09/06/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 49
Duration: 04:42
Litir 49: MacLeòid Dhùn Bheagain agus MacNeìll Bharraigh
Tha e inntinneach mar a tha daoine air a bhith a’ dèanamh coimeas o chionn ghoirid eadar dà cheann-cinnidh aig a bheil seann chaisteal anns na h-eileanan – MacLeòid Dhùn Bheagain agus MacNeìll Bharraigh, neo MacNìll mar a chanas muinntir Bharraigh fhèin. ’S e is coireach airson sin gu bheil iad air dà dhòigh eadar-dhealaichte a thaghadh airson obair mhòr, obair-chà raidh, a dhèanamh air an caistealan.
Shaoil MacLeòid Dhùn Bheagain gur e an dòigh a b’ fheà rr a bh’ aige airson pà igheadh airson na h-obrach an Cuiltheann, na beanntan brèagha ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, a reic, airson deich millean not. Le airgead mar sin, dh’fhaodadh e obair gu leòr a dhèanamh air Caisteal Dhùn Bheagain.
Ach bha dòigh eile aig MacNèill. Thug e an caisteal aigesan seachad don bhuidhinn nà iseanta Historic Scotland air mà l airson ceud bliadhna. Agus cha bhi aig Historic Scotland ri pà igheadh ach not agus botal uisge-bheatha do MhacNèill gach bliadhna. Tha mi a’ tuigsinn gum faod MacNèill taghadh a dhèanamh air an uisge-beatha, ge-tà , gus deanamh cinnteach gur e fear math a th’ ann.
Nise, chan eil fhios a’m co-dhiù tha diofar fheallsanachd ann, neo co-dhiù bha diofar fheallsanachd ann, eadar gach cinneadh sin a thaobh airgead. Ach bha mi ann am Barraigh o chionn ghoirid agus fhuair i a-mach gu robh uair ann nuair a bha ceann-cinnidh Clann ‘ic Leòid agus ceann-cinnidh Clann ‘ic Nèill a-mach air a’ chèile gu dubh mu dheidhinn airgead.
Thachair e anns a’ bhliadhna sia ceud deug trì fichead ’s a còig-deug (1675), nuair a bha MacNèill fo fhiachaibh do MhacLeòid. Bha aig MacNèill ri còrr is leth-cheud punnd Albannach a phà igheadh don fhear eile; bha sin co-ionann ri faisg air còig punnd Sasannach. Agus chuir MacLeòid sgioba a dh’ionnsaigh Bharraigh airson an t-airgead fhaighinn air ais. Cha b’ e sin a-mhà in, ach bha teachdaire bhon Rìgh còmhla riutha. Bha an Rìgh, Teà rlach II, a’ taobhadh le MacLeòid.
Nuair a rà inig iad Bagh a’ Chaisteil, dh’fheuch sgioba MhicLeòid ri faighinn a-steach don chaisteal, ach bha an geata glaiste. Agus chan e fà ilte a fhuair iad, ach clachan air an cinn bho gu h-à rd. Cha robh MacNèill a’ dol a phà igheadh sgillinn. Agus nuair a dh’fhalbh na Sgitheanaich, thà inig na Barraich as an dèidh. B’ fheudar do sgioba MhicLeòid dhol air tìr ann an eilean beag faisg air Barraigh.
Anns an eilean sin, fhuair brà thair aig MacNèill greim air teachdaire an Rìgh. Ghoid e na pà ipearan aige, agus thug e rabhadh dha gun a bhith a’ tilleadh a Bharraigh.
Uill, cha robh e glic a bhith a’ dèiligeadh anns an dòigh sin ri teachdaire bhon Rìgh. Agus, ann an sia ceud deug, trì fichead ’s a naoi-deug (1679), b’ fheudar do MhacNèill, a bhrà thair agus feadhainn eile nochdadh anns a’ chùirt ann an Dùn Eideann. Fhuaradh MacNèill neo-chiontach, ach fhuaradh a bhrà thair ciontach agus b’ fheudar dha mìle punnd Albannach a phà igheadh. Tha fhios gur e MacNèill fhèin a phà igh e. Agus chaidh pà irt mhòr dhen airgead, faisg air seachd ceud punnd, do MhacLeòid Dhùn Bheagain.
Agus seo rud a tha inntinneach mu dheidhinn a’ ghnothaich. Mu fhichead bliadhna as dèidh cùis na cùirte, dh’fhà g MacNèill a chaisteal airson a dhol a dh’fuireach air tìr-mòr Bharraigh. Bha an caisteal a’ tuiteam as a’ chèile. Cò aige tha fios nach robh an t-airgead a chaill e do MhacLeòid mar phà irt dhen adhbhar nach b’ urrainn dha pà igheadh airson a chà radh.
Co-dhiù, an-diugh cha leag MacNèill leas cà il a phà igheadh airson a chaisteal a chà radh. Nì Historic Scotland e. Ach dè nì MacLeòid mura tèid aige air an Cuiltheann a reic?
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrà mair na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.