an naoidheamh linn deug, bha Miùghlaigh na àite fìor mhath airson aithris-sgeulachdan. Agus ’s e an duine a b’ fheàrr a bh’ anns an eilean, co-dhiù timcheall meadhan an linn, fear Ruairidh MacNèill, neo Ruairidh Dhòmhnaill.

Bidh sibh eòlach, tha mi ’n dòchas, air an t-sreath leabhraichean le Iain Og Ile, John Francis Campbell, air a bheil Popular Tales of the West Highlands. Bha fear eile às Ile, Eachann MacIlleathain, am measg an fheadhainn a chruinnich beul-aithris dha, agus fhuair e grunn sgeulachdan bho Ruairidh MacNèill ann am Miùghlaigh.

Seo beagan de na sgrìobh MacIlleathain mu dheidhinn an sgeulaiche: Bidh e a’ dol timcheall ceannruisgte is casruisgte agus thathar ag ràdh nach do chuir e brògan air bho chionn leth-cheud bliadhna. Bidh e ag innse a chuid sgeulachdan le brìgh anabarrach… cleachdaidh e dàil is anail is àrdachadh is ìsleachadh a ghuth’ airson faireachdainn a lìbhrigeadh mar gu robh e air trèanadh fhaighinn bho na h-actairean a b’ fheàrr ri linn…

Chuir Iain Og Ile e fhèin ùine seachad ann an Miùghlaigh cuide ri Alasdair MacIlleMhìcheil, a tha ainmeil airson cruinneachadh eile de bheul-aithris na Gàidhlig, Carmina Gadelica. Bha iad glaiste anns an eilean le stoirm ann an ochd ceud deug trì fichead ’s a h-aon-deug (1871), agus tha fhios gu robh cothrom gu leòr aca còmhradh ri Ruairidh MacNèill.

Seo beagan de na sgrìobh MacIlleMhìcheil mu dheidhinn bliadhnaichean as dèidh làimh: Bha MacNèill an uairsin ceithir fichead bliadhna ‘s a dhà-dheug (92). Cha robh e air a bhith tinn a-riamh, cha robh brògan air a bhith air a chasan a-riamh, agus cha robh e air tì a ghabhail a-riamh… Na òige bha e na eunadair air leth, a’ gluasad gu sgiobalta air creagan ochd ceud troigh os cionn na mara, far a chuireadh an t-eagal dàil air gobhar neo cat…

Cha do rugadh MacNèill ann am Miùghlaigh, ge-tà. Bhuineadh e do Bharraigh, ach chaidh e fhèin is a theaghlach gu ruige Mhiùghlaigh ann an ochd ceud deug, ’s còig ar fhichead (1825) nuair a chaidh am fuadachadh. Bha e cliùiteach am measg nan eileanach airson cho math ’s a bha e air sgeulachdan aithris. ’S dòcha, ge-tà, gu robh aon duine anns an eilean nach robh cho measail sin air – an greusaiche!

Ged a bha e a’ fuireach ann an eilean beag iomallach, bhuineadh na sgeulachdan aige do dhualchas farsaing na Gaidhealtachd. Bha aon tè aige air a bheil feadhainn eòlach an-diugh fhathast – Sgeulachd a’ Ghille Charaich, Mac na Bantraich. Bheireadh i còrr is leth-uair a thìde ri h-aithris air fad. Ach bheir sinn sùil air criomag aiste an ath sheachdain.

Faclan na seachdaine

na h-eileanan a-muigh: the Outer Isles (colloquial); croitearan: crofters;a glèidheadh: conserving; eun-mara: seabird; pailt: plentiful; tobhtaichean: ruined houses;Hiort: St Kilda; dìleab: legacy; aithris-sgeulachdan: telling of (orally-transmitted) stories;ceannruisgte: bareheaded; casruisgte: barefooted; ri linn: in his day; eunadair: hunter of birds,wildfowler; cliùiteach: renowned; greusaiche: shoemaker; iomallach: remote,on the edge;

Abairtean na seachdaine

tha sin glè mhath gu ìre: thats OK as far as it goes; ann a bhith acoimhead as dèidh àrainneachd nàdarrach an eilein: in caring for the islands natural environment (note that a coimhead as dèidh is English phraseology, equivalent to looking after but it is so common in modern Gaelic that we have to accept as part of todays language); nach urrainn do X a bheòthachadh as ùr: that X cannot bring back to life; bha X am measg an fheadhainn a chruinnich beul-aithris dha: X was among those who collected oral tradition for him (note that grammatically it should am measg nam feadhna as feadhainn is feminine, but that is not what people say); bidh e ag innse a chuid sgeulachdan le brìgh anabarrach: he tells (future verbal form for habitual actions) his stories with exceptional effect; cleachdaidh e dàil is anail is àrdachadh is ìsleachadh a ghuth airson faireachdainn a lìbhrigeadh: he uses delay and breath and a raising and lowering of his voice to deliver expression; bha iad glaiste anns an eilean le stoirm: they were stormbound on the island; chaidh X gu ruige Mhiùghlaigh: X went to Mingulay; bhuineadh X do dhualchas farsaing na Gaidhealtachd: X belonged to the broad heritage of the Gaidhealtachd; Sgeulachd a Ghille Charaich, Mac na Bantraich: the Story of the Shifty Lad, the Widows Son; bheireadh e còrr is leth-uair a thìde ri h-aithris air fad: it would take more than half-an-hour to tell in its entirety; bheir sinn sùil air criomag aiste: we will take a look at a little bit of (from) it (sgeulachd is feminine).

Puing ghràmair na seachdaine

chaidh an reic air fad: they were all sold. In Litir 19 (24.09.99),we looked at the use of the verb rach, go with a verbal noun to produce a passive. This is anexample of the 3rd person plural, as is chaidh am fuadachadh (they were cleared). Note that theverbal noun remains unlenited, even when it starts with a lenitable consonant. Thus we saychaidh an ceannach (they were bought), chaidh an togail (they were built). But here is animportant point: The verbal noun is lenited if the subject of the clause is a noun, rather than a(hidden) pronoun. So we say chaidh na h-uinneagan a bhriseadh an-dè (the windows werebroken yesterday) but seall air na h-uinneagan; chaidh am briseadh an-dè (look at the windows;they were broken yesterday).

Gnàths-cainnt na seachdaine

tha mòran a deanamh gàirdeachas: many are expressing pleasure, rejoicing.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast